|
|
|
Rannan |
Am Madadh-Ruadh is na h-Iseanan
Feumaidh sibh barrachd air ceathrar no cóignear cloinne airson na
cluiche seo. Théid dithis an sònrachadh - aonan dhiubh mar Am
Madadh-Ruadh agus aonan eile mar A' Chearc. 'S e na h-Iseanan a
chanar ris an fheadhainn eile agus théid iad 'nan sreath air cùlaibh na
circe 's iad a' beirsinn air a céile agus an neach as fhaisge air a'
Chearc oirrese. Tòisichidh còmhradh eadar a' Chirc agus a'
Mhadadh- Ruadh nuair a tha an sreath deiseil air an t-seòl seo:
Leis an fhacal mu dheireadh seo, feuchaidh am Madadh-Ruadh ri beirsinn air an isean mu dheireadh san t-sreath agus tòisichidh an sreath ri gluasad, a' luasgadh a-nunn is a-nall. Feumaidh a' Chearc 'ga cumail eadar na h-Iseanan agus a' Mhadadh-Ruadh, oir ma bheireas e air aon dhe na h-iseanan, feumaidh an t-isean sin an sreath fhàgail is seasamh air taobh. Thig crìoch air a' chluich seo nuair nach eil isean air fhàgail.
|