Rannan
Cainnt nam
Beathaichean

Cainnt nan Eun
Conaltradh
nam Beathaichean

Beagan Gràmair
Amalaidhean
Cainnte

Tòimhseachain
Cluichean
Duain
Ainmean is
Sloinnidhean

Criomagan Eile

An Dribleis

'S e neach fo amghar is ciall do Dhribleis.  Tha buidheann de chlann 'nan suidhe mun cuairt air teine air clachan no rudan eile.  Canaidh iad na leanas:

An Tòisiche:

Seo an dribleis!

An Ath Chlann:

Dé a tha an dribleis ag iarraidh?

An Tòisiche:

Do leth chas a chur air chrith mar a tha mise, mar a tha mise!

Toisichidh am buidheann gu léir leth chas a chur air chrith.  Canaidh an tòisiche an rann a-rithist an uairsin ach ag amas air ball cuirp eile (fhad 's a tha a h-uile clann a chur leth chas air chrith), mar eisimpleir "Do leth làmh a chur air chrith".

Théid clann a dhìochuimhnicheas ball a chur air chrith (no neach a thuiteas bharr a s(h)uidheachan) a chur a-mach ás a' chearcall agus tòisichidh iad as ùr.  Cumaidh iad seo a' dol gus nach eil ach aonar air f(h)àgail.