Rannan
Cainnt nam
Beathaichean

Cainnt nan Eun
Conaltradh
nam Beathaichean

Beagan Gràmair
Amalaidhean
Cainnte

Tòimhseachain
Cluichean
Duain
Ainmean is
Sloinnidhean

Criomagan Eile

Buaileam Ort

Seo gleus tradaiseanta airson clann a roinneadh ann an dà bhuidheann.

Buailidh (gu socair!) aonan slat no geug air aonan eile 's e/i ag ràgh "Buaileam ort!" agus am fear no té eile a' freagairt "Leigidh mi leat!" is glacaidh e no i air an t-slat dìreach os cionn làimh a' bhualadair.  Cuiridh am bualadair a làimh eile os a cionn agus an uair sin am fear no té eile, làmh an déidh làimhe gus an ruigear ceann eile na slaite.  Bheir an neach buaidh aig a bhios an làn glaice mu dheireadh dhen t-slat.  Bidh a' chiad chothrom taghaidh aig an neach a thug a' bhuaidh agus an uair sin fear mu seach gus am bi a h-uile duine air an roinneadh ann an dà bhuidheann.