Rannan
Cainnt nam
Beathaichean

Cainnt nan Eun
Conaltradh
nam Beathaichean

Beagan Gràmair
Amalaidhean
Cainnte

Tòimhseachain
Cluichean
Duain
Ainmean is
Sloinnidhean

Criomagan Eile

Cluich an Taighe

Théid trì cearcallan móra an comharrachadh air an làr aig puingen triantain agus 's e na "taighean" a chanar riutha.  Bidh aonan taobh a-muigh nan cearcall, an "gàidsear", agus ball 'na làmh.  Tha càch eile ann an cearcall.

Tha aig càch ruith bho thaigh gu taigh agus fhad 's a bhios iad taobh a-muigh nan cearcall, feuchaidh an gàidsear am ball a thilgeil orra.  Ma théid aige/aice am ball a thilgeil air neach, bidh e/i 'na "p(h)rìosanach" agus feumaidh e/i sgur dhen chluich agus seasamh air an taobh.

Feumaidh iad réiteachadh có mheud turas a tha aca ruith cuairt iomlan.  Ma théid aig a' ghàidsear a h-uile duine a dhèanamh 'nam prìosanach, buannaichidh an gàidsear.  Mura déid, caillidh an gàidsear.