Rannan
Cainnt nam
Beathaichean

Cainnt nan Eun
Conaltradh
nam Beathaichean

Beagan Gràmair
Amalaidhean
Cainnte

Tòimhseachain
Cluichean
Duain
Ainmean is
Sloinnidhean

Criomagan Eile

Crom an Fhàsaich

Théid aonan a thaghadh sa chluich seo ris an canar Crom an Fhàsaich agus aonan eile ris an canar an Ceann-Feadhna agus seasaidh an Ceann-Feadhna agus a' chlann eile ann an sreath.  Bidh an uairsin an còmradh seo eadar Crom an Fhàsaich agus an Ceann-Feadhna:
Ceann-Feadhna: Fàilte ort fhéin, a Chrom an Fhàsaich,
Có ás an tràth-sa a thàinig thu?
Crom: Thàinig bho m' fhàsach mór math fhéin!
Ceann-Feadhna: Dé a thug dhutsa fàsach agus mise gun fhàsach?
Crom: Mo chruas, mo luathas 's mo làidireachd fhéin,
'S chan eil 'nad chuideachd a bheir bhuam e!

Ceann-Feadhna:
(a' comharrachadh aonan san t-sreath)

Tha garran beag donn an-seo ri m' làimh,
A chuireas do cheann 's do dhà bhonn ri talamh!
Crom: Am buanna mór,
Seasadh e a-mach!

Théid Crom agus an Garran Donn a ghleacadh 's iad a' feuchainn ri chéile a leagail gu làr.  Ma théid le Crom, feuchaidh e neach eile gus a théid e fhéin leagail gu lár.  Ma théid leis a' Gharran Donn, tòisichidh a' chluich a-rithist 's am fear no té a bhuannaich 'na C(h)rom an-dràsta.