Rannan
Cainnt nam
Beathaichean

Cainnt nan Eun
Conaltradh
nam Beathaichean

Beagan Gràmair
Amalaidhean
Cainnte

Tòimhseachain
Cluichean
Duain
Ainmean is
Sloinnidhean

Criomagan Eile

Goid a' Chrùin no Goid na h-Adaige

Feumaidh tu dà bhuidheann cloinne airson na cluiche seo.  Comharraichidh iad crìoch eadar an dà bhuidheann am meadhan an raoin far a bheil iad a' cluich agus cuiridh an dà bhuidheann rudan 'nan sreath mu dhusan ceum air falbh bhon chrìch, can miotagan, brògan ... rud beag sam bith.  Seasaibh an dà bhuidheann mu choinneimh a chéile an uairsin, cho faisg air a' chrìch 's a ghabhas gun a dhol thairis oirre.  Feuchaidh clann bhon dà bhuidheann an uairsin ruith thairis air a' chrìch, greim fhaighinn air fear dhe na rudan 'nan sreath agus ruith air ais dhan roinn aca fhéin 's a chur san t-sreath acasan.  Ach ma gheibh fear no té an taoibh eile greim air/oirre fhad 's a tha iad a' feuchainn ri duais a ghoid, feumaidh iad reòthadh air làrach nam bonn far an do bheireadh air/oirre (agus 's e Cnuimheag a chanar ris/rithe fhad 's a tha iad 'nan reòthadh) agus am faigh iad saorsa le aonan dhen sgioba aca fhéin a' cur sgiobag air/oirre.  Bidh a' bhuaidh leis a' bhuidheann a ghoideas a h-uile duais no a nì cnuimheagan dhen sgioba m' a choinneimh gu léir.