|
|
|
Rannan |
Làir a' Mhinisteir Seasaidh no suidhidh a h-uile duine ann an cearcall an toiseach agus théid aonan a shònrachadh mar Rìgh. Théid an uairsin farainm a chur air a h-uile duine leis an neach a tha ri a t(h)aobh, can Am Balgair Buaireanta, Caileag gun Sgalag, Am Balach Salach, A' Chailleach Bhòidheach is mar sin air adhart. Gabh an Rìgh an rann seo an uairsin:
*[no farainm eile sa chuideachd] Gabhaidh am Balach Salach an rann seo an uairsin ach ma nì e mearachd sam bith, feumaidh e ùmhladh a dhèanamh a shònraicheas an Rìgh, can rudeigin a thoirt seachad no rudeigin a dhèanamh. Ach ge be dé an t-ùmhladh, gheibh e a shaoradh le dà òran a sheinn no seanfhacal a ràdh no tòimhseachan a chur no seasamh air a leth-chois car ùine no seasamh air a cheann-chaol no car a' mhuiltein a dhèanamh. Faodar ùine a shuidheachadh airson na cluiche seo no sgur nuair a thathar sgìth dheth.
|