|
Rannan
Cainnt nam
Beathaichean
Cainnt nan Eun
Conaltradh
nam Beathaichean
Beagan Gràmair
Amalaidhean
Cainnte
Tòimhseachan
Cluichean
Duain
Ainmean
is Sloinnidhean
Criomagan Eile

|
Rannan
- Rhymes
|
Leum
clann air do ghlùin ris an duan seo. Tha seo coltach ri
"Ride a cock
horse to Banbury Cross to see a fine lady upon a white horse ..."
na Beurla. Beir air ball na cloinne nuair a tha e ag ràdh
"beiridh e air X oirrn" ...
Am
faca sibh marcaichean a' dol seachad?
Chunnaic!
Saoil am beir sinn orra?
Ma choisicheas sinn gu math!
Cuis! A chapaill sorchain,
Mise air muin do shearrachain.
Ma bheireas MacCuinn oirnn,
Beiridh e air chinn oirrn;
Ma bheireas MacAsgaill oirrn,
Beiridh e air chasan oirrn;
Is ma bheireas MacLeòid oirrn,
Beiridh e air shròin oirrn;
Ma bheireas MacCoinnich oirrn,
Fàgaidh e air dheireadh sinn.
Siud làir bhreabach,
Le na creagan,
Làn an dùirn de chaoran dearga,
Am bun a h-earbaill,
Mise air a muin,
Is ise 'na ruith! |
|
Chan
eil fios againn an e eadar-theangachadh bhon Bheurla a tha ann
no rann ghàidhealach ...
Sin an coileach
A dhùisg a' bhanarach
A bhleòghainn a' bhó
A bhuail an cù
A ruith an cat
A mharbh an radan
A tholl am pòca
A bha anns an taigh
A thog Iain.
|
|
Rann
nan àireamhan:
A h-aon, a dhà,
Ciamar a tha?
A trì, a ceithir,
Brògan leathair,
A cóig, a sia,
Uisge is fèath,
A seachd, a h-ochd,
Is mi a tha bochd,
A naoi, a deich,
Faic na h-eich,
A h-aon deug, a dhà dheug,
Brògan gun phàigheadh.
|
|
Rann
nan àireamhan:
A
h-aon, a dhà, a trì,
An cat, an cù
's
mi fhìn,
A' ruith 's a' leum air feadh a' ghàrraidh,
Gus am fàs sinn sgìth.
A
ceithir, a cóig, a sia,
Uisge no gaoth no fèath,
Togaidh sinne bothan beag,
Le clachan is crèadh.
A
seachd, a h-ochd, a naoi,
Gheibh mi slat is sreang,
Is théid mi a dh'iasgach san abhainn,
Gus an dig an oidhche.
A
deich 's a h-aon deug,
Chan e facal bréig,
Gun do chùnnt mi fichead starrag,
Is iad 'nan suidh air geug.
A
dhà dheug
's
a trì deug,
Fhuair na mèirlich fìor leug,
Nuair a bhris iad a-steach dhan chaisteal,
Ann am Baile Strìmeig.
A
ceithir deug
's
a cóig deug,
Cheannaich Iain bó bheag,
Fhuair e ìm is grùth is bàrr,
Is dh'òl na cearcan tòrr mèag.
A
sia deug
's
a seachd deug,
Dheasaich Anna breacag,
Thugadh i air falbh on bhòrd,
Có a ghoid i? Cha robh beachd aic'.
A
h-ochd deug, a naoi deug fichead,
Thall air cùl an lios ud,
Fhuaireadh nead le uighean gorma,
Is mór mo dhéidh nach bris iad. |
|
Ainmean
nam meuran:
Òrdag,
colbag, Fionnlagh Fada*, mac an aba, lùdag (bheag).
*Màiri
Fhada airson bhoireannach |
|
Chuala mi bìog
air a' chreig:
Chuala mi
bìog air a' chreig;
Có a rinn am bìog beag air a' chreig?
Rinn eun beag,
Is e a rinn am bìog beag air a' chreig.
Chuala mi
ceilear binn air a' ghéig;
Có a rinn an ceilear binn air a' ghéig?
Rinn an smeòrach,
Is i a rinn an ceilear binn air a' ghéig.
Chuala mi
ràc air an loch;
Có a rinn an ràc air an loch?
Rinn an lach,
Is i a rinn an ràc air an loch.
Chuala mi
sgreuch air an tràigh;
Có a rinn an sgreuch air an tràigh?
Rinn corra-ghritheach,
Is i a rinn an sgreuch air an tràigh.
Chuala mi
gorrac air an sgeir;
Có a rinn an gorrac air an sgeir?
Rinn sgarbh,
Is e a rinn an gorrac air an sgeir.
Chuala mi
guileag os cionn na sgeire;
Có a rinn a' ghuileag os cionn na sgeire?
Rinn faoileag,
Is i a rinn a' ghuileag os cionn na sgeire.
Chuala mi
dùrdail san doire;
Có a rinn an dùrdail san doire?
Rinn an coileach-dubh,
Is e a rinn an dùrdail san doire.
Chuala mi
gogail air a' chàthar;
Có a rinn a' ghogail air a' chàthar?
Rinn an coileach-fraoich,
Is e a rinn a' ghogail air a' chàthar.
Chuala mi
langan anns a' chreachann;
Có a rinn an langan anns a' chreachann?
Rinn am fiadh,
Is e a rinn an langan anns a' chreachainn.
Chuala mi
mèil air an raon;
Có a rinn a' mhèil air an raon?
Rinn caora,
Is e a rinn a' mhèil air an raon.
Chuala mi
geum anns a' chluain;
Có a rinn an geum anns a' chluain?
Rinn bó,
Is i a rinn an geum anns a' chluain.
Chuala mi
bùirean air a' mhachair;
Có a rinn am bùirean air a' mhachair?
Rinn tarbh,
Is e a rinn am bùirean air a' mhachair.
Chuala mi
meigeart air a' bhearradh;
Có a rinn am meigeart air a' bhearradh?
Rinn gobhar,
Is i a rinn am meigeart air a' bhearradh.
Chuala mi
sitir anns an achadh;
Có a rinn an t-sitir anns an achadh?
Rinn each,
Is e a rinn an t-sitir anns an achadh.
Chuala mi
comhart air a' mhonadh;
Có a rinn an comhart air a' mhonadh?
Rinn cù,
Is e a rinn an comhart air a' mhonadh.
Chuala mi
glaodhach air a' chnoc;
Có a rinn an glaodhach air a' chnoc?
Bha duine,
Is e a bha a' glaodhach air a' chnoc.
Bha e a' stiùireadh a' choin a bha air a' mhonadh. |
|
Rann
nam meuran (toisich leis an òrdaig agus casaich na meuran mu
seach is can an rann):
Seo
an té a bhris an sabhal,
Seo an té a ghoid an sìol,
Seo an té a sheas ag amharc,
Seo an té a theich air falbh,
Seo an té a dh'innis e, a dh'innis e, a dh'innis e. |
|
Rann
nam meuran eile (toisich leis an òrdaig agus casaich na meuran mu
seach is can an rann):
Seo
an té a leig an sabhal,
Seo an té a ghoid na sìl,
Seo an té a sheas ag amharc,
Seo an té a ruith air falbh,
Seo an té bheag a b'
fheudar a phàigheadh air fad. |
|
A'
buain an arain ùir:
Thuirt
Gìgean ri Guaigean:
"Théid sinn a bhuain an arain ùir!"
"Rach thusa ann" arsa Gìgean.
"Rach fhéin ann" arsa Guaigean.
"Théid sinn ann le chéile" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean;
agus dh'fhalbh iad a bhuain an arain ùir.
"Buain thusa e" arsa Gìgean.
"Buain fhéin e" arsa Guaigean.
"Buainidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Ceangail thusa e" arsa Gìgean.
"Ceangail fhéin e" arsa Guaigean.
"Ceanglaidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Caoinich thusa e" arsa Gìgean.
"Caoinich fhéin e" arsa Guaigean.
"Caoinichidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Adagaich thusa e" arsa Gìgean.
"Adagaich fhéin e" arsa Guaigean.
"Adagaichidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Cròth thusa e" arsa Gìgean.
"Cròth fhéin e" arsa Guaigean.
"Cròthaidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Buail thusa e" arsa Gìgean.
"Buail fhéin e" arsa Guaigean.
"Buailidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Glan thusa e" arsa Gìgean.
"Glan fhéin e" arsa Guaigean.
"Glanaidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Cruadhaich thusa e" arsa Gìgean.
"Cruadhaich fhéin e" arsa Guaigean.
"Cruadhaichidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Bleith thusa e" arsa Gìgean.
"Bleith fhéin e" arsa Guaigean.
"Bleithidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Criathair thusa e" arsa Gìgean.
"Criathair fhéin e" arsa Guaigean.
"Criathraidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Fuin thusa e" arsa Gìgean.
"Fuin fhéin e" arsa Guaigean.
"Fuinidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Bruich thusa e" arsa Gìgean.
"Bruich fhéin e" arsa Guaigean.
"Bruichidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean.
"Ith thusa e" arsa Gìgean.
"Ith fhéin e" arsa Guaigean.
"Ithidh sinn le chéile e" arsa Gìgean.
"Nì sinn mar sin fhéin e" arsa
Guaigean. |
|