|
Dubh-Fhacail
Seann Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain B
Tòimhseachain C
Tòimhseachain D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain G
Tòimhseachain I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain O
Tòimhseachain P
Tòimhseachain R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

|
Dubh-Fhacail
|
Cha
do dhìrich Fionn bruthach a-riamh,
Agus cha do dh’fhàg e bruthach gun dìreadh.
> Ghabh e a
h-uile bruthach air a tarsainn.
|
|
Chaidh fear do
ghobhainn gus a each a chruibheadh is thuirt e ris a' ghobhainn:
Thoir
dhen each na cruibhean a tha air,
Cruibh e leis na cruibhean a tha air,
Ach na cuir air na cruibhean a tha air.
> Thug e na
ceann chruibhean dhen each agus rinn e òrd dhiubh agus chuir e na
cruibhean ùra air leis an òrd an uair sin.
|
|
Chunnaic gille
caileag bhrèagha ’na suidhe aig uinneig uair agus chuir e cheist
oirre an déid i leis air chuairt. Dh’fhreagair a’
chaileag mar seo:
An
uair a thogas mi an lìon,
A leagas mi a’ ghlainne,
Is a chuireas mi am marbh a thiodhlaiceadh a’ bheò.
Chaill an
gille a dhòchas leis an fhreagairt sin agus chaidh e air bòrd bàta
is sheòl e thairis. Thill e an ceann cóig bliadhna agus
chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i toilichte
leis idir. Chaidh e a faicinn agus thug i fuasgladh a facail
mu dheireadh:
Cho
luath is a thogainn an t-anart dhen bhùird,
A dhùininn an uinneag,
Is a smàlainn an teine ...
agus cha do chùm sin fada mise
ach bha thus cho mi-fhoighdineach.
|
|
Cladh
Cill-Dà-Bhi,
Thiodhlaic mi mo naoinear ann mar thrì,
A-nochd is dubhach Doirbhean,
An déidh na cloinne caoimhe.
> Chaidh
dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
|
|
Deoch
slàinte an ainmig nach dig,
A-nis, ged is minig a thàinig,
Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig,
Leth cho tric ris a’ mhinig a thàinig.
>
Thréig am fear a bha i ’ga shireadh i agus cha dug i a spéis
dhan fhear a tha ’ga sireadh an-dràsda.
|
|
Thiodhlaic
mi mo naoi nigheannan mar sheachdnar,
An Cille-mo-Neachdain ann an Ì.
> Chaidh
dithist a chur san aon aoigh aig dà àm.
|
|
Thuirt
bana-mhaighstir ri searbhanta a bha a’ gearan gun robh e air a
tholladh leis an acras is iad-san a-muigh a’ buain na mòine:
Theirig
dhachaidh agus ith do shàth,
Na ith an t-aran a tha briste,
Is na bris an t-aran a tha slàn.
> Rinn an
searbhanta mar a dh’iarradh air is rinn e toll am meadhan gach
bonnaige.
|
|