|
Dubh-Fhacail
Seann Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain B
Tòimhseachain C
Tòimhseachain D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain G
Tòimhseachain I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain O
Tòimhseachain P
Tòimhseachain R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

|
Seann
Eòlas Eile
|
Aiseag
an t-Sionnach, na Goibhre is an Fheòir
Cha b'
urrainn am fear-aiseig a thoirt leis ach aon air gach turas, agus
nam fàgadh e leotha fhéin iad, dh'itheadh an sionnach a'
ghobhar is dh'itheadh a' ghobhar am feur. Ciamar a
chaidh aige air an giùlan?
Thug
e a'
ghobhar a-null an toiseach is dh'fhàg e an sionnach agus am
feur. Thill e an-sin a dh'iarraidh an t-sionnach agus air
dhà aiseag, thug e leis a' ghobhar air ais agus dh'fhàg e i. Dh'aisig e a-nis am feur a
dh'fhàg e còmhla ris an
t-sionnach agus thill e a dh'iarraidh na goibhre. |
|
Aiseag
nam Fear is nam Mnathan
Bha sianar a'
sireadh aiseig tha caolais, triùir fhear agus am mnathan.
Cha robh ri a fhaighinn ach coit bheag nach dugadh leithe ach
dithis aig an aon àm. Bha na fir ag eudach air chòr is
nach faodadh aon dhiubh a bhith air a fhàgail ach le a mhnaoi fhéin.
Ciamar a fhuair iad a-null?
Chaidh
dithis bhan a-null an toiseach. Thill aon, agus thug i
a-null a' bhean eile. Thill an aon air a h-ais agus dh'fhàn i
maille ri a fear fhéin. Chaidh an-sin an dithis fear eile
a-null. Thill té de na mnathan air a h-ais a dh'iarraidh
na mnatha eile agus thill an té mu dheireadh a dh'iarraidh a
fir fhéin. Mar sin, fhuair iad uile a-null.
|
|
Cha
do dh'dhìrich
Fionn bruthach a-riamh agus cha do dh'fhàg e bruthach gun a dìreadh.
ghabh
e gach bruthach air a tarsainn
|
|
Chaidh
neach le each gu a chrùidheach agus mar seo a thuirt e ris a'
ghobha:
Thoir dhen each na cruidhean a tha air,
Crùdh e leis na cruidhean a tha air,
Ach na cuir air na cruidhean a tha air!
Ciamar a rinn an gobha?
Thug
e na seann chruidhean dhen each, rinn e òrd dhiubh agus leis an òrd
ùr chuir e cruibhean ùra air an each.
|
|
Ciamar
a dh'aithnichear adag seach cuiteag?
ball
dubh air an adaig
is earball fada air a' chuiteig
|
|
Ciamar
a sgaoiltear fiodh?
gach
fiodh air a bhàrr,
ach an fheàrna air a bun
|
|
Ciamar
a tha coltas nàire air an uaireadair?
tha
a dhà làmh daonnan air a aodann
|
|
Ciamar
a tha fiacail a chaidh a tarraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne?
dh'fhalbh
i ás a' cheann
|
|
Ciamar
a tha leabaidh an t-slaodaire ro ghoirid dhà?
tha
e ro fhada innte |
|
Ciamar a tha mac-talla coltach
ri boireannach?
bidh am
facal mu
dheireadh aige
ge b' oil leat
|
|
Ciamar
a thaghadh MacBharais agh?
E
a bhith leathann os a chionn,
Goirid an dà shùil am beul,
Gaoisid dualach tiugh is i dlùth,
Gun a bhith bho ghlùin ach réis,
Adharc fhada, gorm, no dearg,
Speir mhollach, leathann, gharbh,
Bhitheadh e searbh mura bitheamaid réidh.
|
|
Ciamar
a thaghar bean
A
mhic, ma théid thu 'gan taghadh,
Na tagh na dubha móra no na donna mala,
Na tagh Cinneagag no Cruinneagag no Snathdag,
No meall air muineal, no cnap air slugan,
No luinneagag liana, no Pìobaire na tobhta,
Ach tagh bean donn mar thonn air uisge glan,
Ciarag bheag air dath na lucha na sir is na seachain.
|
|
Ciamar
a thaghar bean
Na
pòs ginneabhag, na pòs innebheag,
Na pòs maoltach thràghad,
Na pòs glag air gàrradh,
Is na pòs maighdean Sàbaid,
Ach pòs bean bheag odhar,
'Na seasamh an doras a sabhail fhéin,
Fuath aice air fir an t-saoghail,
Agus gràdh aice air a fear féin.
|
|
Ciamar
a thaghadh Mac Cormaig bean?
Pìobaire
na tobhta,
dh'iarr Cormag a seachnadh,
Meall air slugan is guc air sgòrnan,
dh'iarr Cormag a seachnadh,
Gleadhradh mhór a' ghàrraidh,
dh'iarr Cormag a seachnadh,
Té mhór odhar an doras a sabhail,
dh'iarr Cormag a seachnadh,
Ach ciarag bheag air dath na lucha,
Na sir is na seachain ise.
|
|
Ciamar
a thaghadh tu each?
Mar
shionnach, domhain anns an aisne, dìreach anns an druim,
dosach anns an earball;
Mar ghearr: fada anns a' chois, ullamh gu gnìomh agus
biorach
anns a' chluais
Mar mhnaoi: cruinn anns a' mhàs, làn anns an uchd agus
bog
anns a' bheul.
|
|
Ciamar
a thiodhlaiceas am marbh am beò?
smàladh
teine
|
|
Ciamar
a thogadh Dòmhnall Gorm bìrlinn?
Leagail
bheag is togail bhog,
Snìomh fhada 'na
goid is i gun tuim,
Sliasaid agus gualann chruinn,
Agus ma bhios trì troighean 'na druim,
Bitheadh troigh na tobhta chruinn is dòrn,
Is a dhà thrian de leud 'na tòin.
|
|
Ciod
iad an triùir mharbh as bòidhche a tha ann?
breac
geal, coileach dubh is leanbh beag
|
|
Ciod
iad ceithir aoisean an duine?
fichead
bliadhna a'
teachd,
fichead bliadhna chum math,
fichead bliadhna a' meath,
fichead bliadhna gun rath.
|
|
Ciod
iad na ceithir comharraidhean air céill?
foighidinn,
stòldachd, stuamachd
is deas-bhriathrach |
|
Ciod iad na
ceithir nithean as miosa air an t-saoghal?
Diùbhaidh
teine, feàrna ùr,
Diùbhaidh dighe, fìon sean,
Diùbhaidh duine, mi-rùn,
Agus diùbhaidh nan diùbhaidh droch bhean.
|
|
Ciod
iad na roinn as fheàrr de dh'éisg?
cliabh
sgadain,
tàrr bradain,
is cùl cinn a' bhric duibh
|
|
Ciod
iad na sia buadhan a bha a'
cumail suas na Féinne?
Àgh
Fhinn,
Làmh Ghoill,
Prab-bhuillean Osgair,
Iomairt ealamh Oisein,
Ruith chruaidh Chaoilte,
Is suidheachadh Chomail air a'
chath.
|
|
Ciod
iad na trì ainmhidhean nach fuiling an cniadachadh?
cearc,
caora is cailleach
|
|
Ciod
iad na trì àitean as fheàrr airson naidheachd?
taigh-òsda,
muileann is ceàrdach
|
|
Ciod iad na trì
as luaithe anns a'
chuan?
An
rionnach, am bradan is an ròn,
trì seòid a' chuain
|
|
Ciod iad na trì
buill cuirp as fuaire?
adharc
daimh, sròn coin
is glùn fir (le féileadh)
|
|
Ciod iad na trì buillean as duiliche am fulang?
buille
san t-sùil, sa ghlùin is san uillinn
|
|
Ciod iad na trì
comharraidhean air làraich mhallaichte?
deanntag,
droman is traon
|
|
Ciod
iad na trì creutairean as beòthaile?
Mac
banntraich aig am bi cròdh,
Madadh muilleir aig am bi min,
Searrach seann-làire air ghreigh,
Triùir as meanmnaiche air bith.
|
|
Ciod
iad na trì gaothan as fuaire a tha ann?
gaoth
an déidh aiteimh, gaoth tro tholl
is gaoth bho bhonn siùil
|
|
Ciod
iad na trì gnèithean as dorra an stiùireadh?
gnè
circe, muice is mnatha
|
|
Ciod
iad na trì nithean as dorra gréim a dhéanamh orra?
earr
a'
bhradain, cas-deiridh féidh is
sgiath na muice-mara
|
|
Ciod
iad na trì nithean de nach do ghabh an Gàidheal a-riamh nàire?
breac
á linne, fiadh á fireach
is slat á coille
|
|
Ciod
iad na trì nithean a thig gun iarraidh?
eagal,
eudach is gaol
|
|
Ciod
iad trì mallachdan an tuathanaich?
reothadh
céitein, ceò iuchar is an taoitear sàileach
(Ruairidh MacCoinnich, fear a chuir
màl sgriosail air daoine) |
|
Ciod
na trì nithean as milse a tha ann?
mo
chuid fhìn, mo bhean fhìn
is tighinn dhachaigh |
|
Ciod iad trì subhailcean a'
bhàird?
ciocras
coin gu làn a bhroinn, fios fithich a' ruith
gu roic, pathadh frith-fhir gu òl a dhrama
|
|
Có a'
chailleach as cumhachdaiche a tha air an t-saoghail?
an
geamhradh
|
Có
am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire
a bha a-riamh air thalamh.
an
t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa |
|
Có
am beul as eagalaiche?
beul
na h-oidhche
|
|
Có
am beul as solasaiche a tha air an t-saoghal?
beul
an latha
|
|
Có
an t-each is an làir nach facas a-riamh a' treabhadh?
each-uisge
is làir-mhaide
|
Có
am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire
a bha a-riamh air thalamh.
an
t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa
|
|
Ciod
iad na seachd miannan a tha a'
comharrachadh chreutairean a-mach?
Miann
mnatha, mac,
Miann fir, feachd,
Miann eich, aonach,
Miann coin, sneachd,
Miann bà, braon,
Miann caorach, teas,
Miann goibhre, gaoth,
Air leathad caoin, cas.
|
|
Có mheud crann
a tha anns a'
choille?
a
dhà, eadhon ùr agus sean
|
|
Có na casan as fhaide a tha
air an t-saoghal?
gath-gréine
|
|
Có na fir as aigeannaiche a
tha air an t-saoghal?
na Fir-Chlis
|
|
Dé
an tinneas as fheàrr na an t-slàinte?
breith
|
|
Dé
as brisge na currabhallan?
aigne
mnatha eadar dithist fhear
|
|
Dé
as fheàrr do laoch?
gnìomh
àrd is uaill ìseal
|
|
Dé
as fheàrr do mhnaoi?
tlàths
|
|
Dé as fheàrr do
rosg mnatha?
fuachd,
dorchdas is cadal
|
|
Dé
as géire na an claidheamh?
ciall
mnatha eadar dithist fhear |
|
Dé
as fheàrr na seudan?
sgian |
|
Dé as gile na
sneachd?
fìrinn
|
|
Dé
as lìonmhoire na feur?
driùchd
|
|
Dé
as luaithe na a'
ghaoth?
mac-meanmna
mnatha
|
|
Dé as maoithe
na clòimh?
deàrn
ri leacainn
|
|
Dé
as milse na a'
mhil?
briathran
suiridhe
|
|
Dé
as miosa de bhiadh?
blianach
is òl mil-deoch
air a'
chiad longadh |
|
Dé
as seirbhe na an nimh?
achmhas
nàmhaid
|
|
Dé
as teotha na an teine?
gnùis
duine mhath air an dig aoighean
is e gun bhiadh gun deoch
|
|
Dé
cho fada is a ghiùlanas ainmhidhean an àl?
trì
mìosan cù, cóig bho lethcheud cat,
is ionnan bean is bó, bliadhna mhór dhan each.
|
|
Dé
is long ri gach luchd?
teanchair
gobhainn
|
Deoch
slàinte an ainmig nach dig,
A-nis, ged is minig a thàinig,
Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig,
Leth cho tric ris a'
mhinig a thàinig.
am
fear a bha ise a' sireadh, thréig e i,
agus cha dug i a spéis dhan fhear a bha 'ga sireadh
|
|
Dh'fhaighnich
gille de nighinn agus i aig uinneig fhosgailte, cuine a rachadh i
leis air chuairt, is fhuair e an fhreagairt a leanas:
An uair a thogas mi an lìon,
A leagas mi a' ghlainne,
Agus a chuireas mi am marbh a thiodhlacach a' bheò
Chaill e a dòchas an uair sin, seòl e thairis agus air dhà
tilleadh an ceann trì bliadhna, chuala e gun robh i pòsda aig
fear eile ach nach robh i idir toilichte. Chuir seo
smuairean air agus chaidh e a choimhead oirre agus fhuair e
fuasgladh air na facail mar seo:
Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhòrd,
A dhùininn an uinneag,
Agus a smàlainn an teine.
Cha do chùm sin fada mise, ged a bha thusa mì-fhoidneach.
|
|
Fionn
agus Dubhan
Thachair Fionn le buidheann anns an robh ceithir duine deug air
Dubhan aig an robh an àireamh cheudna agus rinneadh deasachadh
airson stréipe air ball. An-sin dh'àithn aon dhen
chuideachd gum bu chubhaidhe suidhe aig cuirm mu bhòrd chruinn
agus iad a bhith air am measgachadh a-réir is mar a shònraicheadh
Fionn. Bha iad uile ri suidhe agus an déidh na cuirme bha e
air a chur mar fhiachan air Fionn tòiseachadh air an cùnntas
timchioll a' bhùird agus gach naoidheamh fear òrdachadh chum bàis.
Chaidh sin a dhéanamh air dòigh cho seòlta is gun do mhearbhadh
Dubhan agus a luchd leanmhainn uile, ged nach do chaill Fionn fiù
a h-aon. Ciamar a chaidh aige air?
Ceathrar
fhear fionn 'nan suidhe air thùs,
A laoidheadh air mheamhair ri am bàs,
Cóignear fhear dubha 'nan dàil,
De dhearbh luchd cogaidh le Dubhan,
Dithis bho MhacCumhail nam buadh,
Agus aon bho Dhubhan dreach ruadh,
Triùir bho Fhionn as àille dreach,
Agus aon bho Dhubhan diùramach,
Cha do shuidh Fionn anns a' bhrùgh bhàin,
Gun dithis dubha air aon làimh,
Dithis eile 'nam fochair-san,
De mhuinntir Fhinn á Albainn,
Triùir dhubha le Dubhan dil,
Agus aon fhear fionn 'nam fochair-san,
Dà chomhlaochan dubh 'nan dàil,
Agus cha b' uilear dhà neach eile.
|
|
Gu
dé iad trì coilceadha na Féinne?
bàrr
gheal-chrann, còinneach is ùr-luchair
|
Is math a
dhannsadh Ùisdean Friseal,
Ùisdean Friseal, Ùisdean Friseal,
Is math a dhannsadh Ùisdean Friseal,
Leis an fhichead maighdinn,
Cóignear roimhe, is
'na
dhéidh,
Cóignear roimhe is 'na dhéidh,
Cóignear air gach làimh dheth.
Có mheud maighdean a bha a' dannsadh leis?
bha
e a'
dannsadh leis fhéin,
le cóig meòir air gach cois is làimh
|
|
Roinn
a' Bhainne
Bha aig tuathanach ri ochd gallain bhainne a roinn co-ionnan eadar
dithis choimhearsnach agus gun ri a sheachnadh ach trì
soitheachan a ghabhadh ochd, cóig is trì gallain fa leth. Ciamar a chaidh aige air roinn chothromach a dhéanamh?
Bha
soitheach nan ochd làn agus lìon e soitheach nan trì. An-sin, chuir e an soitheach nan cóig na ghabhadh e a soitheach
nan trì agus bha an roinn a-nis mar seo - aon, anns an fhear
bheag; cóig, anns an fhear mheadhanach; agus a dhà, anns an
fhear mhór. Dh'fhalamhaich e am fear meadhanach anns an
fhear mhór agus chuir e na bha anns an fhear bheag anns an fhear
mheadhanach. Lìon e an-sin am fear beag ás an fhear mhór
agus dhòirt e na bha anns an fhear bheag anns an fhear
mheadhanach. Bha mar sin ceithir gallain anns an fhear
mheadhanach agus a' cheart uiread anns an fhear mhór.
|
Seachd
sgadain, sàth bradain;
Seachd bradain, sàth ròin;
Seachd ròin; sàth muice-mara bige;
Seachd mucan-mara beaga, sàth cionnain-crò;
Seach cionnain-crò, sàth mial-mhóir a' chuain.
|
|
Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
Na ith an t-aran a tha briste,
Is na bris an t-aran a tha slàn,
arsa a' bhana-mhaighstir ris an t-seirbhiseach air dhì a ràdh
gun robh i air a tolladh leis an acras agus iad a' buain anns an
fhoghair. Cha robh mir de dh'aran briste anns an
taigh.
Rinn an nighean mar a dh'iarradh oirre le toll a dhéanamh
am meadhan gach bonnaich.
|
|