|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain
E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain
M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain
T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain
A
Tha
bràthair aig bràthair mo athar,
is cha bhràthair athar dhomh-sa e.
’athair fhéin
|
|
Dé
as seirbhe na an nimh?
achmhas
nàmhaid
|
Poit
bheag neònach,
a'
seòladh tron an tìr,
i loma-làn feòla,
’s a tòn os a cionn.
ad
|
|
Làir
bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile.
a' ghealach
|
Long mhór nam bàn-seol bòidheach,
nach faic thu a'
seòladh ach an aghaigh gaoithe.
a'
ghealach
|
Tha long a'
seòladh cuain fo thàmh,
le a clàran bàna is àrd-siuil dubha,
ach mun till i, rinn i a-rithist dha
’gnàthas,
bidh a cruinn is a h-àrd-siuil bàn mar ghruth.
a'
ghealach ùr
|
Théid
e dhan mhuir is cha bhàthar e,
théid e dhan chiste is cha mhùchar e,
théid e dhan teine is cha loisgear e,
is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air.
a'
ghrian
|
Cha
mhac athar, no màthar dhomh e,
cha mhac peathar, no bràthar dhomh e,
ach b'
e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille.
a
mac fhéin
|
Cha
mhotha e na gràinean eòrna,
is comhdaichidh e bòrd an rìgh.
amharcan
|
Rugadh i gun
anam,
bhàsaich i gun anam,
ach bha anam innte.
a' mhuc-mhara a
shluig Iòna |
|
Chan
ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais?
anail |
|
Càite
an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e?
anns
an àirc |
Tha mi nas àirde na beanntan
an domhain,
agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas,
cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a
ghunna,
ged a tha mi nas truime na mìle tunna.
an
t-àile
|
Rugadh
e gun anam,
bhàsaich e gun anam,
agus bha anam ann.
an
t-uilebheist a shluig Ìona
|
|