|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain
E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain
M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain
T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain -
B
Fear gun fheart, gun neart, gun
fhoill,
siubhlaidh e a'
bheinn is chan fhaicear a lorg.
bad-ceò
|
|
Dé
as fheàrr de bhiadh?
bainne
|
|
Chan
eil e a-muigh, chan eil e a-staigh,
is
chan eil an taigh as a aonais.
balla
|
|
Có
iad na trì uilc a thig le aois?
baothachd,
boile is bàs
|
Bean an taighe a' gliogadaich,
bean an taighe a' glagadaich,
bean an taighe ag ithe biadh,
is cha do rinn i a-riamh altachadh.
beart-làimhe |
Tomhais,
tomhais a laoigh mhìn,
gu dé fliodh na fraoch a tha am beinn,
no dé an t-slat a bha làimh Fionn,
a' dol tron choille dorcha luim?
bioran-deighe
|
Chì
mi, chì mi fada bhuam,
trì mìle thar a' chuain,
fear gun fhuil, gun fheòil, gun anail,
ag imeachd air an talamh bhuan.
am
bàs
|
Chì
mi thugam thar an eas,
fear beag, cùirneanach, cas,
cearb de dh'aodach fo a shlios,
is làn an t-saoghail fo a los.
am
bàs
|
Coinnlear
òir air bòrd dà shliseig,
tomhais a-nis e, is tomhais gu clis e.
am
bàs
|
Cha
siubhail e san adhar,
cha siubhail e air làr,
ach siubhlaidh e sàr,
eadar làr agus adhar.
bàta
|
Rud
nach gluais gun mhóran suim,
mura bi a dhruim fodha.
bàta
|
Bó
mhór odhar an cois na tràghad,
laogh 'na
déidh is i gun dàir.
bàta
is geòla
|
Sheall
mi a-mach air uinneig mo sheanmhar,
is chunnaic mi am marbh a'
giùlan nam beò.
bàta
is sgioba
|
|
Maide
caol cam sa choille ud thall is cha chluinn thu 'na cheann ach
gliog agus gliong.
beart-fhighe |
|
Sruth
an aghaidh àirde.
beathach
ag òl dighe |
Làn
taighe chaorach geala,
is aon chaora dhearg ann,
agus an té dhearg air dearg deargan a' chuthaich.
beul,
deud is teanga |
Craobh
cham chaorainn,
an taobh taigh an tuathanaich,
ged a thigeadh luchd an t-saoghail,
chan fhaodadh iad a buain ás.
a
bhean |
Chaidh
ceathrar a-null,
gun choit gun long,
fear fada fionn,
fear leadagach donn,
fear a bhualadh nan stùc,
fear a rùsgadh nan crann,
is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann?
bliadhna,
ràithean, seachdainnean,
làithean is uairean |
Craobh
mhór agus ceithir meòir oirre,
trì nid deug anns a h-uile meur,
seachd uighean anns a h-uile nead,
agus ceithir buill fhichead air a h-uile ugh.
bliadhna,
ràithean, seachdainnean,
làithean is uairean |
|
Chì
mi, chì mi air fàire,
ailleagan
na gréine,
fear
an aodaich uaine,
is
snàithlean dearg mu a léine.
bogha-froise
|
Cailleach
sa chùil,
agus bior 'na
dà shùil,
is i a' gàireachdadh, gàireachdadh.
brà
|
Is
e cròileagan beag cròileagan,
tomhais tomhais tòimhseachan,
a rinn mi fhìn is mi Dhòmhnallan,
thoillidh ceud nan ceudan ann,
is cha toill mi fhìn 'nam
aonar ann.
brà
|
Am
mac a' tighinn bhon a mhàthair,
is a mhàthair ag imeachd uaithe.
briseadh-latha
|
Dubhag,
dubhag a-mach an doras,
is cnàimh duine aice 'na
bheul.
bròg
|
|
Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine 'na beul
bròg |
|
Có
a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine?
bròg
na cuthaige
|
Tha
sùilean ann, is chan fhaic e nì,
tha e feumail a chum bidhe,
tha rùsg 'ga
chomhdachadh anns gach ball,
cha chaora is cha chraobh a tha ann.
buntàta |
|