Dubh-Fhacail
Seann Eòlas Eile
Tòimhseachain A

Tòimhseachain B
Tòimhseachain C
Tòimhseachain D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain G
Tòimhseachain I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain O
Tòimhseachain P
Tòimhseachain R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

Tòimhseachain - C

 

Chan ith thu e,
chan òl thu e,
is cha bhi thu beò ás aonais.

cadal

Rugadh e mun do rugadh a athair,
agus chaochail e mun do rugadh a mhàthair.

Cain no Abail

Chì mi thall air faireagan,
air ailt na h-eilde ruaidhe,
am mac a' tighinn bhon mhàthair,
is a' mhàthair a' teicheadh bhuaidhe.

camhanaich

Tha moigean mollach, mollach,
a'
sìor-thuineachadh a' mhonaidh,
is gile e na gobhair an aonaich,
is gile na caoraich am moigean mollach.

canach

Thugadh biadh gu triùir,
a-null thar lochan an fhéidh,
dh'
ith am biadh an triùir,
is thill e dhachaigh leis fhéin.

cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eóin

Thugadh biadh gu dithis,
gu ceann Loch Ma-Ruibhe,
dh'
ith am biadh an dithis,
is thill e dhachaigh a-rithist.

cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eóin

Thugadh biadh gu triùir,
gu cùl beinn a' cheò,
dh'ith am biadh an triùir,
is thill e dhachaigh beò.

cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eóin

Fear beag spòrsail,
a' falbh na mòintich,
le spuir agus bòtannan,
is beul adhairce air.

caoileach-fraoich

Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is creagada creag air a muin,
casan oirre, is i gun làmhan,
is ultachan catha 'na h-uchd.

cearc

Am mac air an spàrr is an t-athair gun bhreith.

ceò á teine nach dàinig thuige

Gu dé a tha nas cruinne na ball,
is nas faide na long?

ceairsle shnàtha

Thiodhlaic mi mo naoinear nigheannan, mar sheachdnar ann an Cille-mo-Neachdainn ann an Ì.

chaidh dithis a chur san aon uaigh aig dà àm

Is cumhang an taigh seo,
dhan neach a nì ann tàmh,
e gun uinneag, gun doras,
'
ga fhosgladh gu bràth.

ciste-laighe

Chì mi, chì mi fada bhuam,
leth-cheud aitheamh thar a' chuain,
luchd gun fhuil, gun fheòil, gun anam,
a' leamadh air talamh cruaidh.

clachan-mheallain

Chì mi, chì mi fada bhuam,
trì fichead mìle anns a' chuan,
fear gun fhuil, gun fheòl, gun anam,
a' dannsa air an talamh fhuar.

clach-mheallain

Muc dhubh dhorcha,
an ceann taigh Fhearchair,
dithis '
na ceann,
is triùir 'na h-earball.

clach-stéidhe

Dà fhear dheug san aon leabaidh,
agus gach aon air an iomall.

clàir baraille

Is mairg aig am bi iad,
is mairg aig nach bia iad,
có iad?

clann

Chunnacas iongnadh leam an-diugh,
is mas iongnadh leam is iongnadh dhut,
ceithir daimh gun fhuil, gun fheòil,
a'
spionadh feòir á talamh dubh.

cliath-chliata

Bodach beag an taobh an teine,
bior '
na ghoile, is boineid air.

clobha

Bean bheag mhoganach,
suidhidh i taganach,
bithidh i torrach a h-uile bliadhna,
is bithidh laogh beag geal aice.

cnò

Arsa cailleach:
nam biodh agam na bheil agam,
uiread eile, is a leth uairead,
dà ghèadh, agus bloigh geóidh,
dhéanadh sin fichead.
Có mheud a bha aice?

cóig

Anna bheag a' chòta bhàin,
mar
as motha a ghabhas i,
is mar as faide a sheasas i,
's ann as lugha a bhios i a' fàs.

coinneal

Nighean bheag a' chòta bhàin,
mar
as motha a bhios i ag ithe,
's ann as lugha a bhios i a' fàs.

coinneal

Eunan beag foirmeil, foirmeil,
bithidh e a-muigh ri sìde stoirmeil,
is ged nach do chuir e a-riamh a chùl ann,
chan eil feum ri aimsir chiùin ann.

coileach-gaoithe

Siubhlaidh e na lianagan,
siubhlaidh e na brianagan,
siubhlaidh e an t-iomaire fada,
is thig e dhachaigh anmoch.

corran

Có an crann nach déan treabhadh ged a chuireadh tu daoine 'ga stiùireadh agus eich 'ga tharraing?

crann-sgadain

Taigh beag anns an àirde an iar,
is cóig ceud doras air.

criathar

Tha bodach beag sa chùil sin,
is dà shùil deug ann.

criathar

Crioganta, craganta, cruaidh,
is tana lom a ghruaig,
is cruaidh craiceann a dhà làimhe,
a shùilean am meadhan a chléibh,
agus a fheòil am meadhan a chnàmh.

crùbag

Is tana craiceann do ghruaidh,
is cruaidh craiceann do dhà làmh,
tha do dhà shùil am meadhan do chliabh,
agus do fheòl am meadhan do chnàmh.

crùbag

Ciamar a thaghadh Fionn a chù?

Sùil mar àirne,
cluas mar dhuilleig,
uchd mar ghearran,
speir mar chorran,
is an t-adhbrann fada bhon cheann.

Bean an taighe a' gliogan,
bean an taighe a
' glagan,
bean an taighe a dh'ith am biadh,
is cha do rinn a-riamh altachadh.

cuibheall-snìomha 

Caora bhiorach, bhiorach,
i gu sionnach, sionnach,
i gu luath, gu luath,
braith-lìn m' a tòin,
is i a' glaodhadh, a' glaodhadh.

cuibheall-snìomha

Sìor dhol a-null,
freagraidh i dha a srian,
marcaichidh i gu dian,
is i ag atharrachadh nan searrach gu tric,
muinichidh i air an fhéill,
is math agam fhéin i a-nochd.

cuibheall-snìomha 

Có e an currac nach do rinneadh a-riamh le làmhan daoine?

currac-an-rìgh