Dubh-Fhacail
Seann Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain B
Tòimhseachain C
Tòimhseachain D

Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain G
Tòimhseachain I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain O
Tòimhseachain P
Tòimhseachain R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

Tòimhseachain - D

 

Dà fhitheach air creig,
dà fhitheach gob ri gob,
fitheach ag eughachd air fitheach,
có mheud fitheach a bha an-sin?

dà fhitheach

Tha mìle dearcag air an t-sliabh,
nach itheadh neach a rugadh a-riamh,
fàsaidh iad ri oidhche bhrèagh,
ach siubhlaidh iad nuair a dhealras grian.

dealt

Am mac air an spàrr,
is a mhàthair gun bhreith.

deatach

Is àirde e na taigh an rìgh,
is mìne e na sìoda,
is géire e na an claidheamh.

deatach

Théid mi a-null air mo dhrochaid ghlainne,
thig mi a-nall air mo dhrochaid ghlainne,
is ma bhriseas mo dhrochaid ghlainne,
chan eil an Albainn no an Éirinn,
a chàireas mo dhrochaid ghlainne.

deigh

Tha tòimhseachan agam ort,
chan e do cheann, chan e do chas,
chan e d' éideadh, chan e d' fhalt,
chan e ball a tha 'nad chorp,
ach tha e ort, is cha tomhais thu e.

do ainm

Chan eil e a-muigh,
chan eil e a-staigh,
is cha dig an taigh ás aonais.

doras

Théid na mairbh seachad fodha,
le othail is le sòlas,
is na beò air a uachdar,
le suairceas is le eòlas.

drochaid

Có an druim as treasa a tha air an t-saoghal?

druim a' chuain

Có e an deagh charaid dìleas,
as trice a ghiùlanas gu dìblidh d' eallach?

do dhruim fhéin

Iarann a cheann,
each a mhuineal,
maide a mheadhan,
duine a bhun.

dubhan, snod, slat is iasgair

Chaidh mi dhan bheinn is fhuair mi e,
shuidh mi air tom is cha d'fhuair mi e,
nam bithinn air 'fhaighinn, bha mi air 'fhàgail,
is bho nach d'fhuair mi e, thug mi leam e.

duine cas rùisgte le dris 'na chois

Chaidh mi dhan choille is gun d'fhuair mi e,
shuidh mi air cnoc is gun do dh'iarr mi e,
nan d'fhuair mi e, thilginn bhuam e,
ach bho nach d'fhuair, thug mi dhachaigh e.

dris ann an cois

Moigean mìn, mìn, mollach,
a thig air tìr air na tòrran,
chan ith crodh no caoraich e,
ach ithidh daoine am moigean mollach.

duileasg

Dà chois shìos, trì casan shuas,
làn fàileadh is feòil,
ceann a' bheò am bial a' mhairbh.

duine le poit trì casach air a cheann