|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain
M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain
T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain
- E
Craobh
ghioganach, ghàganach,
a bun gu h-àrd, is a bàrr gu h-ìseal.
earball
beathaich
|
Ri
àm stoirme, is ri àm fèatha,
ri àm lìonaidh, is ri àm tràghaidh,
is ris gach àm bho cheann na bliadhna,
cha déan strìochadh dhuinn a ghàire.
eas
|
Trì
bà bhreaca an cois na leacainne,
nach do bhleòghainneadh deur de am bainne a-riamh.
eas
|
Trì
bà bhreaca a' leum le leacainn,
cha nighear iad, is cha bhlighear iad,
is àirde an geum na geum na buaile,
trì bà uallach aigeannach.
eas
|
Trì
bà bhreaca a' ruith le leacainn,
cha chuir banachag buarach orra,
is cha chuir buachaille stad orra.
eas
|
|
Dé
as duibhe na am fitheach?
eug
|
|