|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain
M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain
T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain
- F
|
Tuba gun mhàs a
ghléidheas fuil is feòl is cnàmhan
fainne |
Chì mi thall
air fàinneachan,
air bhàrr na lice ruaidhe,
an t-uan a' tighinn bho 'mhàthair,
is a' mhàthair a' tighinn bhuaithe.
fàinneachd an
latha |
Tha companach leat tric a
shaothair,
ach chan eil math no cron
'na
shaothair,
is ged a nì thu a' chùis cho math as aonais,
cha ghabh e a chur bhuat air saodach.
fallas
|
Théid
mi a-null air mo rathad mór,
thig mi a-nall air mo rathad mór,
is bheir mi leam mo rathad mór air mo mhuin.
fàradh
|
Chunnaic
duine gun sùilean,
craobh air an robh ùbhlan,
vha dug e ùbhlan dhith,
is cha do dh'fhàg e ùbhlan oirre.
Ciamar a bha sin?
fear
cam, dà ubhal agus thug e leis aon
|
Tha
aon chas air tàl,
a dhà air circ,
trì air furm-smeuraidh,
is ceithir air each;
ach cùnntais sin uile,
is tha a dheich uairead,
air a' chruinneig fhainn,
is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann?
fiolan
nan ceud chas
|
Tha e ag éirigh a h-uile
madainn,
is cha deach e a-riamh a laighe.
fuaran
|
Rud dubh, dubh,
a tha chum féim an iomadh cruth,
cha déan e feum mura labhair e,
is an déidh labhairt chan fhiach e.
fùdar
|
|