|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain
E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain
T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain
- M
Ceithir casan sa mhadainn,
a dhà am feasgar,
agus trì am beul na h-oidhche.
mac an
duine
|
Tha ceithir casan air sa
mhadainn,
gidheadh tha astar luath air chall,
le 'dhà mu mheadhan latha,
nì e a' chùis gu
mór is nas fheàrr,
ged a gheibh e am beul na h-oidhche trì,
cha siubhail e ach gu mìn, mall.
mac
an duine
|
|
Struthan a'
dol an aghaidh bruthaich
mart
ag òl dighe
|
Ceithir
'nan ruith,
ceithir air chrith,
dithis a' coimhead san adhar,
dithis a' déanamh an rathad,
agus aon ag eigheachd.
mart
'na ruith - casan, sinean,
adhaircean, sùilean is beul
|
Gu
dé do phiòmh luchd-cuideachaidh?
cóignear anns gach taic,
cóignear anns gach glaic,
is cóignear nach faic thu an tairbheartas.
meóir do choise, do làimhe
is do fhaireachdainnean
|
|
Baraille
gun tòn, is e làn de dh'fheòil duine.
meòir
thàilleir
|
|
Is
lugha e na luch, is motha e na frìde is tha uiread air de
dh'uinneagan is a tha air lùchairt mhór an rìgh.
meòir
thàilleir
|
Tobaran
gun ghrùnnd, is e loma-làn de dh'fhuil,
de chnàimh agus de dh'fheòil.
meòir
thàilleir
|
|
Tuba
gun mhas, is i làn feòla.
meòir
thàilleir
|
|
Ciod
iad na trì beathaichean as luaithe air sliabh?
mial-chù,
fiadh is seabhag-gorm
|
|