|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain
E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain
T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain
- N
Rud
nach eil, rud nach robh is nach bi,
sìn do làmh, is chì thu e.
nach
eil na meòir co-ionnan am fad
|
Latha Féill-Bhrìghde
thig an rìbhinn ás an tom,
cha bhean mise ris an rìbhinn,
is cha bhean an rìbhinn rium.
Có i?
nathair
|
Tha slatag an coille Alasdair,
cha ghiuthas i, cha darach i,
chan aon fhiodh air thalamh i,
is cha thomhais thu gu oidhche i!
nathair |
Rud a tha, is a
bha, is a bhios,
sìn do làmh, is chì thu e.
na
thig aig a' mheur mheadhan air càch
|
A'
mhuc a thàinig á Éirinn,
is ann oirre fhéin a bha an éiginn searbh,
trì "tonna' trì
"tanna'
muc air fhichead is fichead mheanbh.
na
trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm
|
Trì
mucan turra, turra,
trì mucan tarra, tarra,
muc an Ear, is muc an Iar,
is pian air an fhear nach tomhais.
na
trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm
|
Dà chois shìos,
trì casan shuas,
is ceann a'
bheò am beul a' mhairbh.
neach
agus poit trì-chasach air a cheann |
Chì sinne
bitheanta e,
chan fhaic an rìgh ach ainmig e,
agus chan fhaca Dia a-riamh e.
neach
nas àirde na e fhéin |
|
Todhar
dubh 'ga chur air talamh geal,
is
fear 'ga chur le smuaintean.
neach
a' sgrìobhadh litreach
|
|
Cochallan
beag cho cruinn, cho cruinn,
deich
teangannan san aona cheann,
is
fichead sùil is chan iongnadh leam.
nead
eòin ann an ceann caorach
|
Latha dhomh is mi a'
siubhail bheann,
chunnaic mi na b' ionghnadh leam,
fichead sùil san ain cheann,
deich teangannan a' bruidhinn rium.
nead
eòin ann an claban-cinn
|
|
Tomhais
tomhais tòimhseachan,
eadar
mi fhìn is mo Dhòmhnallan,
toillidh
ceud nan ceudan ann,
is
cha toill mi fhìn 'nam ònrachd ann.
nead an t-seillein
|
|