Dubh-Fhacail
Seann Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain B
Tòimhseachain C
Tòimhseachain D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain G
Tòimhseachain I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain O
Tòimhseachain P
Tòimhseachain R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

Tòimhseachain - P

 

Dà rud bheaga dhubha, co-ionnan ri a chéile,
tha aon dhiubh uile ceàrr, is aon dhiubh uile ceart,
ach nan robh an t-aon a tha uile ceart,
air a dhéanamh uile ceàrr,
bhitheadh an t-aon a tha uile ceàrr,
air a dhéanamh uile ceart.

paidhir bhrògan

Tobar a' siubhal air còmhnard réidh,
agus a shruthan 'na dhéidh car dubhach.

peann

Thàinig e a feòil,
is chan e feòl a tha ann,
innsidh e naidheachd,
gun teanga 'na cheann.

peann ite

Théid e a-null air an abhainn,
thig e a-nall air an abhainn,
geàrraidh e am feur,
agus chan ith e e.

peilear gunna

Ti-toman, to-toman,
còta beag dubh,
trì casan iarainn,
is beul mór tiugh.

poit trì chasach

Trì casan nach gluais,
dà chluais nach cluinn,
beul mór nach bruidhinn,
agus aisean gun druim.

poit trì chasach

Trì casan oirre is cha choisich i,
dà chluais oirre is cha chluinn i,
beul mór aice is cha bhruidhinn i,
is màs mór cruinn oirre.

poit trì chasach