Dubh-Fhacail
Seann Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain B
Tòimhseachain C
Tòimhseachain D
Tòimhseachain E
Tòimhseachain F
Tòimhseachain G
Tòimhseachain I
Tòimhseachain L
Tòimhseachain M
Tòimhseachain N
Tòimhseachain O
Tòimhseachain P
Tòimhseachain R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

Tòimhseachain - S

 

Mo thrì chaora chuime-chasach,
air an leathad fhuarchasach,
is air a' ghleann as fhaide a-mach,
is doirbh iad ri am buachailleachd.

seangain

Molt dubh anns a' choill,
gun alt 'na dhruim,
gun sùgh, gun sàill,
gun cheann cnàmha.

seilcheag

Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is math a nì i dranndan,
currachd dhen chneaschullain oirre,
is còta buidhe plangaid.

seilleach

Faruman fearuman,
a' dol a-steach dhan t-searmoin,
còta goirid dearg air,
is seana bhriogais ghlas.

seileach

Fear beag fo bhonn na creige,
ge beag e bi srann aige,
currachd air, dà adhairc air,
is còta buidhe frangach.

seilleach

Fear beag fo bhonn na creige,
ge beag e bi srann aige,
currachd uime, dà ghob aige,
is còta buidhe frangach.

seilleach

Tha bodachan an taigh mo athar,
bithidh e tric a' dranndan,
currachd air is e a' dol a laighe,
is còta fada frangach.

seilleach

Tha taigh mór aig féilleagan,
air cùl a' chnuic dhen chòmhnardan,
théid ceud nan ceudan ann,
is cha déid mi fhìn 'nam aonar ann.
féilleagan beag bìdeach gun lochd,
fad na ràithe geamhraidh anns an t-sop.
tràth a thig an ràithe shamhraidh,
seinnidh e port,
is bho bhàrr an neòinean òlaidh e deoch,
latha dhomh, is mi a' déanamh chruach,
feasgar foghair, is càch a' buain,
chuala mise le mo chluais,
gaoir am bruaich aig féilleagan.

seilleach

Is mi mi fhìn,
is mi gach duine,
ach sgrìob mo dhruim,
is cha mhi duine idir.

sgàthan

Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na sìoda

sgòth

Talamh geal is treabhadh dubh is tu 'ga chur le d' inntinn

sgrìobhadh

Bean uaine bhòidheach,
air cùl na còmhla,
gun bhoineid, gun bhòtann,
ach ròpa mu a meadhan.

sguab-fhraoich

Bu e am fiodh an iuchair,
an t-uisge a' ghlas,
chailleadh na sealgairean,
agus fhuair an t-sealg ás.

slat-druidheachd Mhaois, A' Mhuir Ruadh,
na h-Éiphitich is clann Iosrail

Caora bhiorach, bhiorach,
is a mionach ag slaodadh.

snàthad is snàthainn

Caora bhiorach, bhiorach,
is a mionach slaodte rithe.

snàthad is snàthainn

Thàinig eun gun iteag,
is laigh e air lag tobhtaige,
thàinig eun gun bheul,
is dh'ith a eun gun iteag.

sneachd agus uisge

Tha mi air bòrd gach maith is gach mith,
is tha mi an còmhnaidh làn,
gigheadh cha deach a-riamh 'nam chorp,
na thogadh tu air spàin.

spàin

Damh donn a' dol tron choille,
is chan eil slat anns a' choille,
nach bean ri a dhruim.

spàl-figheadair

Mias mhór fheòdair is ceud toll òir innte.

an speur

Siud e, agus có a chì e?

sradag

Lùbaidh na mairbh air gach taobh dhiubh le ùmhlachd,
ach leumaidh na beò a-null air an ceann.

stairean