|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain
E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain
M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain
U

|
Tòimhseachain
- T
Rud
mór fada, dubh,
bithidh e a-muigh air feadh na h-oidhche,
bithidh a mhionach ag eughachd,
is gun e fhéin a'
cantainn guth.
taigh
làn daoine
|
Chaidh
mi a-mach eadar dà choille,
agus thill mi dhachaigh eadar dà alltan.
tarraing
uisge le cuinneagan
|
Taigh
beag agam sa bhaile ud thall,
gun chabar cam no dìreach ann,
thoilleadh ceud nan ceudan ann,
is cha toillinn fhìn 'nam aonar ann.
treabhailt
|
|
Each
dubh is each donn bonn ri bonn ach is luaithe an t-each dubh na an
t-each donn.
toit
is teine
|
Bha
i an Éirinn, bha i an Ros,
bha i sa bheinn éibhinn, chais,
bithidh i sa bhaile seo a-nochd,
bean a chuireas crith air cois.
tromb
|
Tha
teanga fhada, chaol, chruaidh,
aig mo luaidh an rìbhinn òg,
is lìonmhor iad le am miann a guth,
is iomadh neach le am miann a pòg.
tromb
|
"Théid
mi dhan choille" arsa a' chrom fhada chruinn,
"Is chan eil anns a' choille" arsa a' chrom fhada chruinn,
"Nach leag mi air an druim" arsa a' chrom fhada chruinn.
tuagh
|
|