|
Dubh-Fhacail
Seann
Eòlas Eile
Tòimhseachain A
Tòimhseachain
B
Tòimhseachain
C
Tòimhseachain
D
Tòimhseachain
E
Tòimhseachain
F
Tòimhseachain
G
Tòimhseachain
I
Tòimhseachain
L
Tòimhseachain
M
Tòimhseachain
N
Tòimhseachain
O
Tòimhseachain
P
Tòimhseachain
R
Tòimhseachain
S
Tòimhseachain T
Tòimhseachain U

|
Tòimhseachain
- U
Bodach
beag an taigh mo sheanar,
chan fhaicear gean no greann air,
chan ith e biadh, chan òl e fìon,
is bha e a-riamh a' dannsadh.
uaireadair
|
Tobaran
òir am meadhan a' bhaile seo,
trì cinn òir agus còmhla ghlainne ris.
uaireadair
air stìoball
|
Bothag
bheag air fàire,
is a dà cheann dùinte.
ugh
|
Togaidh
leanabh beag 'na dhòrn e,
is cha tog dà dhuine dheug le ròp e.
ugh
|
|
Théid
e suas geal, ach thig a a-nuas buidhe.
ugh
briste
|
Togtar
suas e cho geal ris an t-sneachda,
ach leagtar a-nuas e òr-bhuidhe air leaca.
ugh
briste
|
Is buige e na am brochan,
is cruaidhe e na an t-aran,
bithidh e an còmhnaidh an cuideachd an rìgh,
is chan eil iad air thalamh,
nach feum a bhith 'ga
ghabhail,
is cha dig iad ro mhath ás a dhìth.
uisge
|
Cuman
ùr, nodha, a thug mo athair á Ros,
ged a rachadh e air a bheul fodha,
cha digeadh boinne ás.
ùth
bà
|
|