|


 
  
   
|
Faclair
Akerbeltz - The Akerbeltz Dictionary
A chàirdean,
Na
gabhaibh dragh - tha am faclair ann fhathast - ach tha e air atharrachadh
gu mór. Rugadh am pròiseact seo mar liosta de notaichean a
rinneadh ann an clasaichean Gàidhlig, ma tha cuimhne agaibh. Ach
mar a dh'fhàs an liosta, tionndaidh e 'na fhaclair nan gnàthasan-cainnte.
Ach bho nach robh obair gu leòr againn is tìde air ar làmhan, dh'fhàs
e eadhan nas motha. Is e "Project Creep" a chanas
comhairlicheacn stiùiridh ri seo ... co-dhiubh.
Thòisich sinn air ùrachadh bho chionn dà mhios a' cur ás dha na
mearachdan beaga grànnda a bha ann agus gus sructar na bu teinne a chur
air. Agus fhad is a bha sinn a' déanamh seo, mhothaich sinn gun
robh an t-uabhas de dh'fhaclan ann a bharrachd air na gnàthasan-cainnte.
Agus aig an aon àm bha sinn sgìth dhen eallach de dh'fhaclairean air a
bheil sinn feumach gach latha - "nach biodh e math nam biodh dìreach
aon fhaclair ann a bheireadh dhut gnàthasan-cainnte, cleachdadh fhaclan,
briathrachas ceàird, faclan ùra ...?" An-dà, chan eil e
deiseil fhathast, ach thà e a' fàs mór, mór agus tha tuilleadh fhaclan
ann a h-uile latha ... feumaidh tu Dwelly's fhathast agus an Stòrdata
agus Faclair na Pàrlamaid ... ach tha sinn an dòchas gun dig an latha an
ceann bliadhna no dhà nuair as urrainn dhuinn faclair nua- aimsirtha,
iomlan is so-chleachdadh a thoirt dhuibh. Ach anns an eadar-am, seo
thugaibh faclair Akerbeltz le barrachd air 10,000 gnàthasan-cainnte is
faclan!
Ó, facal eile ... bhon is e obair bun-tomhaiseachaidh a tha ann, sgrìobh
sinn duilleag le na prionnsabailean obrachaidh againn gus faic sibh ciamar
a tha sinn a' ruigsinn co-dhùnaidhean mu bhriathrachas is
ioma-fhaclaireachd. Ma tha ùidh agad an leughadh, briog an-seo.
Hello
Possums, No,
not to worry, the dictionary is still online. But it has changed
massively. As you may remember, this started as computerised notes
which then grew into the dictionary of idioms. But why should we be
safe from project Creep, as the management consultants call it?
We started on a big review of the dictionary two months ago and noticed
that an awful lot of word entries had crept in, not just phrases.
And at the same time we were fed up with having to use 5 dictionaries at
the same time when working - check the Stòrdata and then Dwelly's to make
sure we got the right one. Wouldn't it be nice ... well, rather than
moan, we got started on something new. You will still need all those
dictionaries and for quite a while yet, but we hope that in one or two
years time maybe we will be able to present you with a full fledged,
modern and up to date dictionary that is easy to use. It's nowhere
near finished, but it HAS crept up to over 10,000 entries by now! So
watch this space.
Oh, and something else ... to a large degree, this is language
standardisation work and therefore we have written a page with our working
principles. Just so you can see why we have done certain things, so
if you're interested, click here.
|