Treòraiche Unicode - A Guide to Unicode
(English)

Carson Unicode?
An d' fhuair thu a-riamh post-d le brochan nan litrichean mar "
Fàilte gu Dùn  &Eacuteideann"?  Cinnte gun d' fhuair agus is dòcha gum bheil thu cho cleachdte ris mu thràth gun do thuig thu "Fàilte gu Dùn Éideann" dheth gun duilgheadas.  Tha cànain eadar-dhealaichte a' cleachdadh còdachaidhean eadar-dhealaichte air sgàth is gun cleachd iad litrichean eadar-dhealaichte - agus chan ann sràcan is rudan mar sin a-mhàin ach litrichean gu tur eadar-dhealaichte, mar na Greugaich, Rùiseanaich, Sìnich agus mar sin sìos.  Tha an t-uabhas dhiubh ann agus uaireannan feumaidh do choimpiutair "eadar-theangachadh" a dhéanamh eadarra ... agus mar is trice, nì e tòrr mhearachdan - agus sin agad am brochan.  Is e còdachadh gu tur eadar-dhealaichte a tha ann an Unicode.  Ann an Unicode, tha dìreach aon "àite còdachaidh" aig a h-uile litir a chleachdar air an t-saoghail - bho na litrichean Sanskrit gu seann litrichean nan Gàidheal. Mar sin, chan fheum do choimpiutair bochd eadar-theangachaidhean a dhéanamh tuilleadh ... agus chan faic thusa brochan tuilleadh (gu teòraigeach co-dhiùbh...)  Tha sinn a' cleachdadh litrichean sònraichte na h-AEF (Aibidil Fon-eòlais Eadar-Nàiseanta ) agus feumaidh sinn Unicode an còdachadh -  gus am faic thusa iad.
Lean ris na leanas agus bidh do choimpiutair comasach air Unicode a làimhseachadh an ceann 10 mionaid (nì e feum dhut ma clò-bhuileas tu an duilleag seo oir feumaidh tu do choimpiutair ath-tòiseachadh).

1) Feumaidh tu cruth-clò Unicode lùchdadh.  Tha taghadh agad - Lucida Sans Unicode (aig am bheil  litrichean laideann is na h-AEF) agus Arial Unicode (aig am bheil a h-uile litir de dh'Unicode 2.0 - faidhle mhór - 23kb).  Nì an dà chuid an gnothach.  Ma tha Office2000 agad, chan fheum thu cruth-clò a lùchdadh - ach feumaidh tu na leanas:

2) An dara cuid do chlàr Windows95/98 no an fhaidhle seo Lang.exe (gluas sìos gu Multilanguage Support agus briog air Lang.exe) agus stòir i air do chlàr-cruaidh.  Cha leag thu a leas seo a dhéanamh ma chleachdas tu WinXp, tha Unicode 'na bhroinn mu thràth.

3) Nuair a tha a h-uile rud agad, déan seo (ma tha an clàr Windows95/98 agad, rach gu 4): 
> briog air
START 
>
RUN 
>
BROWSE 
> lorg am pasgan anns am bheil Lang.exe
> briog air aon turas
> briog
OK.  Stàlaichidh prògram an-dràsda. Feumaidh tu do choimpiutair ath tòiseachadh mus obraich 
   am prógram.
> rach gu 5)

4) Ma tha thu a' cleachadh do chlàr Windows95/98, déan seo:
> cuir a-steach do
CHLÀR
> dùin uinneag sam bith a théid a-nuas gu fhéin-ghluasadach
> briog air
START
> briog air
SETTINGS 
> briog air
CONTROL PANEL 
> briog air
ADD/REMOVE PROGRAMMES dà thuras
> briog air
WINDOWS SETUP 
> fuirich tiota
> gluas sìos agus daoraich san bhocsa
MULTILANGUAGE SUPPORT 
> briog
OK. Stàlaichidh am prògram an-dràsda. Feumaidh tu do choimpiutair ath-tòiseachadh mus 
   obraich am prògram.
> rach gu 5) (briog an-seo ma chleachdas tu Office2000)

5) Nuair a tha do choimpiutair deiseal, feumaidh tu an cruth-clò a stàladh: 
> briog air
START 
> briog air
SETTINGS 
> briog air
CONTROL PANEL 
> briog air
FONTS dà thuras
> briog air
FILE 
> briog air
INSTALL NEW FONT 
> taghadh am pasgan anns am bheil an cruth-clò a luchdaich thu (Lucida Sans Unicode no Arial Unicode)
> briog air ainm a' chruth-clò
> briog air
OK. Stàilichidh a' cruth-clò an-dràsda.  Chan fheum thu do choimpiutair ath-tòiseachadh.

Tha thu deiseal a-nis. Till do dh'Fhuaimean na Gàidhlig

Daoine a chleachdas Office2000:
Tha an cruth-clò Arial Unicode air clàr Office2000.  Feumaidh tu ceum 3 & 4 a leantail cuideachd.  Ás déidh sin, stàlaich an cruth-clò mar seo:
> Cuir do
CHLÀR OFFICE2000 a-steach (a' chiad fear) 
> briog air
START 
> briog air
SETTINGS 
> briog air
CONTROL PANEL 
> briog air
ADD/REMOVE PROGRAMMES dà thuras
> briog air
OFFICE2000
> briog air
ADD/REMOVE FEATURES
> briog air
OFFICE TOOLS
> daoraich am bocsa
INTERNATIONAL SUPPORT agus taghadh RUN ALL FROM MY COMPUTER
> briog air
OK 
> stàlaichidh prògram an-dràsda. Feumaidh tu do choimpiutair ath-tòiseachadh mus obraich 
   am prógram.

Caveat! Bu chóir dhà rannsachair-lìn duilleagan a tha ann an Unicode a dh'aithnicheadh, ach ma chì thu brochan nan litrichean air duillegan Fuaimean na Gàidhlig againn fhathast, nì na leanas:

Netscape Navigator
> briog air
VIEW
> briog air
CHARACTER SET
> briog air
UNICODE (UTF-8)
> ùraich an duilleag agus bu chòir do na litrichean a bhith a' coimhead ceart a-dràsda.

Internet Explorer

> briog air VIEW
> briog air
ENCODING
> briog air
UNICODE (UTF-8)
> ùraich an duilleag agus bu chòir do na litrichean a bhith a' coimhead ceart a-dràsda.

Ma mhaireas na duilgheadasan agad, sgrìobh thugainn is cuidichidh sinn thu.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dhéidhinn Unicode rach gu:

Duilleag Roman Czyborra

Duilleag Ailein Wood

Comann Unicode (làrach oifigeal)