Conaltradh nam beathaichean
A' bhó
(The cow)
Mo laogh òg, mo laogh òg! | My young calf, my young calf! |
A' chaora
(The sheep)
Na loisg mo chnàimh, na loisg mo chnàimh! | Don't burn my bones, don't burn my bones! |
Guthan nam beathaichean
(The voices of the animals)
Chuala mi comhart aig an doras, Có a rinn an comhart aig an doras? Rinn an cù an comhart aig an doras. Chuala mi geum anns a' bhàthaich, Có a rinn an geum anns a' bhàthaich? Rinn a' bhó an geum anns a' bhàthaich. Chuala mi sitir anns an stàball, Có a rinn an sitir anns an stàball? Rinn an t-each an sitir anns an stàball. Chuala mi gogail anns an t-sabhal, Có a rinn a' ghogail? Rinn a' chearc a' ghogail anns an t-sabhal. Chuala mi mèilich air a' chnoc, Có a rinn a' mhèilich? Rinn a' chaora a' mhèilich air a' chnoc. Chuala mi meigeadaich anns a' chreig, Có a rinn a' mheigeadaich anns a' chreig? Rinn a' ghobhar a' mheigeadaich anns a' chreig. Chuala mi langan air a' bheinn, Có a rinn an langan air a' bheinn? Rinn am fiadh an langan air a' bheinn. Chuala mi ceilear binn air a' gheug, Có a rinn an ceilear binn air a' gheug? Rinn an smeòrach ceilear binn air a' gheug. Chuala mi guileag air an loch, Có a rinn a' ghuileag air an loch? Rinn an eala a' ghuileag air an loch. Chuala mi gròc anns a' ghleann, Có a rinn an gròc anns a' ghleann? Rinn am fitheach dubh an gròc anns a' ghleann. Chuala mi srann air a' mhachair, Có a rinn an srann air a' mhachair? Rinn an seillean srianach an srann air a' mhachair. |
I heard a bark at the door, Who was is that barked at the door? The dog barked at the door. I heard a moo in the stable, Who was it that mooed in the stable? The cow mooed in the stable. I heard a neigh in the stable, Who was it that neighed in the stable? The horse neighed in the stable. I heard a cluck in the barn, Who was it that clucked in the barn? The hen clucked in the barn. |