Goid na h-adaige

O Goireasan Akerbeltz
Am mùthadh mar a bha e 20:24, 18 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "Canar ''Goid a' chrùin'' ris a' gheama seo cuideachd. Feumaidh tu dà bhuidheann cloinne airson na cluiche seo. Comharraichidh iad crìoch eadar an dà bhuidheann am meadhan an...")
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Jump to navigation Jump to search

Canar Goid a' chrùin ris a' gheama seo cuideachd. Feumaidh tu dà bhuidheann cloinne airson na cluiche seo. Comharraichidh iad crìoch eadar an dà bhuidheann am meadhan an raoin far a bheil iad a' cluich agus cuiridh an dà bhuidheann rudan 'nan sreath mu dhusan ceum air falbh bhon chrìch, can miotagan, brògan ... rud beag sam bith. Seasaibh an dà bhuidheann mu choinneimh a chéile an uairsin, cho faisg air a' chrìch 's a ghabhas gun a dhol thairis oirre.

goidachruin.jpg

Feuchaidh clann bhon dà bhuidheann an uairsin ruith thairis air a' chrìch, greim fhaighinn air fear dhe na rudan 'nan sreath agus ruith air ais dhan roinn aca fhéin 's a chur san t-sreath acasan. Ach ma gheibh fear no té an taoibh eile greim air/oirre fhad 's a tha iad a' feuchainn ri duais a ghoid, feumaidh iad reòthadh air làrach nam bonn far an do bheireadh air/oirre (agus 's e Cnuimheag a chanar ris/rithe fhad 's a tha iad 'nan reòthadh) agus am faigh iad saorsa le aonan dhen sgioba aca fhéin a' cur sgiobag air/oirre. Bidh a' bhuaidh leis a' bhuidheann a ghoideas a h-uile duais no a nì cnuimheagan dhen sgioba m' a choinneimh gu léir.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean