Gàidhlig a’ BhBC ’s Mar a dh’Atharraich i

Uilleam Lamb

An t-Albannach An t-Sultain 1998

“Ghearain Oifis Nàiseanta an Luchd Sgrudaidh nach eil ceangal dlùth gu leòr eadar an dóigh ‘sa bheil Iomairt na Gàidhealtachd a’ cothromachadh an cuid amasan ro-innleachd ri na tha iad a’ toirt a-mach air a cheann thall.  “Thathar gu tric ri gearain mu na naidheachdan:  “Chan e Gàidhlig nàdurra a tha siud”, no, “Nuair a bhios m’ athair ag éisteachd riutha, chan eil fhios aige có air a tha iad a-mach—agus a chuid Gàidhlig nas fheàrr na a chuid Beurla”.  Mar a dh’aideachas a h-uile duine, tha Gàidhlig a’ Bheeb a’ seasamh leis fhéin; neo-ar-thaing nach eil i eadar-dhealaichte ann an ioma-dòighean an coimeas ri Gàidhlig an cumantas.  Ach ciamar a thàinig na naidheachdan agus an seòrsa cainnt a tha aca gu bith anns a’ chiad dol-a-mach?

Cha do dh’fhìor-thòisich Radio na Gàidhlig gu dian gu ruige deireadh an Darna Cogaidh Mhóir.  Anns na làithean ud, nochdadh na naidheachdan a h-uile oidhche h-Aoine fad 10 mionaidean a thìde.  “Bha e nàr, ‘s e sin am facal air a shon”, thuirt Fred MacAmhlaidh agus e a’ coimhead air ais ri cho mì-phroifeiseanta ‘s a bha iad anns na làithean ud.  “B’ àbhaist gum biodh beachdan ’gan toirt seachad ann an deis-meadhon no aig deireadh pìos naidheachd,” thuirt e.  Ged ’s soilleir gu robh seòrsa de dhìth grinneas orra aig an àm ud, chòrd iad gu mór ris na bha ag éisteachd.  Nuair a chaidh an gearradh gu h-aon turas gach mìos ann an 1957, thog na Gàidheil fianais an aghaidh sin agus chuireadh a-rithist iad gu turas gach seachdain goirid as a dheidh.  Fhuair iad cóig mionaidean a thìde a bharrachd ann an 1962 agus lean iad orra mar sin fad toiseach nan trì-ficheadan.

Is ann ann an 1965 a thòisich na naidheachdan ri bhith ’nan tachartas làitheil, rudeigin a strì MacAmhlaidh air a shon fad ioma-bliadhna.  Is e seo toiseach an t-seòrsa naidheachdan a dh’aithnicheamaid fhìn.  Ach nuair a dh’fhàs iad na bu mhinig, ’s ann na bu duilghe a bha e airson nan daoine a bha an-sàs.  Thòisich Roinn Naidheachdan a’ BhBC ri copy a chur thuca agus bha aca ri eadar-theagachadh mionaideach a dhèanamh air, gun a bhith a’ sadail am beachdan fhéin no dad a bharrachd a-steach ann.  An luib na h-obrach, bhiodh iad a’ sìor-dheiligeadh ri faclan agus tachairtean a bhiodh fad air falbh bhon Ghàidhealtachd, rudan mar phoileataics eadar-nàiseanta, neart atomaigeach, agus teicneòlas ùr.  An toiseach, is ann na bu thrice a bhiodh iad a’ toirt a-steach na faclan Beurla fhéin airson na bha doirbh no car do-dhéanta ràdh ann an Gàidhlig.  Agus is e cleachdadh gu math nàdarra a tha sin: Dé a’ Ghàidhlig air chimpanzee, no ballet, no isotop co-dhiubh?  Ge-tà, bha seòrsa de dh’eagal orra gum biodh sin a’ leigeil ris nach dèanadh Gàidhlig an gnothach nuair a bhidhte a-mach air cùisean an latha an-diugh.  Air sgàth sin, dhèanadh iad suas faclan an corra-uair cuideachd, air neo chuireadh iad dreach gàidhealach air a’ Bheurla: itealan, ràdaidheach ‘radio-active’, agus steisean-speur mar eisimpleir.

Nuair a tha sibh a’ dèanamh coimeas eadar an seòrsa Gàidhlig a chleachd iad ’sna naidheachdan aig an àm ud agus mar a thathar a’ cleachdadh an-diugh, nochdaidh rud no dhà a tha soilleir agus inntinneach.  A’ chiad rud, is e sin a thaobh co-réir mar a chanadh iad.  Tha dà dhòigh airson seantans mar ‘The two boys were lost’ eadar-theangachadh gu Gàidhlig.  A’ chiad dóigh, is e sin ‘Chailleadh an dithis bhalach’.  Bu ghnàth dhaibh an dòigh sin a chleachdadh na bu trice an toiseach.  An dóigh eile, is urrainn a ràdh ‘Chaidh an dithis bhalach a chall’.  Thathar a’ cleachdadh na dòighe sin nas trice buileach an-diugh.

Rud eile a tha soilleir, is ann eadar na naidheachdan agus Gàidhlig am bitheantas a tha seo, is e sin an seòrsa de ghuth-cheòl a chleachdas iad.  Nuair a bhios sibh ag éisteachd ri guth-cheòl iomadh neach-naidheachdan agus esan a’ leughadh, fidridh sibh seòrsa de thuiteam aig an fhacal leth-dheireannach mar is trice, agus togail an-àirde air an fhacal mu dheireadh. Is e seòrsa de dh’intonational full-stop a tha ann.  A-nisd, éistibh ris na naidheachdan Beurla agus cluinnidh sibh an dearbh rud a’ tachairt.  A-réir craoladair Iain Alec Mac a’ Phearsain, thàinig an dòigh-labhairt seo gu bith anns na Stàitean uaireigin, chaidh e an-sàs anns a’ BhBC, agus sgaoil e a-mach, eadhon do chànanan eile, an uair sin.  Faodar a bhith car cinnteach nach e rud ro shean a thaobh na naidheachdan Gàidhlig a tha ann, ach as aonais téipichean dhe na chaidh a chraoladh ro na ceithir-ficheadan, chan eil rian làn-fhios a bhith againn.

Dé a’ Ghàidhlig air birthday?  Ma thuirt sibh ‘co-latha breith’, is e buaidh an radio a tha siud.  Dé chanadh sibh air diùltadh obrach mar ghearain?  Ma tha facal agaibh, is buailteach gur h-e ‘stailc’ e.  Dé mu satellite?  An cuala sibh riamh ‘saideal’?  Mar a chaidh ràdh mar-tha, rinn luchd na naidheachdan suas grunn de dh’fhaclan airson rudan nach robh a’ Ghàidhlig orra, agus is dòcha gun do liùg an corra-fhacal a-steach dhur cuid Gàidhlig fhéin gun fhiosda.  Nuair a thòisich iad ri sin a dhèanamh an toiseach, bhiodh iad a’ mìneachadh an fhacail ùir Ghàidhlig le facal Beura as a dheidh.  Seo agaibh eisimpleir mhath bho 1959: “Bha Bòrd na Gàidhealtachd, neo an Highland Advisory Panel mar a theirear ris...”.  Eadar-dhealachadh eile bho na naidheachdan a thathar a’ craoladh an-diugh: Chan eil iad a’ mìneachadh fhaclan cho tric agus a bha iad.  A’ dearbhadh na cùise, ma théid sibh air ais do thoiseach an uilt seo, chan fhaicear mìneagadh air ‘Oifis Nàiseanta an Luchd Sgrudaidh’ na ‘Iomairt na Gàidhealtachd’.  Ìnnsidh seo dà rud dhuinn:  1) Tha luchd nan naidheachdan am beachd gum bi fios aig a’ mhòr-chuid air na chanas iad;  2) Tha na faclan ùra air fàs car suidhichte a-nisd.  Mar sin, ged a chanas duine gur h-e cainnt neònach a tha anns na naidheachdan Gàidhlig, có aig a tha brath nach eil e fhéin a’ cleachdadh a’ chorra-fhacail a chruthaich iadsan an toiseach?