Pàipear do Cho-Labhairt Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig, Dùn Éideann 11/12/98
© 1998 Alasdair MacCaluim
Mar phàirt den rannsachadh PhD agam mu luchd-ionsnachaidh na Gàidhlig, tha mi air a bhith a sgaoileadh ceisteachan do luchd-ionnsachaidh air feadh an t-saoghail. Tha ceithir earrannan anns a cheisteachan (1) có tha ag ionnsachadh na Gàidhlig (2) carson a tha iad ag ionnsachadh, (3) dé a bhuaidh a tha aig luchd-ionnsachadh air ath-bheothachadh na Gàidhlig agus (4) dé na beachdan a tha aig luchd-ionnsachaidh air a Ghàidhlig. An-diugh, bidh mi a bruidhinn mu dheidhinn a chiad dà cheist có tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus carson.
Chaidh an ceisteachan a-mach ann an Cothrom, an iris aig Comann an Luchd-Ionnsachaidh anns an Iùchair. Fhuair mi 37% de na ceisteachain air ais, dà cheud agus dà fhichead dhuibh à Alba. Is e ìre-fhreagairt math a tha seo airson ceisteachain a tha cho fada agus feumar a chuimneachadh cuideachd nach eil a h-uile ball ChLI ag ionnsachadh na Gàidhlig tha buill aca aig a bheil Gàidhlig bho thùs agus tòrr bhuill eile aca a tha a toirt taic dhan chànan gun a bhith ga h-ionnsachadh.
(Bha 1107 buill aig CLI aig an àm agus fhuaradh 413 ceisteachain air ais: 240 à Alba, 173 taobh a-muigh na h-Alba).
Tha mi air ceisteachain a thoirt a-mach do na h-oileanaich air cùrsaichean bogaidh, cùrsaichean oilthigh agus cùrsaichean samhraidh bhon uairsin ach chan eil tìde gu leòr air a bhith agam gus sùil gheur a thoirt air na toraidhean gu ruige seo agus mar sin, is ann mu bhallrachd ChLI a-mhàin a bhios mi a bruidhinn an-diugh. A dh aindeoin seo ge-ta, tha mi gu math cinnteach gu bheil ballrachd ChLI gu math riochdachail de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san fharsaingeachd.
Seo cuid de na toraidhean agam:
Aois an t-samhla:
Age of respondents in Scotland |
Mar a chì sibh air an sgrìn, tha glé bheag dé dhaoine eadar 20 agus 35 ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha seo a ciallachadh nach bi móran dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a tha iad òg agus mar sin nach bi cothom aca a Ghàidhlig a theagasg dhan chloinn aca mar phrìomh chànain.
Chan eil na figearan seo a coimhead dòchasach airson Gaidhlig anns an àm ri teachd. Tha tòrr dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bhios iad air an dreachd a leigeil dheth no nuair a bhios a chlann aca air an taigh fhagail agus nuair a bhios barrachd tìde aca.
Bidh an co-labhairt seo a beachdachadh air innleachd nàiseanta airson luchd-ionnsachaidh anns an fheasgair. Bhiodh e na phàirt chudromach de innleachd nàiseanta a bhith a feuchainn ri barrachd daoine òga a tharraing a-steach dhan chànain.
Clas Sòisealta an t-samhla:
Chan eil mi air an t-samhla agam a chur a-steach gu
clasaichean sòisealta fhathast, ach tha mi air sùil a thoirt air na dreachdan a tha
aig an luchd-ionnsachaidh agus tha e glé shoillear gu bheil a mhór-chùid anns
a chlas-mheadhonach.
Gné an t-samhla:
| Samhla uile gu léir | = | 62.8% Fireann, 37.2% Boireann |
| Ann an Alba | = | 62.9% Fireann, 37.1% Boireann |
| Taobh a-muigh na h-Alba | = | 62.5% Firanne, 37.5% Boireann |
Tha e coltach bhon t-samhla agam gu bheil tòrr a bharrachd fireannaich na boireannaich ag ionnsachadh na Gàidhlig. Chuir seo beagan iongnadh orm agus bu mhath leam beachdan nan duine a tha an lathair aig a cho-labhairt an-diugh a chluinntinn air a chùis seo.
Foghlam:
| NO FORMAL QUALIFICATIONS | 6.7% | TEACHERS CERT/NURSING QUALIFICATION | 7.2% |
| BASIC VOCATIONAL/SCOTVEC | 0.4% | FIRST DEGREE | 19.8% |
| OGRADES/STANDARD GRADES O LEVELS OR EQUIVALENT | 5% | POSTGRADUATE CERTIFICATE/PROFESSIONAL DIPLOMA | 22.4% |
| HIGHERS/A LEVELS OR EQUIVALENT | 11.4% | HIGHER DEGREE | 18.1% |
| ONC/OND | 1.3% | OTHER | |
| HNC/HND OR EQUIVALENT/ Dip HE or Equivalent | 8.4% |
Chì sibh bhon chlar seo gu bheil an samhla tòrr nas fhoghlaimte na sluagh na h-Alba san fharsaingeachd. Tha ceum oilthigh fo-cheumach aig cha mhór fichead sa cheud agus ceum iar-cheumach aig ochd deag sa chead a bharrachd air cha mhór fichead sa cheud aig a bheil teisteanas iar-cheumach no proifeseanta agus seachd sa cheud aig a bheil teisteanas ann an teagasg no nursadh.
Pàrtaidh Polataigs an t-samhla Albannaich:
| Tóraidhean | 6% | Pàrtaidh Uaine na h-Alba | 4% |
| Partaidh Làbarach | 14% | PNA | 60% |
| Liberaich Democratach | 12% | Eile | 2% |
Tha e soillear bhon chlàr seo gu bheil an samhla glé nàiseantach. Chan eil na Làboraich am pàrtaidh as motha ann an Alba a faighinn ach ceithir deag an taca ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a tha a faighinn taic bho thrì fichead sa cheud.
Tha nàiseantachd an t-samhla foillaiseach bhon chlàr mu dh ionnanachd nàiseanta cuideachd:
Ionnanachd Nàiseanta an t-samhla Albannaich:
| ALBANNACH A-MHÀIN | 46.8% |
| NAS ALBANNAICHE NA BREATANNACH | 32.1% |
| AN DÀ CHUID CO-IONNAN | 13.3% |
| NAS BREATANNACH NA ALBANNAICHE | 0% |
| BREATANNACH A-MHÀIN | 2.3% |
| EILE | 4.6% |
Anns a chunntas-bheachd mu dheireadh air a chuspair seo anns an Albannach san t-Samhradh, thuirt 63% gu robh iad a faireachdainn Albannach gun a bhith a faireachdainn Breatannach no gu robh iad a faireachdainn nas Albannaich na Breatannaich. Thuirt 29% gu robh iad nas Breatannaich na Albannaiche agus 7% eile gu robh iad a faireachdainn Eòrpach an àite Albannach no Breatannach.
Is e aon de na ceistean as cudromaiche a tha mi air a bhith a rannsachadh a bheil an luchd-ionnsachaidh bhon Ghàidhealtachd no bhon Ghalldachd agus a bheil sinnsearachd Ghàidhealach aca?
Àireamh den t-samhla a tha a fuireach air a Ghaidhealtach agus air a Ghalldachd:
| A
Ghàidhealtachd (Na h-Eileanan Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal agus Bòid, Gairbhchrìochan Siorrachd Pheairt) |
74 (31%) |
| A Ghalldachd | 159 (68%) |
Àireamh a thogadh no a tha a fuireach air a Ghàidhealtachd: 86 (37%)
Tha seo a sealltainn dhuinn gu bheil a mhór-chùid den luchd-ionnsachaidh a fuireach air a Ghalldachd agus gun do rugadh a mhór-chùid air a Ghalldachd.
An robh Gàidhlig aig do phàrantan/seann phàrantan:
| Bha: 31.7% | Cha robh: 68.3% | |
| Pàrantan: | Bha: 18.5% | Cha robh: 81.5% |
| Seann phàrantan: | Bha: 28% | Cha robh: 56.9% Chan eil fhios agam: 7.5% |
Ged a bha Gàidhlig aig tòrr de na pàrantan agus seann-phàrantan den t-samhla Albannach, cha robh i aig a mhór-chùid. Tha seo a sealltainn dhuinn gu bheil ùidh anns a Ghàidhlig aig móran daoine aig nach eil sinnseareachd Gàidhlig no ceangal sam bith ris a Ghaidhealtachd. Tha seo a coimhead gu math dochasach airson an àm ri teachd.
Seo mo fhacal mu dheireadh air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig mus toiseach mi air an ath earran den òraid seo: ged a tha barrachd is barrachd daoine air Ghalldachd ag ionnsachadh na Gàidhlig rud a tha glé dhochasach tha a mhór-chùid den luchd-ionnsachaidh meadhan-aoiseach agus/no sa mheadhan-chlas agus/no nan nàiseantach. Ged nach eil mi a càineadh nan daoine seo idir, idir, ma tha a Ghàidhlig gu bhith slan-fallainn san àm ri teachd, feumaidh sinn barrachd luchd-ionnsachaidh, a gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh aig gach aois, anns gach clas agus anns gach pàrtaidh poilitigeach.
Dé cho fileanta s a tha buill ChLI?
Comas bruidhinn na Roinne Albannach:
| Gun fhacal | 2.9% |
| Ìre bhunasach | 38.8% |
| Ìre mheadhanach | 33.75% |
| Ìre adhartach | 10% |
| Fileanta | 15% |
‘Mura bheil thu fileanta mu thràth, dé an ìre a tha thu ag amas
oirre?’
| THA MI AG AMAS SEANTANSAN/COMHRADH SÌMPLIDH A THUIGSINN | 4.2% |
| THA MI AG AMAIS AIR GÀIDHLIG GU LEÒR AIRSON CUR-SEACHAD NO CUSPAIR EILE ANNS AM BHEIL ÙIDH AGAM | 2.9% |
| THA MI AG AMAS AIR FILEANTACHD (LEUGHADH IS SGRÌOBHADH) | 5.5% |
| THA MI AG AMAS AIR FILEANTACHD (BRUIDHINN) | 14.3% |
| THA MI AG AMAS AIR FILEANTACHD (BRUIDHINN, LEUGHADH IS SGRÌOBHADH) | 72.6% |
EILE (Dé do amas? ________________________________________________________________________) |
‘Am bheil dùil agad gun déid agad an ìre sin a ruigsinn?’
| Tha | 42.3% |
| Chan eil | 31% |
| Ràinig mu thràth | 12.6% |
| Tha mi an dòchas | 5.9% |
| Is dòcha | 6.3% |
| Eile | 0.9% |
| Chan eil fhios agam | 0.9% |
‘De cho fad is a tha thu ag ionnsachadh na Gàidhlig (mu thimchioll)?’

Carson a tha daoine ag ionnsachadh na
Gàidhlig?
Agus seo an earran mu dheireadh. Tha mi air Có a dhèanamh - seo carson a-nis.
7. Please rate the importance of each of
the following to your decision to learn Gaelic by ticking the appropriate boxes. (Scottish
sample)
8. Which of the reasons (A-Q) mentioned in
question 7 (above) was the most important to your decision to learn Gaelic? Please write
down only one reason.
REASON |
VERY IMPORTANT |
QUITE IMPORTANT |
NOT IMPORTANT AT ALL / NOT APPLICABLE |
MAIN REASON for learning: |
| (A) I would be able to enjoy Gaelic music better | 22.4% | 54.4% | 23.2% | 4% |
| (B) I would be able to understand Gaelic T.V | 29.1% | 47.4% | 23.5% | 0.1% |
| (C) I would be able to understand Gaelic literature | 45.4% | 47.5% | 7.1% | 5.3% |
| (D) I would be helping to keep Gaelic alive | 70.3% | 24.1% | 5.6% | 31.6% |
| (E) I live in a Gaelic speaking area | 7.7% | 9.5% | 82.9% | 0.8% |
| (F) Adult members of my family can/could speak Gaelic | 10.9% | 10% | 79.1% | 4.4% |
| (G) Gaelic would be useful for my hobbies or interests (e.g place names,tracing ancestory) | 24% | 36.7% | 39.3% | 5.7% |
| (H) Gaelic would be useful in present/future employment | 13.7% | 23.4% | 62.8% | 1.3% |
| (I) As a Scot/someone living in Scotland, I feel that I should speak Gaelic | 46.3% | 39.4% | 14.4% | 11.5% |
| (J) As a Highlander/ Islander /someone living in the Highlands and Islands I feel I should speak Gaelic | 24.7% | 14.1% | 61.2% | 3.1% |
| (K) Gaelic would help me get closer to my roots | 29% | 29.9% | 41.1% | 6.2% |
| (L) I did not feel like a complete Scot without a knowledge of Gaelic | 32.2% | 27.4% | 40.4% | 7.1% |
| (M) My children are in Gaelic medium education | 8% | 3.1% | 85.3% | 1.8% |
| (N) I have Gaelic speaking friends | 22.6% | 32.6% | 13.5% | 3.1% |
| (O) I am interested in languages | 23.3% | 41% | 35.7% | 3.6% |
| (P) I want to live in the Highlands/in Scotland | 14.2% | 17.4% | 68.3% | 1.8% |
| (Q) I like to visit the Highlands/Islands | 26.7% | 35.2% | 38% | 1.3% |
| (R) Other Reasons | 15% | 4.17% | 80.8% | 6.2% |
Mar a chì sibh bhon chlàr, tha tòrr adhbharan eadar-dhealaichte ann airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Thuirt cha mhór a h-uile duine a fhreagairt an ceisteachan gu robh iad ag ionnsachadh airson iomadh adhbhair.
B e adbhar C Bhithinn a cuideachadh leis a Ghàidhlig a chumail beò a chaidh ainmeachadh na bu trice mar phrìomh adhbhar airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.
As déidh sin, be adhbharan I agus L a chaidh ainmeachadh na bu trice. B iad Mar Albannach agus/no duine a tha a fuireach ann an Alba, tha mi a faireachdainn gum bu chòir Gàidhlig a bhith agam agus As aonais na Gàidhlig, cha robh mi a faireachdainn nam fhior Albannach.
Thuirt tòrr dhaoine rudan mar:
bha e ’cur orm nach b' urrainn dhomh mo chanan fhein a bhuidhinn mar bu choir
I felt cheated at not having the chance to learn Gaelic at school.
I felt there was something here which might have been mine and was denied me - and I wanted it!
I am embarrassed that I can't speak my own language.
Gaelic should have been my inheritance
I feel that I have lost part of my culture and it's important to me to try to replace that loss.
Bha iomadh adhbhar eile mar chur-seachadan, ceòl, litreachas agus Gàidhlig anns an teaghlach cudromach cuideachd.
Thuirt móran de na daoine a fhreagair ceisteachan gu robh na h-adhbharan aca airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig air atharrachadh bhon a thòisich iad air a h-ionnsachadh. Mar eisimpleir, thuirt aon duine:
Tha na h-adhbahran a thoisich mi air a Ghàidhlig ionnsachadh eadar-dhealaichte bho na h-adhbharan a lean mi orm gu fileantachd. Thoisich mi on a bha ùidh agam ann an ceòl Gàidhlig agus cànanan anns an fharsaingeachd agus an uair s a bha mi an-sàs, lean mi orm air sgàth ’s adhbharan eile - a fuireach air Gàidhealtachd, caraidean, faireachdainn làidir airson na Gàidhlig fhéin mar chànan agus mar uinneag gu saoghal eile.
Thuirt cuideigin eile:
At first I started learning because I had a lot of free time and I needed a challenge. But now I consider it to be a very worthwhile thing.
Beachdan an Luchd-Ionnsachaidh:
Aig deireadh mo cheisteachain, thug mi cothrom dhan luchd-ionnsachaidh na beachdan aca air a Ghàidhlig a thoirt dhomh. A-mach as na rudan a chaidh a sgrìobhadh, seo cuid de na rudan a chaidh a ràdh na bu trice:
Anns a chiad dol a-mach, seo na gearaidhean aca:
Gum bheil tòrr de na daoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs an aghaidh luchd-ionnsachaidh agus an aghaidh na Gàidhlig.
Dìth goireasan anns an sgìre aca
Gum bheil e gu math daor Gàidhlig a ionnsachadh
Gum bheil e doirbh clasaichean fhaighinn aig ìre mheadhonach no adhartach
Gum bheil e a toirt tòrr tìde Gàidhlig a ionnsachadh tìde nach eil aig a h-uile duine. Thuirt aon duine mar eisimpleir: “Up at 5.00 in the morning and home at 6.00 at night things to do when I get home. Tea and then a shower. By the time I settle down at night it is usually about 8.00 PM. Then you are tired. It is hard to focus on your notes from evening classes.
Bha tòrr mholaidhean ann cuideachd:
Seo an fheadhainn a nochd nas trice:
Telebhisean agus rédio Gàidhlig air feadh na h-Alba agus air taobh a-muigh na h-Alba. Bha móran daoine an dòchas gun tachradh seo tro chraoladh digiteach.
Taighean na Gàidhlig.
Faclair ùr Gàidhlig-Beurla, Beurla-Gàidhlig
Barrachd chlasaichean Gàidhlig san àrd-sgoil
Ged a fhuair mi móran bheachdan air a Ghàidhlig, tha am facal mu dheireadh a dol dhan duine a thuirt:
Ag ionnsachadh na Gàidhlig - cha tug
rud sam bith an uiread toileachais dhomh,
s an uiread bròin cuideachd. Amen!