Naidheachdan Gàidhlig agus an Luchd-Ionnsachaidh
Pàipear do Cho-Labhairt nan Naidheachdan Gàidhlig, Inbhir Nis 13/4/99© Alasdair MacCaluim 1999
Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil na naidheachdan Gàidhlig glé chudromach dhan luchd-ionnsachaidh mar dòigh ionnsachaidh.
Is e na naidheachdan an aon chothrom a tha aig iomadh duine éisdeachd ri Gàidhlig fhoirmeil, àrd-register.
Agus a chionn is gum bheil na prògraman naidheachd Gàidhlig a bruidhinn air na h-aon chuspairean agus a nochdas anns na meadhnanan naidheachd Beurla, tha deagh bheachd aig luchd-ionnsachaidh có air a tha na prògraman a-mach bhon cho-theacs nuair a chluinneas iad faclan mar “Milosovic” no “viagra” no “Monica Lewinsky”. Tha na dealbhan air naidheachdan telebhisean feumail cuideachd.
Tha rannsachadh a tha mi a déanamh aig an àm seo air sealltainn gum bi a mhòr-chùid den luchd-ionnsachaidh ag éisdeachd ri Réidio nan Gaidheal a h-uile latha no cha mhór a h-uile latha. Ann an ceisteachan a chuir mi a-mach do bhallrachd ChLI thuirt 80% de na daoine a bha a fuireach anns na h-àiteachan far am bheil Réidio nan Gàidheal ri fhaighinn gum biodh iad ag éisdeachd ris a h-uile latha. Ged nach do dh fhaighnich mi dhiubh de na programan ris an robh iad ag éisdeachd, tha mi cinnteach gum bi cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh a tha ag éisdeachd ri Réidio Gàidhlig idir ag éisdeachd ri Aithris na Maidne no ri Aithris an Fheasgair.
Molaidhean airson nan naidheachdan Gàidhlig airson an luchd-ionnsachaidh:
Barrachd naidheachdan Gàidhlig:
Tha na programan naidheachd Gàidhlig air an radio ro ghoirid agus chan urrainn dhan a h-uile duine éisdeachd riutha. Bu chòir do na programan a bhith nas fhaide agus tha feum air naidheachdhan aig deireadh na seachdainn cuideachd.
Leabhran/Faclair Gàidhlig:
Tha Réidio Cymru air streath de leabhranan “Faclan agus Abairtean bho Sheirbhis Naidheachd Radio Cymru” a chur an clò faclair beag do luchd-ionnsachaidh. Tha an companaidh Acen air leabhar nas motha do luchd ionnsachaidh stéidhichte air naidheachdan fhoillseachadh cuideachadh. Bhiodh leabhran no cùrsa mar seo feumail ann an Alba cuideachd - stéidhichte air Aithris an Fheasgair no air Telefios.
Radio nan Gaidheal is TBH Gàidhlig air feadh na h-Alba:
Is e aon duilgeadas nach eil cothrom aig a h-uile neach-ionnsachaidh naidheachdan Gàidhlig fhaicinn no a chluinntinn. Cha bhi mu 10% de na h-Albannaich a faighinn Radio nan Gàidheal agus cha bhi Telebhisean na Crìche a craoladh programan Gàidhlig idir ann an ceann a deas na dùthcha.
Bu chòir do thelebhisean is réidio Gàidhlig a bhith ri fhaighinn air feadh na h-Alba.
Radio nan Gàidheal air feadh an t-saoghail:
A-rèir rannsachaidh a rinn Iain Galloway do Chomann na Gàidhlig o chionn trì bliadhna, tha mu chòig mìle duine deug taobh a-muigh na h-Alba ag ionnsachadh na Gàidhlig. Aig an àm seo, cha bhi móran de na daoine seo a fàs fileanta gu brath. Is ann gu math eadar-dhealaichte a bhiodh rudan nam biodh cothrom aca naidheachdan Gàidhlig fhaighinn air an eadar-lìon no air saideil. Tha naidheachdan sa Ghàidhlig Éireannaich ri fhaighinn an dà chùid air saideal is air an eadar-lìon.
Bu chòir dhan BhBC na programan Radio naidheachd Gàidhlig a chur a-mach air an eadar-lìon cho luath sa ghabhas. Bu choir dhaibh Radio nan Gàidheal a chraoladh air saideal cuideachd mar a tha iad a dèanamh le Radio 5 Live mar-thà. Tha cuid de na programan aig Raidio na Gaeltachta ri fhaighinn an dà chùid air saideal agus air an eadar-lìon cuideachd.
Naidheachdan Teleteacs agus Eadar-Lìon sa Ghàidhlig:
Anns an athaisg: “Devolution: The BBCs Programme Response”, thuirt Bord nan Riaghladairean gum biodh larach-lìn ùr airson naidheachdan Albannach agus gum biodh barrachd duileagan naidheachdan Albannach aig Ceefax na h-Alba.
BU CHÒIR DHA NA SEIRBHEISEAN SEO A BHITH DÀ CHÀNANACH. Tha luchd naidheachd Gàidhlig aig a BhBC mar-tha is mar sin, cha bhiodh seo ro dhoirbh no ro dhaor. Tha e cudromach gum faigh luchd-ionnsachaidh barrachd chothroman Gàidhlig a leughadh.
Tha deagh sheirbhisean teleteacs anns an Chuimrigh (Sbectel) agus ann an Éirinn (Gaeltext) cuideachd. Bhiodh seo feumail ann an Alba cuideachd airson naidheachdan na Gàidhlig, naidheachdan ionadail is naidheachdan nàiseanta is eadar-nàiseanta.
Telebhisean Gàidhlig:
Bhiodh tòrr chothroman airson an luchd-ionnsachaidh an luib Sianal TBh Gàidhlig. Tha Telefios glé mhath, ach mar is trice, is ann mun Ghàidhealtachd a tha cha mhór a h-uile sgeulachd. Ach tha a mhór-chùid den luchd ionnsachaidh anns na bailtean móra. Ged a tha ùidh aig luchd-ionnsachaidh ann an naidheachdan na Gàidhealtachd mar is trice, tha feum air seirbhis naidheachd le barrachd naidheachdan nàiseanta is eadar-nàiseanta “Scottish Six Gàidhlig” mar gum biodh! Bu chòir do seo a bhith na phriority dhan t-Sianal TBh Gàidhlig.
Bhiodh fo-thiotailean Gàidhlig air teleteacs airson nam programan naidheachd Gàidhlig gu math feumail cuideachd.
Mu dheireadh, feumaidh sinn a chuimhneachadh gu bheil feum air tòrr a bharrachd luchd-ionnsachaidh. Tha telebhisean Gàidhlig air iomadh duine a tharraing dhan chànain agus tha cunnart ann nach tachair seo nuair a bhios Sianal Gàidhlig ann. Tha e coltach nach bi ITV no am BBC a cur nam programan Gàidhlig aca air na sianailean digiteach aca. Bhiodh na programan a dol a-mach air an t-sianal Gàidhlig a-mhàin. THA E AIR LETH FHÈIN CUDROMACH NACH TACHAIR SEO! Bu chòir do chùid de na programan Gàidhlig agus do na naidheachdan gu h-àraid- a bhith an dà chùid air an t-sianail Gàidhlig agus air na sianailean digiteach Beurla.
Naidheachdan Gàidhlig agus an Luchd-Ionnsachaidh
Molaidhean: