An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tòimhseachain"
Jump to navigation
Jump to search
(→G) |
(→S) |

(Rinn an cleachdaiche 19 mùthaidhean eadar-mheadhanach nach eil 19 'gan sealltainn) | |||
Loidhne 544: | Loidhne 544: | ||

| || greideal | | || greideal | ||

+ | ==I== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Chaidh Fionn dhan bheinn,
is cha deach Idir,
dh'fhàs a bhean tinn,
is cha do dh'fhàs Idir. | ||

+ | | || 'Idir' a chù | ||

+ | | Rud a leaghas a' ghrian,
chruadhaichidh an t-uisge. | ||

+ | | || ìm | ||

+ | | Maide fada fiar,
a' tighinn air tìr air talamh cian,
maide biorach, tollach, tairgneach,
maide balg-fhionn, fada, crom. | ||

+ | | || isneach | ||

+ | | Bean an taigh a' gliogain,
bean an taigh a' glagan,
bean an taigh nach do dh'ith mìr biadh,
is nach do rinn a-riamh altachadh. | ||

+ | | || iuchar | ||

+ | | Mo ghaol a' chas a shiubhlas fada,
is tu m' fhear, mo mhac is mo bhràthair. | ||

+ | | || 'S tu ogha MhicAoidh is tu mac MhicAoidh,
's b' i nighean MhicAoidh do mhàthair. | ||

+ | ==L== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Chunnaic mi iongnadh an-dé,
mas iongnadh leam, is iongnadh e,
fear mór a' tighinn bhon an cheò,
agus e beò, gun anail 'na chreubh. | ||

+ | | || lasair teine | ||

+ | | Is gile i na canach an t-sléibhe,
is gile i na léine no anart,
is meanbh-bhrùcach i na uchd na druideige,
agus òlaidh i mar a gheibh i. | ||

+ | | || litir | ||

+ | | Làir bhàn a thig á Sasainn gun a chas 'fhliuchadh.  | ||

+ | | || litir | ||

+ | | Sgrìob dhubh air talamh bàn,
is fear 'ga cur le 'smaointean. | ||

+ | | || litir | ||

+ | | Théid i a-null air a' chuan,
thig i a-nall air a' chuan,
innsidh i naidheachd,
is chan abair i guth. | ||

+ | | || litir | ||

+ | | Théid i a-null thar na linne,
is thig i a-nall thar na linne,
innsidh i naidheachd,
is chan abair i smid. | ||

+ | | || litir | ||

+ | | Bithidh e a-muigh,
bithidh e a-staigh,
bithidh e an taigh an lodain,
ceann corrach air a bhas,
buailidh e gnocag. | ||

+ | | || loinid | ||

+ | | Bàrr biorach air, is cha mhinidh e,
roinn gheur air, is cha sgeilb e,
feusag air, is cha ghobhar e,
tòn odhar air, is chan earb e. | ||

+ | | || luachair | ||

+ | | Tioram cha ghabh,
fliuch gabhaidh.  | ||

+ | | || luaithre is ola | ||

+ | ==M== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Ceithir casan sa mhadainn,
a dhà am feasgar,
agus trì am beul na h-oidhche. | ||

+ | | || mac an duine | ||

+ | | Tha ceithir casan air sa mhadainn,
gidheadh tha astar luath air chall,
le 'dhà mu mheadhan latha,
nì e a' chùis gu mór is nas fhearr,
ged a gheibh e am beul na h-oidhche trì,
cha siubhail e ach gu mìn, mall. | ||

+ | | || mac an duine | ||

+ | | Struthan a' dol an aghaidh bruthaich  | ||

+ | | || mart ag òl deoch | ||

+ | | Ceithir 'nan ruith,
ceithir air chrith,
dithis a' coimhead san adhar,
dithis a' dèanamh an rathad,
agus aon ag éigheachd.

+ | | || mart 'na ruith - casan, sinean,
adhaircean, sùilean is beul | ||

+ | | Gu dé do phrìomh luchd-cuideachaidh?
cóignear anns gach taic,
cóignear anns gach glaic,
is cóignear nach faic thu an tairbheartas. | ||

+ | | || meòir do choise, do làimhe
is d' fhaireachdainnean | ||

+ | | Baraille gun tòn, is e làn de dh'fheòil duine.  | ||

+ | | || meòir thàilleir  | ||

+ | | Is lugha e na luch, is motha e na frìde
's tha uiread air de dh'uinneagan
's a tha air lùchairt mhór an rìgh. | ||

+ | | || meòir thàilleir  | ||

+ | | Tobaran gun ghrùnnd, is e loma-làn de dh'fhuil,
de chnàimh agus de dh'fheòil. | ||

+ | | || meòir thàilleir | ||

+ | | Tuba gun mhas, is i làn feòla. | ||

+ | | || meòir thàilleir  | ||

+ | | Ciod iad na trì beathaichean as luaithe air sliabh? | ||

+ | | || mial-chù, fiadh is seabhag-gorm  | ||

+ | ==N== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Rud nach eil, rud nach robh is nach bi,
sìn do làmh, is chì thu e. | ||

+ | | || nach eil na meòir co-ionnan am fad  | ||

+ | | Latha Féill-Bhrìghde thig an rìbhinn ás an tom,
cha bhean mise ris an rìbhinn,
is cha bhean an rìbhinn rium.
Có i? | ||

+ | | || nathair | ||

+ | | Tha slatag an coille Alasdair,
cha ghiuthas i, cha darach i,
chan aon fhiodh air thalamh i,
is cha tomhais thu gu oidhche i! | ||

+ | | || nathair | ||

+ | | Rud a tha, is a bha, is a bhios,
sìn do làmh, is chì thu e. | ||

+ | | || na thig aig a' mheur mheadhan air càch  | ||

+ | | A' mhuc a thàinig á Éirinn,
is ann oirre fhéin a bha an éiginn searbh,
trì "tonna' trì "tanna'
muc air fhichead is fichead mheanbh. | ||

+ | | || na trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm  | ||

+ | | Trì mucan turra, turra,
trì mucan tarra, tarra,
muc an Ear, is muc an Iar,
is pian air an fhear nach tomhais. | ||

+ | | || na trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm  | ||

+ | | Dà chois shìos,
trì casan shuas,
is ceann a' bheò am beul a' mhairbh. | ||

+ | | || neach agus poit thrì-chasach air a cheann | ||

+ | | Chì sinne bitheanta e,
chan fhaic an rìgh ach ainmig e,
agus chan fhaca Dia a-riamh e. | ||

+ | | || neach nas àirde na e fhéin | ||

+ | | Todhar dubh 'ga chur air talamh geal,
is fear 'ga chur le smuaintean. | ||

+ | | || neach a' sgrìobhadh litreach | ||

+ | | Cochallan beag cho cruinn, cho cruinn,
deich teangannan san aona cheann,
is fichead sùil is chan iongnadh leam. | ||

+ | | || nead eòin ann an ceann caorach | ||

+ | | Latha dhomh is mi a' siubhail bheann,
chunnaic mi na b' ionghnadh leam,
fichead sùil san aon cheann,
deich teangannan a' bruidhinn rium. | ||

+ | | || nead eòin ann an claban-cinn | ||

+ | | Tomhais tomhais tòimhseachan,
eadar mi fhìn is mo Dhòmhnallan,
toillidh ceud nan ceudan ann,
is cha toill mi fhìn 'nam ònrachd ann. | ||

+ | | || nead an t-seillein | ||

+ | ==P== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Dà rud bheaga dhubha, co-ionnan ri a chéile,
tha aon dhiubh uile ceàrr, is aon dhiubh uile ceart,
ach nan robh an t-aon a tha uile ceart,
air a dhèanamh uile cearr,
bhitheadh an t-aon a tha uile cearr,
air a dhèanamh uile ceart. | ||

+ | | || paidhir bhrògan  | ||

+ | | Tobar a' siubhal air còmhnard réidh,
agus a shruthan 'na dhéidh car dubhach. | ||

+ | | || peann | ||

+ | | Thàinig e a feòil,
is chan e feòil a tha ann,
innsidh e naidheachd,
gun teanga 'na cheann. | ||

+ | | || peann ite  | ||

+ | | Théid e a-null air an abhainn,
thig e a-nall air an abhainn,
gearraidh e am feur,
agus chan ith e e. | ||

+ | | || peilear gunna  | ||

+ | | Ti-toman, to-toman,
còta beag dubh,
trì casan iarainn,
is beul mór tiugh. | ||

+ | | || poit thrì-chasach | ||

+ | | Trì casan nach gluais,
dà chluais nach cluinn,
beul mór nach bruidhinn,
agus aisean gun druim. | ||

+ | | || poit thrì-chasach | ||

+ | | Trì casan oirre is cha choisich i,
dà chluais oirre is cha chluinn i,
beul mór aice is cha bhruidhinn i,
is màs mór cruinn oirre. | ||

+ | | || poit thrì-chasach | ||

+ | ==R== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Thànaig ceathrar a-nall gun bhàta gun long:
fear buidhe fionn,
fear slatagach donn,
fear a bhualadh na sùiste,
fear a rùsgadh nan crann. | ||

+ | | || na (ceithir) ràithean | ||

+ | | Teadhar fhada chaol bhàn,
is i 'na tàmh daonnan. | ||

+ | | || rathad mór | ||

+ | | Fear dubh, nàmhaid clisgeadach,
bheir e ort ruith air uisgeachan. | ||

+ | | || reòthadh | ||

+ | | Each dubh, is each donn,
bonn ri bonn,
ged is luath an t-each dubh,
is seachd luaithe an t-each donn. | ||

+ | | || roth-muilinn | ||

+ | | Each dubh, dubh, is e a' mire ris an t-sruth,
chan eil an Éirinn no an Alba na leumas air a mhuin. | ||

+ | | || roth-muilinn | ||

+ | | Rud mór cruinn, dubh,
a bhios a' mireadh ris an t-sruth,
chan eil an Albainn no an Éirinn,
a leumas air a mhuin. | ||

+ | | || roth-muilinn | ||

+ | | Rud mór torrach,
bidh e a' mireadh ris an tuil,
is ged a bhios e ro saothair,
cha chaochail e a chruth. | ||

+ | | || roth-muilinn | ||

+ | ==S== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Mo thrì chaora chuime-chasach,
air an leathad fhuar-chasach,
is air a' ghleann as fhaide a-mach,
is doirbh iad ri am buachailleachd. | ||

+ | | || seangain | ||

+ | | Molt dubh anns a' choill,
gun alt 'na dhruim,
gun sùgh, gun sàill,
gun cheann cnàmha. | ||

+ | | || seilcheag | ||

+ | | Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is math a nì i dranndan,
currac dhen chneaschullain oirre,
is còta buidhe plangaid. | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | Faruman fearuman,
a' dol a-steach dhan t-searmoin,
còta goirid dearg air,
is seana bhriogais ghlas. | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | Fear beag fo bhonn na creige,
ge beag e bi srann aige,
currac air, dà adhairc air,
is còta buidhe frangach. | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | Fear beag fo bhonn na creige,
ge beag e bi srann aige,
currac uime, dà ghob aige,
is còta buidhe Frangach. | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | Tha bodachan an taigh mo athar,
bithidh e tric a' dranndan,
currac air is e a' dol a laighe,
is còta fada Frangach. | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | Tha taigh mór aig féileagan,
air cùl a' chnuic dhen chòmhnardan,
théid ceud nan ceudan ann,
is cha déid mi fhìn 'nam aonar ann.
féileagan beag bìdeach gun lochd,
fad na ràithe geamhraidh anns an t-sop.
tràth a thig an ràithe shamhraidh,
seinnidh e port,
is bho bharr an neòinean òlaidh e deoch,
latha dhomh, is mi a' dèanamh chruach,
feasgar foghair, is càch a' buain,
chuala mise le mo chluais,
gaoir am bruaich aig féilleagan. | ||

+ | | || seillean | ||

+ | | Is mi mi fhìn,
is mi gach duine,
ach sgrìob mo dhruim,
is cha mhi duine idir. | ||

+ | | || sgàthan | ||

+ | | Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na sìoda | ||

+ | | || sgòth | ||

+ | | Talamh geal is treabhadh dubh is tu 'ga chur le d' inntinn | ||

+ | | || sgrìobhadh | ||

+ | | Bean uaine bhòidheach,
air cùl na còmhla,
gun bhoineid, gun bhòtann,
ach ròpa mu a meadhan. | ||

+ | | || sguab-fhraoich | ||

+ | | B' e am fiodh an iuchair,
an t-uisge a' ghlas,
chailleadh na sealgairean,
agus fhuair an t-sealg ás. | ||

+ | | || slat-draoidheachd Mhaois, A' Mhuir Ruadh,
na h-Éiphitich is clann Iosrail | ||

+ | | Caora bhiorach, bhiorach,
is a mionach ag slaodadh. | ||

+ | | || snàthad is snàthainn | ||

+ | | Caora bhiorach, bhiorach,
is a mionach slaodte rithe. | ||

+ | | || snàthad is snàthainn | ||

+ | | Thàinig eun gun iteag,
is laigh e air lag tobhtaige,
thàinig eun gun bheul,
is dh'ith a eun gun iteag. | ||

+ | | || sneachd agus uisge | ||

+ | | Tha mi air bòrd gach maith is gach mith,
is tha mi an còmhnaidh làn,
gigheadh cha deach a-riamh 'nam chorp,
na thogadh tu air spàin. | ||

+ | | || spàin | ||

+ | | Damh donn a' dol tron choille,
is chan eil slat anns a' choille,
nach bean ri a dhruim. | ||

+ | | || spàl-figheadair  | ||

+ | | Mias mhór fheòdair is ceud toll òir innte.  | ||

+ | | || an speur | ||

+ | | Siud e, agus có a chì e?  | ||

+ | | || sradag | ||

+ | | Lùbaidh na mairbh air gach taobh dhiubh le ùmhlachd,
ach leumaidh na beò a-null air an ceann. | ||

+ | | || stairean | ||

+ | ==T== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Rud mór fada, dubh,
bithidh e a-muigh air feadh na h-oidhche,
bithidh a mhionach ag eughachd,
is gun e fhéin a' cantainn guth. | ||

+ | | || taigh làn daoine  | ||

+ | | Chaidh mi a-mach eadar dà choille,
agus thill mi dhachaigh eadar dà alltan. | ||

+ | | || tarraing uisge le cuinneagan  | ||

+ | | Taigh beag agam sa bhaile ud thall,
gun chabar cam no dìreach ann,
thoilleadh ceud nan ceudan ann,
is cha toillinn fhìn 'nam aonar ann. | ||

+ | | || treabhailt | ||

+ | | Each dubh is each donn bonn ri bonn
ach is luaithe an t-each dubh na an t-each donn. | ||

+ | | || toit is teine  | ||

+ | | Bha i an Éirinn, bha i an Ros,
bha i sa bheinn éibhinn, chais,
bithidh i sa bhaile seo a-nochd,
bean a chuireas crith air cois. | ||

+ | | || tromb | ||

+ | | Tha teanga fhada, chaol, chruaidh,
aig mo luaidh an rìbhinn òg,
is lìonmhor iad le am miann a guth,
is iomadh neach le am miann a pòg. | ||

+ | | || tromb | ||

+ | | "Théid mi dhan choille" arsa a' chrom fhada chruinn,
"Is chan eil anns a' choille" arsa a' chrom fhada chruinn,
"Nach leag mi air an druim" arsa a' chrom fhada chruinn. | ||

+ | | || tuagh | ||

+ | ==U== | ||
+ | {| style="width: 70%;" border="0" | ||

+ | | Bodach beag an taigh mo sheanair,
chan fhaicear gean no greann air,
chan ith e biadh, chan òl e fìon,
is bha e a-riamh a' dannsadh. | ||

+ | | || uaireadair | ||

+ | | Tobaran òir am meadhan a' bhaile seo,
trì cinn òir agus còmhla ghlainne ris. | ||

+ | | || uaireadair air stìoball  | ||

+ | | Bothag bheag air fàire,
is a dà cheann dùinte. | ||

+ | | || ugh | ||

+ | | Togaidh leanabh beag 'na dhòrn e,
is cha tog dà dhuine dheug le ròp e. | ||

+ | | || ugh | ||

+ | | Théid e suas geal, ach thig a a-nuas buidhe.  | ||

+ | | || ugh briste  | ||

+ | | Togtar suas e cho geal ris an t-sneachda,
ach leagtar a-nuas e òr-bhuidhe air leaca. | ||

+ | | || ugh briste | ||

+ | | Trì mìosan cù, cóig o chaogad cat
is ionnann bean is bó,
bliadhna mhór dhan each. | ||

+ | | || 45 làithean,
9 mìosan is bliadhna;
ùine an torrachais | ||

+ | | Is buige e na am brochan,
is cruaidhe e na an t-aran,
bithidh e an còmhnaidh an cuideachd an rìgh,
is chan eil iad air thalamh,
nach feum a bhith 'ga ghabhail,
is cha dig iad ro mhath ás a dhìth. | ||

+ | | || uisge | ||

+ | | Cuman ùr, nodha, a thug mo athair á Ros,
ged a rachadh e air a bheul fodha,
cha digeadh boinne ás. | ||

+ | | || ùth bà | ||

Am mùthadh mu dheireadh on 19:21, 23 dhen Dàmhair 2017
A
Tha bràthair aig bràthair mo athar, is cha bhràthair athar dhomh-sa e. | |
'athair fhèin | |
Dé as seirbhe na an nimh? | |
achmhasan nàmhaid | |
Poit bheag neònach, a' seòladh tron an tìr, i loma-làn feòla, ’s a tòn os a cionn. | |
ad | |
Làir bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile. | |
a' ghealach | |
Long mhór nam bàn-seol bòidheach, nach faic thu a' seòladh ach an aghaigh gaoithe. | |
a' ghealach | |
Tha long a' seòladh cuain fo thàmh, le a clàran bàna is àrd-siùil dhubha, ach mun till i, rinn i a-rithist dha ’gnàthas, bidh a cruinn is a h-àrd-siùil bhàna mar ghruth. | |
a' ghealach ùr | |
Théid e dhan mhuir is cha bhàthar e, théid e dhan chiste is cha mhùchar e, théid e dhan teine is cha loisgear e, is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air. | |
a' ghrian | |
Cha mhac athar, no màthar dhomh e, cha mhac peathar, no bràthar dhomh e, ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille. | |
a mhac fhéin | |
Cha mhotha e na gràinean eòrna, 's còmhdaichidh e bòrd an rìgh. | |
amharcan | |
Rugadh i gun anam, bhàsaich i gun anam, ach bha anam innte. | |
a' mhuc-mhara a shluig Iòna | |
Chan ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais? | |
anail | |
Càit an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e? | |
anns an àirc | |
Tha mi nas àirde na beanntan an domhain, agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas, cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a ghunna, ged a tha mi nas truime na mìle tunna. | |
an t-àile | |
Rugadh e gun anam, bhàsaich e gun anam, agus bha anam ann. | |
an t-uilebheist a shluig Iòna |
B
Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill, siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg. | |
bad ceò | |
Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh, is chan eil an taigh as a aonais. | |
balla | |
Có iad na trì uilc a thig le aois? | |
baothachd, boile is bàs | |
Bean an taighe a' gliogadaich, bean an taighe a' glagadaich, bean an taighe ag ithe biadh, is cha do rinn i a-riamh altachadh. | |
beart-làimhe | |
Tomhais, tomhais a laoigh mhìn, gu dé fliodh na fraoch a tha am beinn, no dé an t-slat a bha làimh Fionn, a' dol tron choille dorcha luim? | |
bioran-deighe | |
Chì mi, chì mi fada bhuam, trì mìle thar a' chuain, fear gun fhuil, gun fheòil, gun anail, ag imeachd air an talamh bhuan. | |
am bàs | |
Chì mi thugam thar an eas, fear beag, cùirneanach, cas, cearb de dh'aodach fo a shlios, is làn an t-saoghail fo a los. | |
am bàs | |
Coinnlear òir air bòrd dà shliseig, tomhais a-nis e, is tomhais gu clis e. | |
am bàs | |
Cha siubhail e san adhar, cha siubhail e air làr, ach siubhlaidh e sàr, eadar làr agus adhar. | |
bàta | |
Rud nach gluais gun mhóran suim, mura bi a dhruim fodha. | |
bàta | |
Bó mhór odhar an cois na tràghad, laogh 'na déidh is i gun dàir. | |
bàta is geòla | |
Sheall mi a-mach air uinneig mo sheanmhar, is chunnaic mi am marbh a' giùlan nam beò. | |
bàta is sgioba | |
Maide caol cam sa choille ud thall is cha chluinn thu 'na cheann ach gliog agus gliong. | |
beart-fhighe | |
Sruth an aghaidh àirde. | |
beathach ag òl dighe | |
Làn taighe chaorach geala, is aon chaora dhearg ann, agus an té dhearg air dearg deargan a' chuthaich. | |
beul, deud is teanga | |
Craobh cham chaorainn, an taobh taigh an tuathanaich, ged a thigeadh luchd an t-saoghail, chan fhaodadh iad a buain ás. | |
a bhean | |
Chaidh ceathrar a-null, gun choit gun long, fear fada fionn, fear leadagach donn, fear a bhualadh nan stùc, fear a rùsgadh nan crann, is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann? | |
bliadhna, ràithean, seachdainean, làithean is uairean | |
Craobh mhór agus ceithir meòir oirre, trì nid deug anns a h-uile meur, seachd uighean anns a h-uile nead, agus ceithir buill fhichead air a h-uile ugh. | |
bliadhna, ràithean, seachdainean, làithean is uairean | |
Chì mi, chì mi air fàire, ailleagan na gréine, fear an aodaich uaine, is snàithlean dearg mu a léine. | |
bogha-froise | |
Cailleach sa chùil, agus bior 'na dà shùil, is i a' gàireachdadh, gàireachdadh. | |
brà | |
Is e cròileagan beag cròileagan, tomhais tomhais tòimhseachan, a rinn mi fhìn is mi Dhòmhnallan, thoillidh ceud nan ceudan ann, is cha toill mi fhìn 'nam aonar ann. | |
brà | |
Am mac a' tighinn bhon a mhàthair, is a mhàthair ag imeachd uaithe. | |
briseadh-latha | |
Dubhag, dubhag a-mach an doras, is cnàimh duine aice 'na bheul. | |
bròg | |
Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine 'na beul | |
bròg | |
Có a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine? | |
bròg na cuthaige | |
Tha sùilean ann, is chan fhaic e nì, tha e feumail a chum bidhe, tha rùsg 'ga chomhdachadh anns gach ball, cha chaora is cha chraobh a tha ann. | |
buntàta |
C
Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill, siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg. | |
bad ceò | |
Chan ith thu e, chan òl thu e, is cha bhi thu beò ás aonais. | |
cadal | |
Rugadh e mun do rugadh a athair, agus chaochail e mun do rugadh a mhàthair. | |
Cain no Abail | |
Chì mi thall air faireagan, air ailt na h-éilde ruaidhe, am mac a' tighinn bhon mhàthair, is a' mhàthair a' teicheadh bhuaidhe. | |
camhanaich | |
Tha moigean molach, molach, a' sìor-thuineachadh a' mhonaidh, is gile e na gobhair an aonaich, is gile na caoraich am moigean molach. | |
canach | |
Thugadh biadh gu triùir, a-null thar lochan an fhéidh, dh'ith am biadh an triùir, is thill e dhachaigh leis fhéin. | |
cat a thugadh le iolair gu a nead is a dh'ith an iolair is na h-eòin | |
Thugadh biadh gu dithis, gu ceann Loch MaRuibhe, dh'ith am biadh an dithis, is thill e dhachaigh a-rithist. | |
cat a thugadh le iolair gu a nead is a dh'ith an iolair is na h-eòin | |
Thugadh biadh gu triùir, gu cùl beinn a' cheò, dh'ith am biadh an triùir, is thill e dhachaigh beò. | |
cat a thugadh le iolair gu a nead is a dh'ith an iolair is na h-eòin | |
Fear beag spòrsail, a' falbh na mòintich, le spuir agus bòtannan, is beul adhairce air. | |
coileach-fraoich | |
Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo, is creagada creag air a muin, casan oirre, is i gun làmhan, is ultachan catha 'na h-uchd. | |
cearc | |
Am mac air an spàrr is an t-athair gun bhreith. | |
ceò á teine nach dàinig thuige | |
Is mìn' i na sìoda Is àird' i na taigh an rìgh. | |
ceò á simileir | |
Gu dé a tha nas cruinne na ball, is nas faide na long? | |
ceairsle-shnàtha | |
Thiodhlaic mi mo naoinear nigheannan, mar sheachdnar ann an Cille MoNeachdainn ann an Ì. | |
chaidh dithis a chur san aon uaigh aig dà àm | |
Is cumhang an taigh seo, dhan neach a nì ann tàmh, e gun uinneag, gun doras, 'ga fhosgladh gu bràth. | |
ciste-laighe | |
Chì mi, chì mi fada bhuam, leth-cheud aitheamh thar a' chuain, luchd gun fhuil, gun fheòil, gun anam, a' leumadh air talamh cruaidh. | |
clachan-meallain | |
Chì mi, chì mi fada bhuam, trì fichead mìle anns a' chuan, fear gun fhuil, gun fheòl, gun anam, a' dannsa air an talamh fhuar. | |
clach-mheallain | |
Muc dhubh dhorcha, an ceann taigh Fhearchair, dithis 'na ceann, is triùir 'na h-earball. | |
clach-stéidhe | |
Dà fhear dheug san aon leabaidh, agus gach aon air an iomall. | |
clàir baraille | |
Is mairg aig am bi iad, is mairg aig nach bia iad, có iad? | |
clann | |
Chunnacas iongnadh leam an-diugh, is mas iongnadh leam is iongnadh dhut, ceithir daimh gun fhuil, gun fheòil, a' spìonadh feòir á talamh dubh. | |
cliath-chliata | |
Bodach beag an taobh an teine, bior 'na ghoile, is boineid air. | |
clobha | |
Bean bheag mhoganach, suidhidh i taganach, bithidh i torrach a h-uile bliadhna, is bithidh laogh beag geal aice. | |
cnò | |
Arsa cailleach: nam biodh agam na bheil agam, uiread eile, is a leth uiread, dà ghèadh, agus bloigh geòidh, dhèanadh sin fichead. Có mheud a bha aice? | |
cóig | |
Anna bheag a' chòta bhàin, mar as motha a ghabhas i, is mar as faide a sheasas i, 's ann as lugha a bhios i a' fàs. | |
coinneal | |
Nighean bheag a' chòta bhàin, mar as motha a bhios i ag ithe, 's ann as lugha a bhios i a' fàs. | |
coinneal | |
Eunan beag foirmeil, foirmeil, bithidh e a-muigh ri sìde stoirmeil, is ged nach do chuir e a-riamh a chùl ann, chan eil feum ri aimsir chiùin ann. | |
coileach-gaoithe | |
Siubhlaidh e na lianagan, siubhlaidh e na brianagan, siubhlaidh e an t-iomaire fada, is thig e dhachaigh anmoch. | |
corran | |
Có an crann nach dèan treabhadh ged a chuireadh tu daoine 'ga stiùireadh agus eich 'ga tharraing? | |
crann-sgadain | |
Taigh beag anns an àirde an iar, is cóig ceud doras air. | |
criathar | |
Tha bodach beag sa chùil sin, is dà shùil deug ann. | |
criathar | |
Crioganta, craganta, cruaidh, is tana lom a ghruaig, is cruaidh craiceann a dhà làimhe, a shùilean am meadhan a chléibh, agus a fheòil am meadhan a chnàmh. | |
crùbag | |
Is tana craiceann do ghruaidh, is cruaidh craiceann do dhà làmh, tha do dhà shùil am meadhan do chliabh, agus do fheòl am meadhan do chnàmh. | |
crùbag | |
Ciamar a thaghadh Fionn a chù? Sùil mar àirne, cluas mar dhuilleig, uchd mar ghearran, speir mar chorran, is an t-adhbrann fada bhon cheann. | |
Bean an taighe a' gliogan, bean an taighe a' glagan, bean an taighe a dh'ith am biadh, is cha do rinn a-riamh altachadh. | |
cuidheall-shnìomha | |
Caora bhiorach, bhiorach, i gu sionnach, sionnach, i gu luath, gu luath, braith-lìn m' a tòin, is i a' glaodhadh, a' glaodhadh. | |
cuidheall-shnìomha | |
Sìor dhol a-null, freagraidh i dha a srian, marcaichidh i gu dian, is i ag atharrachadh nan searrach gu tric, muinichidh i air an fhéill, is math agam fhéin i a-nochd. | |
cuidheall-shnìomha | |
Có e an currac nach do rinneadh a-riamh le làmhan daoine? | |
currac-an-rìgh |
D
Dà fhitheach air creig, dà fhitheach gob ri gob, fitheach ag eughachd air fitheach, có mheud fitheach a bha an-sin? | |
dà fhitheach | |
Tha mìle dearcag air an t-sliabh, nach itheadh neach a rugadh a-riamh, fàsaidh iad ri oidhche bhrèagh, ach siubhlaidh iad nuair a dhealras grian. | |
dealt | |
Am mac air an sparr, is a mhàthair gun bhreith. | |
deatach | |
'S àirde e na taigh an rìgh, 's mìne e na sìoda, 's géire e na an claidheamh. | |
deatach | |
Théid mi a-null air mo dhrochaid ghlainne, thig mi a-nall air mo dhrochaid ghlainne, is ma bhriseas mo dhrochaid ghlainne, chan eil an Albainn no an Éirinn, a chàireas mo dhrochaid ghlainne. | |
deigh | |
Tha tòimhseachan agam ort, chan e d' aodach 's chan e d' fhalt, chan e ball a tha 'nad chorp is tha e ort, is tomhais e. | |
d' ainm | |
Tha tòimhseachan agam ort, chan e do cheann, chan e do chas, chan e d' éideadh, chan e d' fhalt, chan e ball a tha 'nad chorp, ach tha e ort, is cha tomhais thu e. | |
d' ainm | |
Sìn a-mach do làmh, is chì thu rud nach eil, nach robh 's nach bi. | |
do mheòir air an aon fhaid | |
Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh, is cha dig an taigh ás aonais. | |
doras | |
Théid na mairbh seachad fodha, le othail is le sòlas, is na beò air a uachdar, le suairceas is le eòlas. | |
drochaid | |
Có an druim as treasa a tha air an t-saoghal? | |
druim a' chuain | |
Có e an deagh charaid dìleas, as trice a ghiùlaineas gu dìblidh d' eallach? | |
do dhruim fhéin | |
Iarann a cheann, each a mhuineal, maide a mheadhan, duine a bhun. | |
dubhan, snòd, slat is iasgair | |
Chaidh mi dhan bheinn is fhuair mi e, shuidh mi air tom is cha d'fhuair mi e, nam bithinn air 'fhaighinn, bha mi air 'fhàgail, is bho nach d'fhuair mi e, thug mi leam e. | |
duine cas rùisgte le dris 'na chois | |
Chaidh mi dhan choille is gun d'fhuair mi e, shuidh mi air cnoc is gun do dh'iarr mi e, nan d'fhuair mi e, thilginn bhuam e, ach bho nach d'fhuair, thug mi dhachaigh e. | |
dris ann an cois | |
Moigean mìn, mìn, molach, a thig air tìr air na torran, chan ith crodh no caoraich e, ach ithidh daoine am moigean molach. | |
duileasg | |
Dà chois shìos, trì casan shuas, làn fàileadh is feòil, ceann a' bheò am beil a' mhairbh. | |
duine le poit trì-chasach air a cheann |
E
Craobh ghioganach, ghàganach, a bun gu h-àrd, is a barr gu h-ìseal. | |
earball beathaich | |
Ri àm stoirme, is ri àm fèatha, ri àm lìonaidh, is ri àm tràghaidh, is ris gach àm bho cheann na bliadhna, cha dèan strìochadh dhuinn a ghàire.

eas | |
Trì bà bhreaca an cois na leacainne, nach do bhleoghainneadh deur de am bainne a-riamh. | |
eas | |
Trì bà bhreaca a' leum le leacainn, cha nighear iad, is cha bhlioghar iad, is àirde an geum na geum na buaile, trì bà uallach aigeannach. | |
eas | |
Trì bà bhreaca a' ruith le leacainn, cha chuir banachag buarach orra, is cha chuir buachaille stad orra. | |
eas | |
Dé as duibhe na am fitheach? | |
eug |
F
Tuba gun mhàs a ghléidheas fuil is feòil is cnàmhan | |
fàinne | |
Chì mi thall air fàinneachan, air bharr na lice ruaidhe, an t-uan a' tighinn bho 'mhàthair, is a' mhàthair a' tighinn bhuaithe. | |
fàinneachd an latha | |
Tha companach leat tric a shaothair, ach chan eil math no cron 'na shaothair, is ged a nì thu a' chùis cho math as aonais, cha ghabh e a chur bhuat air saodach. | |
fallas | |
Théid mi a-null air mo rathad mór, thig mi a-nall air mo rathad mór, is bheir mi leam mo rathad mór air mo mhuin. | |
fàradh | |
Chunnaic duine gun sùilean, craobh air an robh ùbhlan, bha dug e ùbhlan dhith, is cha do dh'fhàg e ùbhlan oirre. Ciamar a bha sin? | |
fear cam, dà ubhal agus thug e leis aon | |
Tha aon chas air tàl, a dhà air circ, trì air furm-smeuraidh, is ceithir air each; ach cùnntais sin uile, | |
fiolan nan ceud chas | |
Tha e ag éirigh a h-uile madainn, is cha deach e a-riamh a laighe. | |
fuaran | |
Rud dubh, dubh, a tha chum féim an iomadh cruth, cha dèan e feum mura labhair e, is an déidh labhairt chan fhiach e. | |
fùdar |
G
Galar as truime na an luaidhe, galar as buaine na an darach. | |
gaol | |
Is àirde e na a' bheinn, is doimhne e na am muir, is bòidhche e na an dreathan-donn, is mìlse e na a' mhil. | |
gaol | |
Is àirde e na beanntan, is doimhne e na muir, is géire e na droigheann dubh, is mìlse e na mil. | |
gaol | |
Tha gamhainn maol donn sa choille ud thall, is chan eil maide ann nach cuir e air chrith. | |
gaoth | |
Is luaithe e a chas air briseadh. | |
gas rainich | |
Slatag bheag chaol an taobh mo thaighe, chan urrainn do shaor na mhaor a snaidheach. | |
gath-gréine | |
Tha maide caol cam, sa choille ud thall, is nach eil a h-aon ann, nach cuir e air chrith. | |
gath-gréine | |
Théid i dhan mhuir is cha bhàthar i, théid i dhan chiste is cha mhùchar i, théid i dhan teine is cha loisgear i, is théid i gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire oirre. | |
gath-gréine | |
Théid e dhan teine, is cha loisgear e, théid e dhan chiste, is cha mhurtar e, théid e dhan mhuir, is cha bhàthar e, théid e gu bòrd an rìgh is cha bhàcar e. | |
gath-gréine | |
Chì mi, chì mi, thar an nis, té ghuanagach dheas, cearb de 'léine fo 'crios, is ceum an éibhreannach 'na cois. | |
gearr | |
Chì mi thall ud air a' bheinn, fear ciar-ghlas is beum fo 'shròin, dà fhiacaill fhada ann 'na cheann, is plaide de lìon mu 'thòin. | |
gearr | |
Siubhlaidh e mar ghaoith air luathas, gun ghluasad anns an aon àite, ach tuitidh e ma stadas e, is cha seas e air a shàil dhut. | |
gille-mirein | |
Bean torrach anns a' bhaile ud thall, ge torrach i, cha bheir i clann, òlar am fìon far a boise, is caol a coise tro a ceann. | |
glainne làn | |
Cailleach anns an taigh ud thall, eadar Gàidheal agus Gall, òlar am fìon far a boise, is caol a coise tro a ceann. | |
glainne làn | |
Chan eil a-muigh is chan eil a-staigh, is cha dig an taigh solais ás aonais. | |
glut lìonadh ann an taigh | |
Maide mór crom anns a' choille ud thall, is gun nì ann ach “glang-bó-glang”. | |
greallag beairt-fhighe | |
Caora dhubh, dhubh, a thilgeas ceud lomaran geala anns a' bhliadhna. | |
greideal | |
Dearg fodha, dubh 'na mheadhan, geal air uachdar. | |
greideal |
I
Chaidh Fionn dhan bheinn, is cha deach Idir, dh'fhàs a bhean tinn, is cha do dh'fhàs Idir. | |
'Idir' a chù | |
Rud a leaghas a' ghrian, chruadhaichidh an t-uisge. | |
ìm | |
Maide fada fiar, a' tighinn air tìr air talamh cian, maide biorach, tollach, tairgneach, maide balg-fhionn, fada, crom. | |
isneach | |
Bean an taigh a' gliogain, bean an taigh a' glagan, bean an taigh nach do dh'ith mìr biadh, is nach do rinn a-riamh altachadh. | |
iuchar | |
Mo ghaol a' chas a shiubhlas fada, is tu m' fhear, mo mhac is mo bhràthair. | |
'S tu ogha MhicAoidh is tu mac MhicAoidh, 's b' i nighean MhicAoidh do mhàthair. |
L
Chunnaic mi iongnadh an-dé, mas iongnadh leam, is iongnadh e, fear mór a' tighinn bhon an cheò, agus e beò, gun anail 'na chreubh. | |
lasair teine | |
Is gile i na canach an t-sléibhe, is gile i na léine no anart, is meanbh-bhrùcach i na uchd na druideige, agus òlaidh i mar a gheibh i. | |
litir | |
Làir bhàn a thig á Sasainn gun a chas 'fhliuchadh. | |
litir | |
Sgrìob dhubh air talamh bàn, is fear 'ga cur le 'smaointean. | |
litir | |
Théid i a-null air a' chuan, thig i a-nall air a' chuan, innsidh i naidheachd, is chan abair i guth. | |
litir | |
Théid i a-null thar na linne, is thig i a-nall thar na linne, innsidh i naidheachd, is chan abair i smid. | |
litir | |
Bithidh e a-muigh, bithidh e a-staigh, bithidh e an taigh an lodain, ceann corrach air a bhas, buailidh e gnocag. | |
loinid | |
Bàrr biorach air, is cha mhinidh e, roinn gheur air, is cha sgeilb e, feusag air, is cha ghobhar e, tòn odhar air, is chan earb e. | |
luachair | |
Tioram cha ghabh, fliuch gabhaidh. | |
luaithre is ola |
M
Ceithir casan sa mhadainn, a dhà am feasgar, agus trì am beul na h-oidhche. | |
mac an duine | |
Tha ceithir casan air sa mhadainn, gidheadh tha astar luath air chall, le 'dhà mu mheadhan latha, nì e a' chùis gu mór is nas fhearr, ged a gheibh e am beul na h-oidhche trì, cha siubhail e ach gu mìn, mall. | |
mac an duine | |
Struthan a' dol an aghaidh bruthaich | |
mart ag òl deoch | |
Ceithir 'nan ruith, ceithir air chrith, dithis a' coimhead san adhar, dithis a' dèanamh an rathad, agus aon ag éigheachd.

mart 'na ruith - casan, sinean, adhaircean, sùilean is beul | |
Gu dé do phrìomh luchd-cuideachaidh? cóignear anns gach taic, cóignear anns gach glaic, is cóignear nach faic thu an tairbheartas. | |
meòir do choise, do làimhe is d' fhaireachdainnean | |
Baraille gun tòn, is e làn de dh'fheòil duine. | |
meòir thàilleir | |
Is lugha e na luch, is motha e na frìde 's tha uiread air de dh'uinneagan 's a tha air lùchairt mhór an rìgh. | |
meòir thàilleir | |
Tobaran gun ghrùnnd, is e loma-làn de dh'fhuil, de chnàimh agus de dh'fheòil. | |
meòir thàilleir | |
Tuba gun mhas, is i làn feòla. | |
meòir thàilleir | |
Ciod iad na trì beathaichean as luaithe air sliabh? | |
mial-chù, fiadh is seabhag-gorm |
N
Rud nach eil, rud nach robh is nach bi, sìn do làmh, is chì thu e. | |
nach eil na meòir co-ionnan am fad | |
Latha Féill-Bhrìghde thig an rìbhinn ás an tom, cha bhean mise ris an rìbhinn, is cha bhean an rìbhinn rium. Có i? | |
nathair | |
Tha slatag an coille Alasdair, cha ghiuthas i, cha darach i, chan aon fhiodh air thalamh i, is cha tomhais thu gu oidhche i! | |
nathair | |
Rud a tha, is a bha, is a bhios, sìn do làmh, is chì thu e. | |
na thig aig a' mheur mheadhan air càch | |
A' mhuc a thàinig á Éirinn, is ann oirre fhéin a bha an éiginn searbh, trì "tonna' trì "tanna' muc air fhichead is fichead mheanbh. | |
na trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm | |
Trì mucan turra, turra, trì mucan tarra, tarra, muc an Ear, is muc an Iar, is pian air an fhear nach tomhais. | |
na trì stuadhan móra an cliath-thonn ro stoirm | |
Dà chois shìos, trì casan shuas, is ceann a' bheò am beul a' mhairbh. | |
neach agus poit thrì-chasach air a cheann | |
Chì sinne bitheanta e, chan fhaic an rìgh ach ainmig e, agus chan fhaca Dia a-riamh e. | |
neach nas àirde na e fhéin | |
Todhar dubh 'ga chur air talamh geal, is fear 'ga chur le smuaintean. | |
neach a' sgrìobhadh litreach | |
Cochallan beag cho cruinn, cho cruinn, deich teangannan san aona cheann, is fichead sùil is chan iongnadh leam. | |
nead eòin ann an ceann caorach | |
Latha dhomh is mi a' siubhail bheann, chunnaic mi na b' ionghnadh leam, fichead sùil san aon cheann, deich teangannan a' bruidhinn rium. | |
nead eòin ann an claban-cinn | |
Tomhais tomhais tòimhseachan, eadar mi fhìn is mo Dhòmhnallan, toillidh ceud nan ceudan ann, is cha toill mi fhìn 'nam ònrachd ann. | |
nead an t-seillein |
P
Dà rud bheaga dhubha, co-ionnan ri a chéile, tha aon dhiubh uile ceàrr, is aon dhiubh uile ceart, ach nan robh an t-aon a tha uile ceart, air a dhèanamh uile cearr, bhitheadh an t-aon a tha uile cearr, air a dhèanamh uile ceart. | |
paidhir bhrògan | |
Tobar a' siubhal air còmhnard réidh, agus a shruthan 'na dhéidh car dubhach. | |
peann | |
Thàinig e a feòil, is chan e feòil a tha ann, innsidh e naidheachd, gun teanga 'na cheann. | |
peann ite | |
Théid e a-null air an abhainn, thig e a-nall air an abhainn, gearraidh e am feur, agus chan ith e e. | |
peilear gunna | |
Ti-toman, to-toman, còta beag dubh, trì casan iarainn, is beul mór tiugh. | |
poit thrì-chasach | |
Trì casan nach gluais, dà chluais nach cluinn, beul mór nach bruidhinn, agus aisean gun druim. | |
poit thrì-chasach | |
Trì casan oirre is cha choisich i, dà chluais oirre is cha chluinn i, beul mór aice is cha bhruidhinn i, is màs mór cruinn oirre. | |
poit thrì-chasach |
R
Thànaig ceathrar a-nall gun bhàta gun long: fear buidhe fionn, fear slatagach donn, fear a bhualadh na sùiste, fear a rùsgadh nan crann. | |
na (ceithir) ràithean | |
Teadhar fhada chaol bhàn, is i 'na tàmh daonnan. | |
rathad mór | |
Fear dubh, nàmhaid clisgeadach, bheir e ort ruith air uisgeachan. | |
reòthadh | |
Each dubh, is each donn, bonn ri bonn, ged is luath an t-each dubh, is seachd luaithe an t-each donn. | |
roth-muilinn | |
Each dubh, dubh, is e a' mire ris an t-sruth, chan eil an Éirinn no an Alba na leumas air a mhuin. | |
roth-muilinn | |
Rud mór cruinn, dubh, a bhios a' mireadh ris an t-sruth, chan eil an Albainn no an Éirinn, a leumas air a mhuin. | |
roth-muilinn | |
Rud mór torrach, bidh e a' mireadh ris an tuil, is ged a bhios e ro saothair, cha chaochail e a chruth. | |
roth-muilinn |
S
Mo thrì chaora chuime-chasach, air an leathad fhuar-chasach, is air a' ghleann as fhaide a-mach, is doirbh iad ri am buachailleachd. | |
seangain | |
Molt dubh anns a' choill, gun alt 'na dhruim, gun sùgh, gun sàill, gun cheann cnàmha. | |
seilcheag | |
Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo, is math a nì i dranndan, currac dhen chneaschullain oirre, is còta buidhe plangaid.

seillean | |
Faruman fearuman, a' dol a-steach dhan t-searmoin, còta goirid dearg air, is seana bhriogais ghlas. | |
seillean | |
Fear beag fo bhonn na creige, ge beag e bi srann aige, currac air, dà adhairc air, is còta buidhe frangach. | |
seillean | |
seillean | |
Fear beag fo bhonn na creige, ge beag e bi srann aige, currac uime, dà ghob aige, is còta buidhe Frangach. | |
seillean | |
Tha bodachan an taigh mo athar, bithidh e tric a' dranndan, currac air is e a' dol a laighe, is còta fada Frangach. | |
seillean | |
Tha taigh mór aig féileagan, air cùl a' chnuic dhen chòmhnardan, théid ceud nan ceudan ann, is cha déid mi fhìn 'nam aonar ann. féileagan beag bìdeach gun lochd, fad na ràithe geamhraidh anns an t-sop. tràth a thig an ràithe shamhraidh, seinnidh e port, is bho bharr an neòinean òlaidh e deoch, latha dhomh, is mi a' dèanamh chruach, feasgar foghair, is càch a' buain, chuala mise le mo chluais, gaoir am bruaich aig féilleagan. | |
seillean | |
Is mi mi fhìn, is mi gach duine, ach sgrìob mo dhruim, is cha mhi duine idir. | |
sgàthan | |
Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na sìoda | |
sgòth | |
Talamh geal is treabhadh dubh is tu 'ga chur le d' inntinn | |
sgrìobhadh | |
Bean uaine bhòidheach, air cùl na còmhla, gun bhoineid, gun bhòtann, ach ròpa mu a meadhan. | |
sguab-fhraoich | |
B' e am fiodh an iuchair, an t-uisge a' ghlas, chailleadh na sealgairean, agus fhuair an t-sealg ás. | |
slat-draoidheachd Mhaois, A' Mhuir Ruadh, na h-Éiphitich is clann Iosrail | |
Caora bhiorach, bhiorach, is a mionach ag slaodadh. | |
snàthad is snàthainn | |
Caora bhiorach, bhiorach, is a mionach slaodte rithe. | |
snàthad is snàthainn | |
Thàinig eun gun iteag, is laigh e air lag tobhtaige, thàinig eun gun bheul, is dh'ith a eun gun iteag. | |
sneachd agus uisge | |
Tha mi air bòrd gach maith is gach mith, is tha mi an còmhnaidh làn, gigheadh cha deach a-riamh 'nam chorp, na thogadh tu air spàin. | |
spàin | |
Damh donn a' dol tron choille, is chan eil slat anns a' choille, nach bean ri a dhruim. | |
spàl-figheadair | |
Mias mhór fheòdair is ceud toll òir innte. | |
an speur | |
Siud e, agus có a chì e? | |
sradag | |
Lùbaidh na mairbh air gach taobh dhiubh le ùmhlachd, ach leumaidh na beò a-null air an ceann. | |
stairean |
T
Rud mór fada, dubh, bithidh e a-muigh air feadh na h-oidhche, bithidh a mhionach ag eughachd, is gun e fhéin a' cantainn guth. | |
taigh làn daoine | |
Chaidh mi a-mach eadar dà choille, agus thill mi dhachaigh eadar dà alltan. | |
tarraing uisge le cuinneagan | |
Taigh beag agam sa bhaile ud thall, gun chabar cam no dìreach ann, thoilleadh ceud nan ceudan ann, is cha toillinn fhìn 'nam aonar ann. | |
treabhailt | |
Each dubh is each donn bonn ri bonn ach is luaithe an t-each dubh na an t-each donn. | |
toit is teine | |
Bha i an Éirinn, bha i an Ros, bha i sa bheinn éibhinn, chais, bithidh i sa bhaile seo a-nochd, bean a chuireas crith air cois. | |
tromb | |
Tha teanga fhada, chaol, chruaidh, aig mo luaidh an rìbhinn òg, is lìonmhor iad le am miann a guth, is iomadh neach le am miann a pòg. | |
tromb | |
"Théid mi dhan choille" arsa a' chrom fhada chruinn, "Is chan eil anns a' choille" arsa a' chrom fhada chruinn, "Nach leag mi air an druim" arsa a' chrom fhada chruinn. | |
tuagh |
U
Bodach beag an taigh mo sheanair, chan fhaicear gean no greann air, chan ith e biadh, chan òl e fìon, is bha e a-riamh a' dannsadh. | |
uaireadair | |
Tobaran òir am meadhan a' bhaile seo, trì cinn òir agus còmhla ghlainne ris. | |
uaireadair air stìoball | |
Bothag bheag air fàire, is a dà cheann dùinte. | |
ugh | |
Togaidh leanabh beag 'na dhòrn e, is cha tog dà dhuine dheug le ròp e. | |
ugh | |
Théid e suas geal, ach thig a a-nuas buidhe. | |
ugh briste | |
Togtar suas e cho geal ris an t-sneachda, ach leagtar a-nuas e òr-bhuidhe air leaca. | |
ugh briste | |
Trì mìosan cù, cóig o chaogad cat is ionnann bean is bó, bliadhna mhór dhan each. | |
45 làithean, 9 mìosan is bliadhna; ùine an torrachais | |
Is buige e na am brochan, is cruaidhe e na an t-aran, bithidh e an còmhnaidh an cuideachd an rìgh, is chan eil iad air thalamh, nach feum a bhith 'ga ghabhail, is cha dig iad ro mhath ás a dhìth. | |
uisge | |
Cuman ùr, nodha, a thug mo athair á Ros, ged a rachadh e air a bheul fodha, cha digeadh boinne ás. | |
ùth bà |