Seann-eòlas
A' chailleach as cumhachdaiche
Có a' chailleach as cumhachdaiche a tha air an t-saoghail?
- An geamhradh
A' sgoltadh fiodh
Ciamar a sgaoiltear fiodh?
- Gach fiodh air a bhàrr,
- ach an fheàrna air a bun
A' taghadh bean
Ciamar a thaghar bean
- A mhic, ma théid thu 'gan taghadh,
- Na tagh na dubha móra no na donna mala,
- Na tagh Cinneagag no Cruinneagag no Snathdag,
- No meall air muineal, no cnap air slugan,
- No luinneagag liana, no Pìobaire na tobhta,
- Ach tagh bean donn mar thonn air uisge glan,
- Ciarag bheag air dath na lucha na sir is na seachain.
A' taghadh bean
Ciamar a thaghar bean
- Na pòs ginneabhag, na pòs innebheag,
- Na pòs maoltach thràghad,
- Na pòs glag air gàrradh,
- Is na pòs maighdean Sàbaid,
- Ach pòs bean bheag odhar,
- 'Na seasamh an doras a sabhail fhéin,
- Fuath aice air fir an t-saoghail,
- Agus gràdh aice air a fear féin.
A' taghadh each
Ciamar a thaghadh tu each?
- Mar shionnach, domhain anns an aisne, dìreach anns an druim, dosach anns an earball;
- Mar ghearr: fada anns a' chois, ullamh gu gnìomh agus biorach anns a' chluais
- Mar mhnaoi: cruinn anns a' mhàs, làn anns an uchd agus bog anns a' bheul.
Adag seach cuiteag?
Ciamar a dh'aithnichear adag seach cuiteag?
- Ball dubh air an adaig
- is earball fada air a' chuiteig
Agh MhicBharais
Ciamar a thaghadh MacBharais agh?
- E a bhith leathann os a chionn,
- Goirid an dà shùil am beul,
- Gaoisid dualach tiugh is i dlùth,
- Gun a bhith bho ghlùin ach réis,
- Adharc fhada, gorm, no dearg,
- Speir mholach, leathann, gharbh,
- Bhitheadh e searbh mura bitheamaid réidh.
Aiseag an t-Sionnach, na goibhre is an fheòir
Cha b' urrainn am fear-aiseig a thoirt leis ach aon air gach turas, agus nam fàgadh e leotha fhéin iad, dh'itheadh an sionnach a' ghobhar is dh'itheadh a' ghobhar am feur. Ciamar a chaidh aige air an giùlan?
- Thug e a' ghobhar a-null an toiseach is dh'fhàg e an sionnach agus am feur. Thill e an-sin a dh'iarraidh an t-sionnach agus air dhà aiseag, thug e leis a' ghobhar air ais agus dh'fhàg e i. Dh'aisig e a-nis am feur a dh'fhàg e còmhla ris an t-sionnach agus thill e a dh'iarraidh na goibhre.
Aiseag nam fear is nam mnathan
Bha sianar a' sireadh aiseig tha caolais, triùir fhear agus am mnathan. Cha robh ri a fhaighinn ach coit bheag nach dugadh leithe ach dithis aig an aon àm. Bha na fir ag eudach air chor is nach faodadh aon dhiubh a bhith air a fhàgail ach le a mhnaoi fhéin. Ciamar a fhuair iad a-null?
- Chaidh dithis bhan a-null an toiseach. Thill aon, agus thug i a-null a' bhean eile. Thill an aon air a h-ais agus dh'fhan i maille ri a fear fhéin. Chaidh an-sin an dithis fear eile a-null. Thill té de na mnathan air a h-ais a dh'iarraidh nam mnathan eile agus thill an té mu dheireadh a dh'iarraidh a fir fhéin. Mar sin, fhuair iad uile a-null.
Am beathach a ghiùlain an t-eallach a bu luachmhoire
Có am beathach a ghiùlain an t-eallach a bu luachmhoire a bha a-riamh air thalamh.
- An t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa
Am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire
Có am beathach a ghiùlan an t-eallach a bu luachmhoire a bha a-riamh air thalamh.
- An t-asal a ghiùlan Muire is Ìosa
Am beul as eagalaiche
Có am beul as eagalaiche?
- Beul na h-oidhche
Am beul as solasaiche
Có am beul as solasaiche a tha air an t-saoghal?
- Beul an latha
Am marbh a' tìodhlacadh nam beò
Ciamar a thìodhlaiceas am marbh am beò?
- smàladh teine
An t-each is an làir
Có an t-each is an làir nach facas a-riamh a' treabhadh?
- Each-uisge is làir-mhaide
An triùir mharbh as bòidhche
Ciod iad an triùir mharbh as bòidhche a tha ann?
- Breac geal, coileach dubh is leanabh beag
Ceithir aoisean an duine
Ciod iad ceithir aoisean an duine?
fichead bliadhna a' teachd, fichead bliadhna chum math, fichead bliadhna a' meath, fichead bliadhna gun rath.
Coltas nàire air an uaireadair
Ciamar a tha coltas nàire air an uaireadair?
- Tha a dhà làmh daonnan air a aodann
Crann sa choille
Có mheud crann a tha anns a' choille?
- A dhà, eadhon ùr agus sean
Dé an tinneas as fhearr
Dé an tinneas as fhearr na an t-slàinte?
- Breith
Dé as brisge na currabhallan
Dé as brisge na currabhallan?
- Aigne mnatha eadar dithist fhear
Dé as fheàrr do laoch?
Dé as fheàrr do laoch?
- Gnìomh àrd is uaill ìseal
Dé as fhearr do mhnaoi?
Dé as fhearr do mhnaoi?
- Tlàths
Dé as fhearr do rosg
Dé as fhearr do rosg mnatha?
- Fuachd, dorchdas is cadal
Dé as géire
Dé as géire na an claidheamh?
- Ciall mnatha eadar dithist fhear
Dé as fhearr na seudan?
Dé as fhearr na seudan?
- Sgian
Dé as gile
Dé as gile na sneachd?
- Fìrinn
Dé as lìonmhoire
Dé as lìonmhoire na feur?
- Driùchd
Dé as luaithe
Dé as luaithe na a' ghaoth?
- Mac-meanmna mnatha
Dé as maoithe na clòimh?
- Deàrn ri leacainn
Dé as mìlse
Dé as mìlse na a' mhil?
- Briathran suiridhe
Dé as miosa
Dé as miosa de bhiadh?
- Blianach is òl mil-deoch air a' chiad longadh
Dé as seirbhe
Dé as seirbhe na an nimh?
- Achmhas nàmhaid
Dòmhnall Gorm a' taghadh bìrlinn
Ciamar a thogadh Dòmhnall Gorm bìrlinn?
- Leagail bheag is togail bhog,
- Snìomh fhada 'na goid is i gun tuim,
- Sliasaid agus gualann chruinn,
- Agus ma bhios trì troighean 'na druim,
- Bitheadh troigh na tobhta chruinn is dòrn,
- Is a dhà thrian de leud 'na tòin.
Fiacaill air a dhìochuimhneachadh?
Ciamar a tha fiacail a chaidh a tarraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne?
- Dh'fhalbh i ás a' cheann
Fionn agus Dubhan
Thachair Fionn le buidheann anns an robh ceithir duine deug air Dubhan aig an robh an àireamh cheudna agus rinneadh deasachadh airson stréipe air ball. An-sin dh'àithn aon dhen chuideachd gum bu chubhaidhe suidhe aig cuirm mu bhòrd chruinn agus iad a bhith air am measgachadh a-réir is mar a shònraicheadh Fionn. Bha iad uile ri suidhe agus an déidh na cuirme bha e air a chur mar fhiachan air Fionn tòiseachadh air an cùnntas timchioll a' bhùird agus gach naoidheamh fear òrdachadh chum bàis. Chaidh sin a dhèanamh air dòigh cho seòlta is gun do mhearbhadh Dubhan agus a luchd leanmhainn uile, ged nach do chaill Fionn fiù a h-aon. Ciamar a chaidh aige air?
- Ceathrar fhear fionn 'nan suidhe air thùs,
- A laoidheadh air mheamhair ri am bàs,
- Cóignear fhear dubha 'nan dàil,
- De dhearbh luchd cogaidh le Dubhan,
- Dithis bho MhacCumhail nam buadh,
- Agus aon bho Dhubhan dreach ruadh,
- Triùir bho Fhionn as àille dreach,
- Agus aon bho Dhubhan diùramach,
- Cha do shuidh Fionn anns a' bhrùgh bhàin,
- Gun dithis dubha air aon làimh,
- Dithis eile 'nam fochair-san,
- De mhuinntir Fhinn á Albainn,
- Triùir dhubha le Dubhan dil,
- Agus aon fhear fionn 'nam fochair-san,
- Dà chomhlaochan dubh 'nan dàil,
- Agus cha b' uilear dhà neach eile.
Leabaidh an t-slaodaire
Ciamar a tha leabaidh an t-slaodaire ro ghoirid dha?
- Tha e ro fhada innte
Mac-talla
Ciamar a tha mac-talla coltach ri boireannach?
- Bidh am facal mu dheireadh aige
- ge b' oil leat
MacCormaig a' taghadh bean
Ciamar a thaghadh MacCormaig bean?
- Pìobaire na tobhta, dh'iarr Cormag a seachnadh,
- Meall air slugan is guc air sgòrnan, dh'iarr Cormag a seachnadh,
- Gleadhradh mhór a' ghàrraidh, dh'iarr Cormag a seachnadh,
- Té mhór odhar an doras a sabhail, dh'iarr Cormag a seachnadh,
- Ach ciarag bheag air dath na lucha,
- Na sir is na seachain ise.
Na ceithir comharraidhean
Ciod iad na ceithir comharraidhean air céill?
- Foighidinn, stòldachd, stuamachd is deas-bhriathrach
Na ceithir nithean as miosa
Ciod iad na ceithir nithean as miosa air an t-saoghal?
- Diùbhaidh teine, feàrna ùr,
- Diùbhaidh dighe, fìon sean,
- Diùbhaidh duine, mi-rùn,
- Agus diùbhaidh nan diùbhaidh droch bhean.
Na roinn as fhearr de dh'éisg
Ciod iad na roinn as fhearr de dh'éisg?
- Cliabh sgadain,
- tarr bradain,
- is cùl cinn a' bhric duibh
Na trì ainmhidhean nach fuiling an cniadachadh
Ciod iad na trì ainmhidhean nach fuiling an cniadachadh?
- Cearc, caora is cailleach
Na trì as luaithe anns a' chuan
Ciod iad na trì as luaithe anns a' chuan?
- An rionnach, am bradan is an ròn,
- trì seòid a' chuain
Na trì àitean as fhearr airson naidheachd
Ciod iad na trì àitean as fhearr airson naidheachd?
- Taigh-òsta, muileann is ceàrdach
Na trì buill cuirp as fhuaire
Ciod iad na trì buill cuirp as fhuaire?
- Adharc daimh, sròn coin
- is glùn fir (le féileadh)
Na trì buillean as duiliche
Ciod iad na trì buillean as duiliche am fulang?
- Buille san t-sùil, sa ghlùin is san uillinn
Na trì comharraidhean air làraich mhallaichte
Ciod iad na trì comharraidhean air làraich mhallaichte?
- Deanntag, droman is traon
Na trì creutairean as beòthaile
Ciod iad na trì creutairean as beòthaile?
- Mac banntraich aig am bi crodh,
- Madadh muilleir aig am bi min,
- Searrach seann-làire air ghreigh,
- Triùir as meanmaiche air bith.
Na trì gaothan as fhuaire
Ciod iad na trì gaothan as fhuaire a tha ann?
- Gaoth an déidh aiteimh, gaoth tro tholl
- is gaoth bho bhonn siùil
Na trì gnèithean as dorra
Ciod iad na trì gnèithean as dorra an stiùireadh?
- Gnè circe, muice is mnatha
Na trì nithean as dorra
Ciod iad na trì nithean as dorra greim a dhèanamh orra?
- Earr a' bhradain, cas-deiridh féidh is
- sgiath na muice-mara
Na trì nithean nan Gàidheal
Ciod iad na trì nithean de nach do ghabh an Gàidheal a-riamh nàire?
- Breac á linne, fiadh á fireach
- is slat á coille
Na trì nithean a thig gun iarraidh
Ciod iad na trì nithean a thig gun iarraidh?
- Eagal, eudach is gaol
Na trì nithean as mìlse
Ciod na trì nithean as mìlse a tha ann?
- Mo chuid fhìn, mo bhean fhìn
- is tighinn dhachaigh
Na seachd miannan
Ciod iad na seachd miannan a tha a' comharrachadh chreutairean a-mach?
- Miann mnatha, mac,
- Miann fir, feachd,
- Miann eich, aonach,
- Miann coin, sneachd,
- Miann bà, braon,
- Miann caorach, teas,
- Miann goibhre, gaoth,
- Air leathad caoin, cas.
Na casan as fhaide
Có na casan as fhaide a tha air an t-saoghal?
- Gath-gréine
Na fir as aigeannaiche
Có na fir as aigeannaiche a tha air an t-saoghal?
- Na Fir-Chlis
Dé as teotha
Dé as teotha na an teine?
- Gnùis duine mhath air an dig aoighean
- is e gun bhiadh gun deoch
Ainmhidhean 's an cuid àl
Dé cho fada is a ghiùlaineas ainmhidhean an àl?
- Trì mìosan cù, cóig bho lethcheud cat,
- is ionnan bean is bó, bliadhna mhór dhan each.
Long ri gach luchd
Dé is long ri gach luchd?
- Teanchair gobhainn
Deoch-slàinte
Deoch slàinte an ainmig nach dig, A-nis, ged is minig a thàinig, Is truagh nach dig an t-ainmig nach dig, Leth cho tric ris a' mhinig a thàinig.
- Am fear a bha ise a' sireadh, thréig e i,
- agus cha dug i a spéis dhan fhear a bha 'ga sireadh
An gille 's an nighean
Dh'fhaighnich gille de nighinn agus i aig uinneig fhosgailte, cuine a rachadh i leis air chuairt, is fhuair e an fhreagairt a leanas:
- An uair a thogas mi an lìon,
- A leagas mi a' ghlainne,
- Agus a chuireas mi am marbh a tìodhlacadh a' bheò
Chaill e a dòchas an uair sin, seòl e thairis agus air dhà tilleadh an ceann trì bliadhna, chuala e gun robh i pòsda aig fear eile ach nach robh i idir toilichte. Chuir seo smuairean air agus chaidh e a choimhead oirre agus fhuair e fuasgladh air na facail mar seo:
- Cho luath is a thogainn an t-anart dhen bhòrd,
- A dhùininn an uinneag,
- Agus a smàlainn an teine.
Cha do chum sin fada mise, ged a bha thusa mì-fhoighidneach.
Roinn a' Bhainne
Bha aig tuathanach ri ochd gallain bhainne a roinn co-ionnan eadar dithis choimhearsnach agus gun ri a sheachnadh ach trì soitheachan a ghabhadh ochd, cóig is trì gallain fa leth. Ciamar a chaidh aige air roinn chothromach a dhèanamh?
Bha soitheach nan ochd làn agus lìon e soitheach nan trì. An-sin, chuir e an soitheach nan cóig na ghabhadh e a soitheach nan trì agus bha an roinn a-nis mar seo - aon, anns an fhear bheag; cóig, anns an fhear mheadhanach; agus a dhà, anns an fhear mhór. Dh'fhalamhaich e am fear meadhanach anns an fhear mhór agus chuir e na bha anns an fhear bheag anns an fhear mheadhanach. Lìon e an-sin am fear beag ás an fhear mhór agus dhòirt e na bha anns an fhear bheag anns an fhear mheadhanach. Bha mar sin ceithir gallain anns an fhear mheadhanach agus a' cheart uiread anns an fhear mhór.
Seachd sgadain
Seachd sgadain, sàth bradain; Seachd bradain, sàth ròin; Seachd ròin; sàth muice-mara bige; Seachd mucan-mara beaga, sàth cionnain-crò; Seach cionnain-crò, sàth mial-mhóir a' chuain.
Sia buadhan na Féinne
Ciod iad na sia buadhan a bha a' cumail suas na Féinne?
- Àgh Fhinn,
- Làmh Ghoill,
- Prab-bhuillean Osgair,
- Iomairt ealamh Oisein,
- Ruith chruaidh Chaoilte,
- Is suidheachadh Chomail air a' chath.
Theirig dhachaidh
- Theirig dhachaidh agus ith do shàth,
- Na ith an t-aran a tha briste,
- Is na bris an t-aran a tha slàn,
ars a' bhana-mhaighstir ris an t-seirbhiseach air dhi a ràdh gun robh i air a tolladh leis an acras agus iad a' buain anns an fhoghair. Cha robh mir de dh'aran briste anns an taigh.
Rinn an nighean mar a dh'iarradh oirre le toll a dhèanamh am meadhan gach bonnaich.
Trì coilceadha na Féinne
Gu dé iad trì coilceadha na Féinne?
- Barr gheal-chrann, còinneach is ùr-luchair
Trì mallachdan an tuathanaich
Ciod iad trì mallachdan an tuathanaich?
- Reòthadh Céitein, ceò Iuchar is an taoitear sàileach
(Ruairidh MacCoinnich, fear a chuir màl sgriosail air daoine)
Trì subhailcean a' bhàird
Ciod iad trì subhailcean a' bhàird?
- Ciocras coin gu làn a bhroinn, fios fithich a' ruith
- gu roic, pathadh frith-fhir gu òl a dhrama
Ùistean Friseal a' dannsadh
Is math a dhannsadh Ùistean Friseal, Ùistean Friseal, Ùistean Friseal, Is math a dhannsadh Ùistean Friseal, Leis an fhichead maighdinn, Cóignear roimhe, is 'na dhéidh, Cóignear roimhe is 'na dhéidh, Cóignear air gach làimh dheth. Có mheud maighdean a bha a' dannsadh leis?
- Bha e a' dannsadh leis fhéin, le cóig meòir air gach cois is làimh