An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Treòir Mhicrobost"
(Rinn an cleachdaiche 1 mhùthadh eadar-mheadhanach nach eil 'ga shealltainn) | |||
Loidhne 6: | Loidhne 6: | ||
==Bàthadh== | ==Bàthadh== | ||
Taobh a-muigh ''a’ b’ d’ m’ ’s'', cha chleachd sinn bàthadh i.e. sgrìobhaidh sinn ''a tha aig'' seach ''a th’ aig''. Ma thachras gu bheil rud ri eadar-theangachadh a tha air leth neo-fhoirmeil (can ''cor, somethin 's well weird 'ere''), gabhaidh litrichean a bhàthadh mar a thachras ann an cainnt Ghàidhlig. | Taobh a-muigh ''a’ b’ d’ m’ ’s'', cha chleachd sinn bàthadh i.e. sgrìobhaidh sinn ''a tha aig'' seach ''a th’ aig''. Ma thachras gu bheil rud ri eadar-theangachadh a tha air leth neo-fhoirmeil (can ''cor, somethin 's well weird 'ere''), gabhaidh litrichean a bhàthadh mar a thachras ann an cainnt Ghàidhlig. | ||
+ | |||
+ | ==Caochlaideachd fhaclan is briathrachais== | ||
+ | * mu thràth (seach mar-thà) | ||
+ | * o chionn goirid (seach o chionn ghoirid, tha seo ro fhada san UI co-dhiù) | ||
==Co-thàthadh== | ==Co-thàthadh== | ||
Loidhne 16: | Loidhne 20: | ||
==Hotkeys== | ==Hotkeys== | ||
Mar is trice, tha hotkeys 'gan comharradh le & san eadar-theangachadh. Nì seo hotkey dhen litir san UI. Mar eisimpleir, an cois ''&Adhartach'' gheibhear: | Mar is trice, tha hotkeys 'gan comharradh le & san eadar-theangachadh. Nì seo hotkey dhen litir san UI. Mar eisimpleir, an cois ''&Adhartach'' gheibhear: | ||
+ | |||
[[Faidhle:hotkey.jpg]] | [[Faidhle:hotkey.jpg]] | ||
Am mùthadh mu dheireadh on 14:35, 10 dhen Dàmhair 2016
Treòir bheag do luchd eadar-theangachaidh Mhicrobost far am faighear na prìomh-riaghailtean ann am priobadh na sùla:
Àireamhan
Tha sinn a' cleachdadh nan àireamhan deicheach a-mhàin. An dèidh 20, bidh ainmear san àireamh shingilte i.e. 20 bogsaichean, 21 bogsa...
Bàthadh
Taobh a-muigh a’ b’ d’ m’ ’s, cha chleachd sinn bàthadh i.e. sgrìobhaidh sinn a tha aig seach a th’ aig. Ma thachras gu bheil rud ri eadar-theangachadh a tha air leth neo-fhoirmeil (can cor, somethin 's well weird 'ere), gabhaidh litrichean a bhàthadh mar a thachras ann an cainnt Ghàidhlig.
Caochlaideachd fhaclan is briathrachais
- mu thràth (seach mar-thà)
- o chionn goirid (seach o chionn ghoirid, tha seo ro fhada san UI co-dhiù)
Co-thàthadh
Tha sinn a' seachnadh cruthan co-thàthte nan roimhearan i.e. sgrìobhaidh sinn ri mo, le do, de mo seach rim, led, dem
Fòrmatadh
- Feumaidh sinn “ ” ’ seach " " ' a chleachdadh. An aire gun cuir sibh am fear ceart (left-curling) air beulaibh faclan mar ’s
- Bidh Microbost a' dol eadar tàthan, en-dash (–) agus em-dash (—), uaireannan le àite bàn agus uaireannan as aonais (you can do this—and that). Mur e tàthan ann am facal a tha ann (an-sin etc), cleachdaidh sinne an en-dash le àite bàn an-còmhnaidh: nì thu seo – agus sin.
Hotkeys
Mar is trice, tha hotkeys 'gan comharradh le & san eadar-theangachadh. Nì seo hotkey dhen litir san UI. Mar eisimpleir, an cois &Adhartach gheibhear:
Litrichean sònraichte
- Tha sinn a' cleachdadh agusan na Gàidhlig: ⁊. Ma dh'iarrar oirbh a chur ann an Hex/Unicode, cleachdaidh: \x204A
- Chan eil sinn a' cleachdadh nan stràcan geura mur e facal neo-Ghàidhlig a tha ann
- Ma tha facal a' nochdadh ann am Beurla a tha 'na fhacal-iasaid agus aig a bheil litir shònraichte sa Bheurla no sa chànan tùsail, glèidhidh sinn an litir shònraichte: Maori > Māori, hacek > háček