Tòimhseachain
Am mùthadh mar a bha e 12:39, 19 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean)
A
| Tha bràthair aig bràthair mo athar, is cha bhràthair athar dhomh-sa e. | |
| 'athair fhèin | |
| Dé as seirbhe na an nimh? | |
| achmhasan nàmhaid | |
| Poit bheag neònach, a' seòladh tron an tìr, i loma-làn feòla, ’s a tòn os a cionn. | |
| ad | |
| Làir bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile. | |
| a' ghealach | |
| Long mhór nam bàn-seol bòidheach, nach faic thu a' seòladh ach an aghaigh gaoithe. | |
| a' ghealach | |
| Tha long a' seòladh cuain fo thàmh, le a clàran bàna is àrd-siùil dhubha, ach mun till i, rinn i a-rithist dha ’gnàthas, bidh a cruinn is a h-àrd-siùil bhàna mar ghruth. | |
| a' ghealach ùr | |
| Théid e dhan mhuir is cha bhàthar e, théid e dhan chiste is cha mhùchar e, théid e dhan teine is cha loisgear e, is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air. | |
| a' ghrian | |
| Cha mhac athar, no màthar dhomh e, cha mhac peathar, no bràthar dhomh e, ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille. | |
| a mhac fhéin | |
| Cha mhotha e na gràinean eòrna, 's còmhdaichidh e bòrd an rìgh. | |
| amharcan | |
| Rugadh i gun anam, bhàsaich i gun anam, ach bha anam innte. | |
| a' mhuc-mhara a shluig Iòna | |
| Chan ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais? | |
| anail | |
| Càit an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e? | |
| anns an àirc | |
| Tha mi nas àirde na beanntan an domhain, agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas, cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a ghunna, ged a tha mi nas truime na mìle tunna. | |
| an t-àile | |
| Rugadh e gun anam, bhàsaich e gun anam, agus bha anam ann. | |
| an t-uilebheist a shluig Iòna |
B
| Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill, siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg. | |
| bad ceò | |
| Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh, is chan eil an taigh as a aonais. | |
| balla | |
| Có iad na trì uilc a thig le aois? | |
| baothachd, boile is bàs | |
| Bean an taighe a' gliogadaich, bean an taighe a' glagadaich, bean an taighe ag ithe biadh, is cha do rinn i a-riamh altachadh. | |
| beart-làimhe | |
| Tomhais, tomhais a laoigh mhìn, gu dé fliodh na fraoch a tha am beinn, no dé an t-slat a bha làimh Fionn, a' dol tron choille dorcha luim? | |
| bioran-deighe | |
| Chì mi, chì mi fada bhuam, trì mìle thar a' chuain, fear gun fhuil, gun fheòil, gun anail, ag imeachd air an talamh bhuan. | |
| am bàs | |
| Chì mi thugam thar an eas, fear beag, cùirneanach, cas, cearb de dh'aodach fo a shlios, is làn an t-saoghail fo a los. | |
| am bàs | |
| Coinnlear òir air bòrd dà shliseig, tomhais a-nis e, is tomhais gu clis e. | |
| am bàs | |
| Cha siubhail e san adhar, cha siubhail e air làr, ach siubhlaidh e sàr, eadar làr agus adhar. | |
| bàta | |
| Rud nach gluais gun mhóran suim, mura bi a dhruim fodha. | |
| bàta | |
| Bó mhór odhar an cois na tràghad, laogh 'na déidh is i gun dàir. | |
| bàta is geòla | |
| Sheall mi a-mach air uinneig mo sheanmhar, is chunnaic mi am marbh a' giùlan nam beò. | |
| bàta is sgioba | |
| Maide caol cam sa choille ud thall is cha chluinn thu 'na cheann ach gliog agus gliong. | |
| beart-fhighe | |
| Sruth an aghaidh àirde. | |
| beathach ag òl dighe | |
| Làn taighe chaorach geala, is aon chaora dhearg ann, agus an té dhearg air dearg deargan a' chuthaich. | |
| beul, deud is teanga | |
| Craobh cham chaorainn, an taobh taigh an tuathanaich, ged a thigeadh luchd an t-saoghail, chan fhaodadh iad a buain ás. | |
| a bhean | |
| Chaidh ceathrar a-null, gun choit gun long, fear fada fionn, fear leadagach donn, fear a bhualadh nan stùc, fear a rùsgadh nan crann, is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann? | |
| bliadhna, ràithean, seachdainean, làithean is uairean | |
| Craobh mhór agus ceithir meòir oirre, trì nid deug anns a h-uile meur, seachd uighean anns a h-uile nead, agus ceithir buill fhichead air a h-uile ugh. | |
| bliadhna, ràithean, seachdainean, làithean is uairean | |
| Chì mi, chì mi air fàire, ailleagan na gréine, fear an aodaich uaine, is snàithlean dearg mu a léine. | |
| bogha-froise | |
| Cailleach sa chùil, agus bior 'na dà shùil, is i a' gàireachdadh, gàireachdadh. | |
| brà | |
| Is e cròileagan beag cròileagan, tomhais tomhais tòimhseachan, a rinn mi fhìn is mi Dhòmhnallan, thoillidh ceud nan ceudan ann, is cha toill mi fhìn 'nam aonar ann. | |
| brà | |
| Am mac a' tighinn bhon a mhàthair, is a mhàthair ag imeachd uaithe. | |
| briseadh-latha | |
| Dubhag, dubhag a-mach an doras, is cnàimh duine aice 'na bheul. | |
| bròg | |
| Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine 'na beul | |
| bròg | |
| Có a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine? | |
| bròg na cuthaige | |
| Tha sùilean ann, is chan fhaic e nì, tha e feumail a chum bidhe, tha rùsg 'ga chomhdachadh anns gach ball, cha chaora is cha chraobh a tha ann. | |
| buntàta |