Ùrnaighean

O Goireasan Akerbeltz
Share/Save/Bookmark
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Altachaidhean

Altachadh-bìdh 1

Ar n-Athair nèamhaidh,
tha sinn 'gad bheannachadh airson do ghlòir.
Dèan sinn taingeil airson d' uile mhaitheis
agus umhail do d' thoil.
Amen.
Our holy Father,
we bless you for your glory.
Make us thankful for all your goodness
and humble to your will.
Amen.

Altachadh-bìdh 2

Beannaich am buntàta,
an t-àite sa dh'fhàs e
agus an t-àite 'ga bheil e a' dol.
Amen.
Bless the potato,
the place it grew
and the place it's going to.
Amen.

Altachadh Dail na Cabaige

(The Grace of Dail na Cabaige)

Fhir a mheudaich am bolla mine,
a lùghdaich a' phrìs,
thoir toradh na mara gu tìr,
cuir sìth eadar coimhearsnaich,
bi againn, bi leinn,
bi 'nar measg, beannaich sinn,
beannaich a' bhean is a' chlann,
a' chearc bhuidhe is na h-eòin,
Cairistìona bheag is na pàistean,
chan iarrainn de shòlas an domhain,
ach buntàta na Dalach Cumhainge,
uisge na h-Allta Duibhe,
agus casan fada son dol tron abhainn,
a chur an t-each á Creag an t-Sagairt,
agus a bhith an Dail na Cabaige gu siorram sìorraidh,
Amen.
Oh you who enlarged the boll of meal,
Who reduced the price,
Bring the fruit of the sea to the shore,
Sow peace between neighbours,
Be at us, be with us,
Be in our midst, bless us,
Bless the wife and the children,
The yellow hen and the chicks,
Little Cairistìona and the little ones,
I do not want more of the joy of the world,
Than potatoes from the Dail Cumhang,
Water from the Allt Dubh,
And long legs to cross the river,
To get the horse out of Creag an t-Sagairt,
And to be in Dail na Cabage for ever and ever,
Amen

Ùrnaighean

Ar n-athair

(Our Father)

Ar n-Athair a tha air nèamh,
gun naomhaichear d' Ainm.
gun digeadh do Rìoghachd,
gun déanar do thoil,
air thalamh mar a nithear air nèamh.
Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil,
agus math dhuinn ar fiachan,
mar a mhathas sinne do ar luchd-fiach.
Agus na leig ann am buaireadh sinn,
ach saor sinn bhon olc,
oir is Leatsa an Rìoghachd,
agus a' chumhachd,
agus a' ghlòir,
gu sìorraidh,
Amen.
Our Father who art in heaven,
hallowed be Thy Name.
Thy kingdom come,
Thy will be done,
on earth as it is in heaven.
Give us this day our daily bread,
and forgive us our trespasses,
as we forgive those who trespass against us.
Lead us not into temptation,
but deliver us from evil,
for Thine is the Kingdom,
the power,
and the glory,
for ever and ever,
Amen.

Fàilte dhut a Mhoire

(Hail Mary)

Fàilte dhut a Mhoire, tha thu làn de na gràsan,
Tha an Tighearna maille riut.
Is beannaichte thu am measg nam mnà,
agus is beannaichte toradh do bhronn, Ìosa.
A Naoimh Mhoire, a Mhàthair Dhé,
guidh air ar son-ne na peacaich a-nis,
agus aig uair ar bàis.
Amen.
Hail Mary full of grace,
The Lord is with thee.
Blessed art thou amongst women,
and blessed is the fruit of thy womb, Jesus.
Holy Mary, Mother of God,
pray for us sinners,
now and at the hour of our death.
Amen.

Ìosa beannaich

(Jesus bless)

Ìosa beannaich is coisrig mi,
Beannaich mo bhiadh 's mo dheoch,
Ìosa a cheannaich mi gu daor,
Saor m' anam bho gach olc.



Beagan Gàidhlig
Amalaidhean cainnte - Analachd - Beannachdan - Cainnt nam beathaichean - Cainnt nan eun - Cluichean - Conaltradh nam beathaichean
Criomagan eile - Duain - Dubh-fhacail - Na meòir - Rannan - Ruapaisean - Saobh-chreideamh - Seann-eòlas - Tòimhseachain - Ùrnaighean