Tòimhseachain
A
| Tha bràthair aig bràthair mo athar, is cha bhràthair athar dhomh-sa e. | |
| 'athair fhèin | |
| Dé as seirbhe na an nimh? | |
| achmhasan nàmhaid | |
| Poit bheag neònach, a' seòladh tron an tìr, i loma-làn feòla, ’s a tòn os a cionn. | |
| ad | |
| Làir bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile. | |
| a' ghealach | |
| Long mhór nam bàn-seol bòidheach, nach faic thu a' seòladh ach an aghaigh gaoithe. | |
| a' ghealach | |
| Tha long a' seòladh cuain fo thàmh, le a clàran bàna is àrd-siùil dhubha, ach mun till i, rinn i a-rithist dha ’gnàthas, bidh a cruinn is a h-àrd-siùil bhàna mar ghruth. | |
| a' ghealach ùr | |
| Théid e dhan mhuir is cha bhàthar e, théid e dhan chiste is cha mhùchar e, théid e dhan teine is cha loisgear e, is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air. | |
| a' ghrian | |
| Cha mhac athar, no màthar dhomh e, cha mhac peathar, no bràthar dhomh e, ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille. | |
| a mhac fhéin | |
| Cha mhotha e na gràinean eòrna, 's còmhdaichidh e bòrd an rìgh. | |
| amharcan | |
| Rugadh i gun anam, bhàsaich i gun anam, ach bha anam innte. | |
| a' mhuc-mhara a shluig Iòna | |
| Chan ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais? | |
| anail | |
| Càit an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e? | |
| anns an àirc | |
| Tha mi nas àirde na beanntan an domhain, agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas, cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a ghunna, ged a tha mi nas truime na mìle tunna. | |
| an t-àile | |
| Rugadh e gun anam, bhàsaich e gun anam, agus bha anam ann. | |
| an t-uilebheist a shluig Iòna |
B
| Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill, siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg. | |
| bad ceò | |
| Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh, is chan eil an taigh as a aonais. | |
| balla | |
| Có iad na trì uilc a thig le aois? | |
| baothachd, boile is bàs | |
| Bean an taighe a' gliogadaich, bean an taighe a' glagadaich, bean an taighe ag ithe biadh, is cha do rinn i a-riamh altachadh. | |
| beart-làimhe | |
| Tomhais, tomhais a laoigh mhìn, gu dé fliodh na fraoch a tha am beinn, no dé an t-slat a bha làimh Fionn, a' dol tron choille dorcha luim? | |
| bioran-deighe | |
| Chì mi, chì mi fada bhuam, trì mìle thar a' chuain, fear gun fhuil, gun fheòil, gun anail, ag imeachd air an talamh bhuan. | |
| am bàs | |
| Chì mi thugam thar an eas, fear beag, cùirneanach, cas, cearb de dh'aodach fo a shlios, is làn an t-saoghail fo a los. | |
| am bàs | |
| Coinnlear òir air bòrd dà shliseig, tomhais a-nis e, is tomhais gu clis e. | |
| am bàs | |
| Cha siubhail e san adhar, cha siubhail e air làr, ach siubhlaidh e sàr, eadar làr agus adhar. | |
| bàta | |
| Rud nach gluais gun mhóran suim, mura bi a dhruim fodha. | |
| bàta | |
| Bó mhór odhar an cois na tràghad, laogh 'na déidh is i gun dàir. | |
| bàta is geòla | |
| Sheall mi a-mach air uinneig mo sheanmhar, is chunnaic mi am marbh a' giùlan nam beò. | |
| bàta is sgioba | |
| Maide caol cam sa choille ud thall is cha chluinn thu 'na cheann ach gliog agus gliong. | |
| beart-fhighe | |
| Sruth an aghaidh àirde. | |
| beathach ag òl dighe | |
| Làn taighe chaorach geala, is aon chaora dhearg ann, agus an té dhearg air dearg deargan a' chuthaich. | |
| beul, deud is teanga | |
| Craobh cham chaorainn, an taobh taigh an tuathanaich, ged a thigeadh luchd an t-saoghail, chan fhaodadh iad a buain ás. | |
| a bhean | |
| Chaidh ceathrar a-null, gun choit gun long, fear fada fionn, fear leadagach donn, fear a bhualadh nan stùc, fear a rùsgadh nan crann, is có a-nis a tha ann, có a-nis a tha ann? | |
| bliadhna, ràithean, seachdainean, làithean is uairean | |
| Craobh mhór agus ceithir meòir oirre, trì nid deug anns a h-uile meur, seachd uighean anns a h-uile nead, agus ceithir buill fhichead air a h-uile ugh. | |
| bliadhna, ràithean, seachdainean, làithean is uairean | |
| Chì mi, chì mi air fàire, ailleagan na gréine, fear an aodaich uaine, is snàithlean dearg mu a léine. | |
| bogha-froise | |
| Cailleach sa chùil, agus bior 'na dà shùil, is i a' gàireachdadh, gàireachdadh. | |
| brà | |
| Is e cròileagan beag cròileagan, tomhais tomhais tòimhseachan, a rinn mi fhìn is mi Dhòmhnallan, thoillidh ceud nan ceudan ann, is cha toill mi fhìn 'nam aonar ann. | |
| brà | |
| Am mac a' tighinn bhon a mhàthair, is a mhàthair ag imeachd uaithe. | |
| briseadh-latha | |
| Dubhag, dubhag a-mach an doras, is cnàimh duine aice 'na bheul. | |
| bròg | |
| Muc bheag dhubh a-staigh an doras is cnàimh duine 'na beul | |
| bròg | |
| Có a' bhròg nach deach a-riamh mu chois duine? | |
| bròg na cuthaige | |
| Tha sùilean ann, is chan fhaic e nì, tha e feumail a chum bidhe, tha rùsg 'ga chomhdachadh anns gach ball, cha chaora is cha chraobh a tha ann. | |
| buntàta |
C
| Fear gun fheart, gun neart, gun fhoill, siubhlaidh e a' bheinn is chan fhaicear a lorg. | |
| bad ceò | |
| Chan ith thu e,
chan òl thu e, is cha bhi thu beò ás aonais.
| |
| cadal | |
| Rugadh e mun do rugadh a athair,
agus chaochail e mun do rugadh a mhàthair. | |
| Cain no Abail | |
| Chì mi thall air faireagan,
air ailt na h-eilde ruaidhe, am mac a' tighinn bhon mhàthair, is a' mhàthair a' teicheadh bhuaidhe. | |
| camhanaich | |
| Tha moigean mollach, mollach,
a' sìor-thuineachadh a' mhonaidh, is gile e na gobhair an aonaich, is gile na caoraich am moigean mollach. | |
| canach | |
| Thugadh biadh gu triùir,
a-null thar lochan an fhéidh, dh'ith am biadh an triùir, is thill e dhachaigh leis fhéin. | |
| cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin | |
| Thugadh biadh gu dithis,
gu ceann Loch Ma-Ruibhe, dh'ith am biadh an dithis, is thill e dhachaigh a-rithist. | |
| cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin | |
| Thugadh biadh gu triùir,
gu cùl beinn a' cheò, dh'ith am biadh an triùir, is thill e dhachaigh beò.
| |
| cat a thugadh le iolair gu a nead is
a dh'ith an iolair is na h-eòin | |
| Fear beag spòrsail,
a' falbh na mòintich, le spuir agus bòtannan, is beul adhairce air. | |
| coileach-fraoich | |
| Bean bheag a' tighinn dhan bhaile seo,
is creagada creag air a muin, casan oirre, is i gun làmhan, is ultachan catha 'na h-uchd. | |
| cearc | |
| Am mac air an spàrr is an t-athair gun bhreith. | |
| ceò á teine nach dàinig thuige | |
| Is mìn i na sìoda
Is àirde i na taigh an rìgh. | |
| ceò á simileir | |
| Gu dé a tha nas cruinne na ball,
is nas faide na long? | |
| ceairsle-shnàtha | |
| Thiodhlaic mi mo naoinear nigheannan, mar sheachdnar ann an Cille-mo-Neachdainn ann an Ì. | |
| chaidh dithis a chur san aon uaigh aig dà àm | |
| Is cumhang an taigh seo,
dhan neach a nì ann tàmh, e gun uinneag, gun doras, 'ga fhosgladh gu bràth.
| |
| ciste-laighe | |
| Chì mi, chì mi fada bhuam,
leth-cheud aitheamh thar a' chuain, luchd gun fhuil, gun fheòil, gun anam, a' leamadh air talamh cruaidh.
| |
| clachan-mheallain | |
| Chì mi, chì mi fada bhuam,
trì fichead mìle anns a' chuan, fear gun fhuil, gun fheòl, gun anam, a' dannsa air an talamh fhuar.
| |
| clach-mheallain | |
| Muc dhubh dhorcha,
an ceann taigh Fhearchair, dithis 'na ceann, is triùir 'na h-earball. | |
| clach-stéidhe | |
| Dà fhear dheug san aon leabaidh,
agus gach aon air an iomall.
| |
| clàir baraille | |
| Is mairg aig am bi iad,
is mairg aig nach bia iad, có iad?
| |
| clann | |
| Chunnacas iongnadh leam an-diugh,
is mas iongnadh leam is iongnadh dhut, ceithir daimh gun fhuil, gun fheòil, a' spionadh feòir á talamh dubh.
| |
| cliath-chliata | |
| Bodach beag an taobh an teine,
bior 'na ghoile, is boineid air. | |
| clobha | |
| Bean bheag mhoganach,
suidhidh i taganach, bithidh i torrach a h-uile bliadhna, is bithidh laogh beag geal aice.
| |
| cnò | |
| Arsa cailleach:
nam biodh agam na bheil agam, uiread eile, is a leth uairead, dà ghèadh, agus bloigh geóidh, dhéanadh sin fichead. Có mheud a bha aice?
| |
| cóig | |
| Anna bheag a' chòta bhàin,
mar as motha a ghabhas i, is mar as faide a sheasas i, 's ann as lugha a bhios i a' fàs. | |
| coinneal | |
| Nighean bheag a' chòta bhàin,
mar as motha a bhios i ag ithe, 's ann as lugha a bhios i a' fàs. | |
| coinneal | |
| Eunan beag foirmeil, foirmeil,
bithidh e a-muigh ri sìde stoirmeil, is ged nach do chuir e a-riamh a chùl ann, chan eil feum ri aimsir chiùin ann.
| |
| coileach-gaoithe | |
| Siubhlaidh e na lianagan,
siubhlaidh e na brianagan, siubhlaidh e an t-iomaire fada, is thig e dhachaigh anmoch. | |
| corran | |
| Có an crann nach déan treabhadh ged a chuireadh tu daoine 'ga stiùireadh agus eich 'ga tharraing? | |
| crann-sgadain | |
| Taigh beag anns an àirde an iar,
is cóig ceud doras air. | |
| criathar | |
| Tha bodach beag sa chùil sin,
is dà shùil deug ann. | |
| criathar | |
| Crioganta, craganta, cruaidh,
is tana lom a ghruaig, is cruaidh craiceann a dhà làimhe, a shùilean am meadhan a chléibh, agus a fheòil am meadhan a chnàmh. | |
| crùbag | |
| Is tana craiceann do ghruaidh,
is cruaidh craiceann do dhà làmh, tha do dhà shùil am meadhan do chliabh, agus do fheòl am meadhan do chnàmh. | |
| crùbag | |
| Ciamar a thaghadh Fionn a chù?
Sùil mar àirne, cluas mar dhuilleig, uchd mar ghearran, speir mar chorran, is an t-adhbrann fada bhon cheann. | |
| Bean an taighe a' gliogan,
bean an taighe a' glagan, bean an taighe a dh'ith am biadh, is cha do rinn a-riamh altachadh.
| |
| cuibheall-snìomha | |
| Caora bhiorach, bhiorach,
i gu sionnach, sionnach, i gu luath, gu luath, braith-lìn m' a tòin, is i a' glaodhadh, a' glaodhadh.
| |
| cuibheall-snìomha | |
| Sìor dhol a-null,
freagraidh i dha a srian, marcaichidh i gu dian, is i ag atharrachadh nan searrach gu tric, muinichidh i air an fhéill, is math agam fhéin i a-nochd. | |
| cuibheall-snìomha | |
| Có e an currac nach do rinneadh a-riamh le làmhan daoine? | |
| currac-an-rìgh |