Tòimhseachain
Am mùthadh mar a bha e 00:39, 19 dhen Dùbhlachd 2011 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with "==A== {| style="width: 60%;" border="0" |- | <span style="color: #008000;">Tha bràthair aig bràthair mo athar,<br />is cha bhràthair athar dhomh-sa e.</span> |- | || <span sty...")
A
Tha bràthair aig bràthair mo athar, is cha bhràthair athar dhomh-sa e. | |
'athair fhèin | |
Dé as seirbhe na an nimh? | |
achmhasan nàmhaid | |
Poit bheag neònach, a' seòladh tron an tìr, i loma-làn feòla, ’s a tòn os a cionn. | |
ad | |
Làir bhàn sa bheinn ’s a h-aghaidh air a' bhaile. | |
a' ghealach | |
Long mhór nam bàn-seol bòidheach, nach faic thu a' seòladh ach an aghaigh gaoithe. | |
a' ghealach | |
Tha long a' seòladh cuain fo thàmh, le a clàran bàna is àrd-siùil dhubha, ach mun till i, rinn i a-rithist dha ’gnàthas, bidh a cruinn is a h-àrd-siùil bhàna mar ghruth. | |
a' ghealach ùr | |
Théid e dhan mhuir is cha bhàthar e, théid e dhan chiste is cha mhùchar e, théid e dhan teine is cha loisgear e, is théid e gu bòrd an rìgh is cha bhi nàire air. | |
a' ghrian | |
Cha mhac athar, no màthar dhomh e, cha mhac peathar, no bràthar dhomh e, ach b' e mo mhàthair bu mhàthair do mhàthair a' ghille. | |
a mhac fhéin | |
Cha mhotha e na gràinean eòrna, 's còmhdaichidh e bòrd an rìgh. | |
amharcan | |
Rugadh i gun anam, bhàsaich i gun anam, ach bha anam innte. | |
a' mhuc-mhara a shluig Iòna | |
Chan ith thu e, is chan òl thu e is cha bhi thu beò as aonais? | |
anail | |
Càit an do ghairm coileach far an cuala an saoghal e? | |
anns an àirc | |
Tha mi nas àirde na beanntan an domhain, agus gun bhreug tha mo leud gun tomhas, cùmaidh an sealgair mi suas an cluais a ghunna, ged a tha mi nas truime na mìle tunna. | |
an t-àile | |
Rugadh e gun anam, bhàsaich e gun anam, agus bha anam ann. | |
an t-uilebheist a shluig Iòna |